Nuair a bha mi a’ sgrìobhadh Luathas-teichidh, a’ chiad chaibideil ann an ACDD a thàinig a-mach mar sgeulachd ghoirid an toiseach ann an SAORSA, rinn mi mòran rannsachaidh air mar a bhiodh e coltach a’ dol suas ann an rocaid, cuid a bu mhotha dheth a’ coimhead seann bhideoan air Youtube de thogail-air nam miseanan Apollo agus an Space Shuttle. Seo am bhideo as fheàrr leam asta.
Is lugha orm an aithriseachd sin a nì NASA aig togail-air mar as àbhaist: “And LIFT OFF of the Space Shuttle Atlantis and its mission to discover if ants can sort tiny screws in space...” Thalla ’s tarraing. Chan e sin na tha na speuradairean fhèin a’ cluinntinn. Ach anns a’ bhideo seo (1994, Columbia, STS-65), cluinnear an còmhradh ceart air an rèideo eadar na speuradairean agus NASA, agus chithear, taobh a-staigh an Shuttle, dìreach mar a tha e aig togail-air agus iad ag èiridh gu cuairt na Talmhainn taobh a-staigh naoi mìonaidean.
Tha e fada ach ’s fhiach e a choimhead, gu sònraichte aig 8:20, nuair a chanas Ceannard Cabana, “Standby for some excell here. Just bear with it,” agus cluinnear na speuradairean a’ strì gus anail a tharraing an aghaidh iom-tharraing 3+. Aig 9:00, cluinnear rudeigin a’ briseadh le fòrsa an luathachaidh fiù ’s. Bhruidhinn an dà chuid, speuradairean an Shuttle agus Apollo, air gu dè cho làidir ’s a tha an crathadh nuair a tha iad a’ togail orra an toiseach, agus chithear sinn gu soilleir anns a’ chiad bheagan mhìonaidean (tòiseachadh aig 3:30 air a’ bhideo). Agus an uair sin aig MECO (10:15), tha Cabana ag ràdh, “Welcome to space guys...” Nach biodh e math sin a chluinninn uaireigin nad bheatha!
Nuair a bha mi ag obair air ACDD, bha leth-bhreac de The Algebraist le Iain M Banks ri taobh mo leapa agus chleachd mi an nobhail aige mar reul-iùil dhan sgrìobhadh agam fhìn. ’S e The Algebraist an leabhar as fheàrr leam le Banks. Is toil leam am ficsean saidheans aige air fad, agus is toil leam na leabhraichean ficsean-litreachail aige cuideachd, gu sònraichte The Crow Road agus The Wasp Factory, ach dhomhsa dheth, tha The Algebraist a’ seasamh a-mach thar càch. Saoilidh mi gur ann anns The Algebraist a chìthear mac-meanmna ainmeil an ùghdair ag obair aig àrd a chomais, agus tha an sgrìobhadh gu sònraichte làidir ann cuideachd. Tha an sgeulachd làn na h-àbhachd dorcha leis an aithnichear Banks, agus air a h-innse ann an rosgrannan a tha cho soilleir ri glainne. Fhad ’s a bha mi ag obair air ACDD, thàinig mi air ais do The Algebraist uair agus uair, a’ faighneachd orm fhìn, an robh na rosgnannan agamsa a’ tighinn faisg air an aon soilleireachd?
Tha mi a’ caoidh na naidheachd gun do chaochail Banks, an toiseach, mar leughadair, a chionn ’s gun do chaill sinn cuideigin cho tàlantach cho garbh òg, ach cuideachd, mar sgrìobhadair, a chionn ’s gun do chaill mi gaisgeach.
