Tha mi fhathast ag obair air a’ chùrsa air Memrise. (Faicibh geàrr-chunntas an seo.) Tha mi air a’ mhòr-chuid dhen bhriathrachas ann an Caibideil II a chur a-steach, agus tha mi a-nis a’ feuchainn ri barrachd fhuaimean a chur ann. Tha am prògram-clàraidh ann am Memrise fhèin cianail doirbh a chleachdadh agus mar sin, tha mi a’ clàradh nam fuaimean aig an taigh air Audacity agus gan cur a-steach le làimh, fear seach fear. Slaodach ga rìribh ach sin an aon dòigh gus an ùraich muinntir Memrise an eadar-aghaidh aca.
Cuideachd, tha mi fhathast a’ leughadh tron leabhar agus a’ dèanamh liosta-briathrachais dhan chùrsa. A chionn ’s gur e gnìomh cho fada a th’ ann, tha mi ag amas air a’ bhriathrachas as dorra an toiseach, agus a’ cur romham am briathrachas sin a chur a-steach ann an ùine nach bi ro fhada.
Tha mi toilichte faicinn gu bheil mòran a’ dèanamh feum às a’ chùrsa, agus tha dithis neo triùir air an t-uabhas a dhèanamh ann. Ma tha sibh a’ dèanamh a’ chùrsa, bu toil leam beachdan a chluinntin air neo molaidhean fhaighinn air mar a thèid a mhathachadh, an seo neo air an fhoirm aig Memrise fhèin. Leigibh fios dhomh air mar tha e a’ dol agus ma chì sibh mearachd anns a’ Ghàidhlig neo anns a’ Bheurla, bhithinn buidheach cluinntinn ma deidhinn.