Bidh mi fhìn agus Meg Bateman a’ cur ar leabhraichean air bhog ri chèile ann an Slèite, anns an sgìre againn fhìn, aig cuirm shònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig, Diciadain, 28 An Lùnastal aig 7.30 f. Bidh Meg a’ comharrachadh foillseachadh a’ leabhair bhàrdachd ùir aice, Transparencies, a tha na chruinneachadh de dhàin anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig, agus bidh mi fhìn a’ comharrachadh foillseachadh ACDD. Bidh fìon ’s nibbles blasta againn, agus bidh mi fhìn agus Meg a’ leughadh (anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla) bho na leabhraichean againn. Tha an leabhar ùr aig Meg dìreach sgoinneil agus air cliù nàiseanta a choisinn mar thà. ’S e urram a th’ ann gum bi mi a’ cur na nobhail agam air bhog còmhla ri Meg, aig an dachaigh againn, Sabhal Mòr Ostaig, agus gu sònraichte iomchaidh a chionn ’s gun do rinn Meg deasachadh air ACDD agus gun tug i mòran taic agus brosnachaidh dhomh fhad ’s a bha mi ga sgrìobhadh. Ma tha sibh ann an Slèite no faisg, feuch gun tig sibh ann. ’S e oidhche craicte spòrsail a bhios againn — fada nas coltaich ri pàrtaidh na leughadh foirmeil no òraid.
Leanaibh sinn air Twitter:
Ceòl nan Speuran
Làraichean
- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom
- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Cùrsa Memrise ACDD
Roinnean-seòrsa
- ceòl (31)
- corpas ficsean-saidheans (16)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (87)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (126)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (5)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.