Èistibh ri Sameer Parekh anns a’ bhideo seo, a-mach air na robotan itealach a tha e a’ togail. Anns gach darna rosgrann tha e ag ràdh rudeigin craicte iongantach mar:
“building the robots that will effectively be our descendents”
“flying robots was a new inovation that would change the world”
“what really excites me is the future where machines are intelligent”
“everyone will have a flying robot following them around, using them as a pet butler”
’S e an rud a th’ ann: chan eil Mr Parekh craicte idir. Tha teicneòlas ga leasachadh cho luath a-nis; bidh an àm ri teachd iar-dhaonna againn ann an corra bhliadhna. Cò tha a’ beachdachadh air dè tha seo a’ ciallachadh gu moralta neo gu prataigeach, air dè seòrsa buaidh a bheir seo air daoine bitheòlach? Luchd-poileataics? Irisichean? Feallsanaichean? Glè bheag dhiubh. Ficsean-saidheans: sin an aon àite far an tèid meòrachadh air na bhios na h-atharraichean a’ ciallachadh dhuinn. Oh, agus Mike Rugnetta bhon Idea Channel:
Tha an t-singilteachd na cuspair anns a’ bhideo-ciùil ùr seo le Steve Aoki. Tha na h-ìomhaighean ann sgoinneil, agus tha an ceòl craicte cruaidh cuideachd.
Thàinig barrachd dhen agallamh a rinn mi le Paul Cockburn a-mach an clò air blog aig an iris air-loidhne, ARC.
Debut science fiction novels are not uncommon, but there’s one thing that immediately sets Seattle-born Tim Armstrong’s On a Glittering Black Sea apart from all other science fiction published this year in the UK. It’s not necessarily the worlds his characters inhabit — an advanced autocratic and hyper-capitalist civilisation, linking several planets and space stations. Nor is it the feel of the novel, which Tim suggests “shifts between whimsy and menace, with elements of space-opera adventure, dark cyberpunk, romance, and rock-band road trip all mixed together.” No, it’s much simpler than that: it’s that the title on the cover reads Air Cuan Dubh Drilseach, and you won’t be able to read the novel unless you have a pretty good understanding of Scottish Gaelic.
Bha mi tràth tighinn gu punc ann an dòigh, ach anamoch ann an dòigh eile. Fhuair mi a’ chiad chlàr punc agam ann an 1979 nuair a bha mi 12 − an clàr uaine leis a’ Clash − ach cha deach mi gu cuirm punc cheart bheò gus an robh mi anns an oilthigh: Na Ramones ann an 1986. Dh’èist mi ri punc anns an eadar-ama, tro na h-ochdadan, ach cha tàinig e a-steach orm a-riamh gum b’ urrainn dhomh a dhol gu cuirm punc bheò ann an Seattle aig an àm. Chan eil fhios agam carson − gu dearbh, tha fios agam a-nis gun robh punc gu leòr a’ dol air adhart ann an Seattle mun àm sin − ach mar bhalach às na burbs, cha do smaoinich mi gum b’ urrainn dhomh bruidhinn ris an aon punc anns an àrd-sgoil agam agus cantail ris, “An toir thu gu cuirm punc mi?” Tha fhios ’am: bha mi òg is goireach.
Co-dhiù, punc ann neo às, cha robh sin gu cus diofar dhomh, oir ged a bha mi titheach gu leòr air punc aig an àm, bha mi ga rìribh air mo bheò-ghlacadh le stoidhle-chiùil eile, le tonn-ùr, agus gu sònraichte leis a’ chòmhlan mhìorbhaileach sin, DEVO. Chan eil fhios agam ciamar a ghabh mi ùidh annta, ach b’ e fìor neach-leantainn a bh’ annam. Bha a h-uile clàr aca agam agus nuair a dh’ionnsaich mi gum biodh iad a’ cluich ann an Seattle, air an 22 latha dhen Dùmhlachd ann an 1982, aig a’ Paramount Theatre, cheannaich mi tiocaidean. Bha a’ chuirm na fosgladh-sùla dhomh. Cha robh mi aig cuirm-chiùil cheart ron sin agus tha mi a-nis a’ coimhead air ais air an oidhche sin mar chrìoch eadar dà linn nam bheatha: Tim mar bhalach òg agus Tim mar dheugair. Cha robh mi ach 15 bliadhna a dh’aois.
