Chuir mi cùrsa Memrise air dòigh airson ACDD, an dòchas gum bi e feumail don chuid a tha ùr gu leughadh anns a’ Ghàidhlig. Bha mi a’ smaoineachadh, bu dòcha, gun dèanadh daoine an cùrsa mus tòisicheadh iad air an leabhar, agus mar sin, bhiodh am briathrachas aca mar thà agus bhiodh an leughadh na bu thlachdmhor mar thoradh. Cha bhiodh aca ri smaoineachadh mu dheidhinn: bhiodh e na bu nàdarra agus na bu choltaich ri leughadh anns a’ Bheurla mar sin. Sin an dòchas agam co-dhiù.
Bidh mi fhìn a’ cleachadh Memrise gus an Spàinnis agam a leudachadh agus tha e ag obair sgoinneil math dhomh. ’S e geamachadh no gamification de dh’ionnsachadh a th’ ann, agus tha eileamaid de fharpais agus de lìonraidh sòisealta ann cuideachd, ach cha leig sibh leas pàirt a ghabhail anns an taobh sin, ach ma thogas sibh. Mholainn gu mòr e. Bhiodh ùidh agam ann am beachdan ma dheidhinn.
Tha mi direach (duilich – tha mi gun sracan air an inneal seo) aig caibideil 1.7, agus tha a ag obrachadh dhomhsa. Tha e gu math brosnachail ri leughadh – moran taing ’son an obair chruaidh a chuir thu ann.
A Mhorag chòir, Glè mhath! Tha mi toilichte cluinntinn gu bheil Memrise ag obair cho math dhut. Chuir mi a’ chiad chaibideil air o chionn greis, agus tha mi duilich nach d’ fhuair mi cothrom barrachd a dhèanamh on uair sin. Feuchaidh mi ris an darna caibeidil a chur suas a dh’aithghearr. Cuideachd, ceud taing airson nam faclan còir air librarything.com. Tha mi an dòchas gun còrd an còrr dhen leabhar riut. Leig fios dhomh! Le meas, Tim
A Thiom, seall air http://www.librarything.com/topic/97476 – tha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn ACDD, agus tha beachdan ùra ann. Seall bho mu teachdaireachd 41.
A Mhòrag chòir, Ceud taing! Tha na beachdan sin gu math inntinneach. Tha e math a chluinntinn gu bheil daoine a’ faighinn tlachd às an nobhail. ’S e obair aonranach a th’ ann an sgrìobadh agus tha e gu sònraichte brosnachail cluinntinn gu bheil do chuid sgrìobhaidh a’ còrdadh ri leughadairean. Aig deireadh na cùise, bha mi ag amas air sgeulachd làidir. Bha mi ag iarraidh sgeulachd a sgrìobhadh a bhiodh a’ tàladh an leughadhair a-steach dhan t-saoghal a chruthaich mi. Tha fios agam gu bheil leughadh anns a’ Ghàidhlig doirbh dha na h-ùile, agus ’s e nobhail dhoirbh, inbheach a th’ ann. Mar sin, bha mi ag iarraidh sgeulachd làidir a sgrìobhadh gus am b’ fhiach an obair a dhèanadh an leughadair. Tha na beachdan anns a’ bhuidhinn-chòmhraidh an sin nan toileachas mòr dhomh mar sin. Ceud taing airson an cur air adhart thugam. Tim
Pingback: Memrise … ceum air cheum | Air Cuan Dubh Drilseach