Iom-tharraing 3+


Nuair a bha mi a’ sgrìobhadh Luathas-teichidh, a’ chiad chaibideil ann an ACDD a thàinig a-mach mar sgeulachd ghoirid an toiseach ann an SAORSA, rinn mi mòran rannsachaidh air mar a bhiodh e coltach a’ dol suas ann an rocaid, cuid a bu mhotha dheth a’ coimhead seann bhideoan air Youtube de thogail-air nam miseanan Apollo agus an Space Shuttle.  Seo am bhideo as fheàrr leam asta.

Is lugha orm an aithriseachd sin a nì NASA aig togail-air mar as àbhaist: “And LIFT OFF of the Space Shuttle Atlantis and its mission to discover if ants can sort tiny screws in space...”  Thalla ’s tarraing.  Chan e sin na tha na speuradairean fhèin a’ cluinntinn.  Ach anns a’ bhideo seo (1994, Columbia, STS-65), cluinnear an còmhradh ceart air an rèideo eadar na speuradairean agus NASA, agus chithear, taobh a-staigh an Shuttle, dìreach mar a tha e aig togail-air agus iad ag èiridh gu cuairt na Talmhainn taobh a-staigh naoi mìonaidean.

Tha e fada ach ’s fhiach e a choimhead, gu sònraichte aig 8:20, nuair a chanas Ceannard Cabana, “Standby for some excell here.  Just bear with it,” agus cluinnear na speuradairean a’ strì gus anail a tharraing an aghaidh iom-tharraing 3+.  Aig 9:00, cluinnear rudeigin a’ briseadh le fòrsa an luathachaidh fiù ’s. Bhruidhinn an dà chuid, speuradairean an Shuttle agus Apollo, air gu dè cho làidir ’s a tha an crathadh nuair a tha iad a’ togail orra an toiseach, agus chithear sinn gu soilleir anns a’ chiad bheagan mhìonaidean (tòiseachadh aig 3:30 air a’ bhideo).  Agus an uair sin aig MECO (10:15), tha Cabana ag ràdh, “Welcome to space guys...”  Nach biodh e math sin a chluinninn uaireigin nad bheatha!

Chaidh seo a phostadh ann an fànas. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s