Tha a’ chiad òran loisgte nam eanchainn cho soilleir ri nìon. Chaidh na solasan uile dheth anns an talla agus thoinn litreachan mòra geala ri chèile, tè seach tè, air sgàilean farsaing aig cùl an àrd-ùrlair: DEVO. An uair sin, chaidh aon solas-spot làidir air an t-seinneadair, Mark Mothersbaugh, ann am meadhan an àrd-ùrlair agus thòisich e sèinn, “Hello, this is DEVO.” Chaidh mi fhìn agus an talla air fad às ar rian.
Anns a’ bhideo gu h-àrd chì sibh DEVO a’ cluich air a’ phrògram Fridays ann an 1980, aig àrd an ealain. Ann an stoighle an ciùil agus an ìomhaigh, bha iad eu-choltach ri còmhlan eile aig an àm agus uile gu lèir gun seise: ficsean-saidheans ann an riochd ceòl, fada ro linn teacno. Cuideachd, chithear gun robh iad a’ cluich beò anns a’ bhideo gu h-àrd – chan e lip-syncing a tha sin idir – agus abair gun robh iad toight. Iongantach math.
Is gasta linn uile am faclair aig Edward Dwelly. ’S e miorbhail a th’ ann gun deach a chruinneachadh idir agus tha e luachmhor thar tomhais, ach aig a’ cheart àm, tha e doirbh a chleachdadh ann an iomadh dòigh. Chan eil eisimpleirean gu leòr anns an fhaclair aig Dwelly de dh’fhaclan suidhichte ann an co-theacsa agus mar sin, leughar mòran seann fhaclan anns an fhaclair aige a bhiodh gu math feumail fhathast is dòcha, ach gun bheachd idir air ciamar a thèid an cleachdadh gu ceart.
Cha chanar an aon rud mun fhaclair aig Colin Mark. Fo gach ceann, chuir Mark mòran eisimpleirean de na faclan air an cleachdadh ann an diofar sheaghan. Le cànanan Ind-Eòrpach, tha e gu sònraichte cudromach gun tuigear mar a thèid ciall ainmearan agus ghnìomhairean atharrachadh a rèir cò na roimhearan ris an tèid an cleachdadh, agus tha am faclair aig Mark gu h-àraidh làidir a thaobh seo. Cuideachd, on a chaidh am faclair a chruinneachadh agus Mark a’ cleachdadh litreachas na ficheadamh linne mar bhun-stèidh, thathar an earbsa gu bheil na faclan uile fhathast cumanta gu leòr agus a cheart cho freagaireach do sgrìobhadh anns an aonamh linn air fhichead.
Nuair a bha mi a’ sgrìobhadh ACDD, chaidh mi tron fhaclar aig Mark, ga leughadh duilleag seach duilleag mar nobhail, agus a’ gabhail nòtaichean. Gu dearbh, reub mi dà leth-bhreac nam mìrean ri linn dhomh an nobhail a sgrìobhadh. B’ e cleas cudromach a bh’ ann a chum am briathrachas agam a leudachadh ann an dòigh a fhreagradh air nobhail fhicsean-saidheans, ach cuideachd, b’ e togail-inntinn a bh’ ann dhomh. Fhad ’s a bha mi ga leughadh, thàinig iomadh beachd ùr thugam a thaobh cleachdadh cànain, seantansan ùra, agus rudan a thachradh anns an sgeulachd fhèin. ’S e tobar dhomhainn a th’ anns an fhaclair seo de bheartas na Gàidhlig. Tha e gu math daor ceart gu leòr (agus gu brònach, tha an ceangal cianail brisg airson faclair a chleachdar gach latha – nàire air Routledge) ach ’s fhiach e gu cinnteach, agus mholainn e do dhuine sam bith, ge be ciamar a chleachdas iad an cuid Gaidhlig nam beatha.
A’ togail air a’ bhogadh sgoinneil a rinn sinn ann an Glaschu seachdain sa chaidh, chaidh ACDD a chur air bhog dà thuras eile ann an stoidhle punc Disathairne ann an Dùn Èideann. Air an fheasgar, chluich Oi Polloi cuirm mhì-laghail ann am meadhan an latha aig a’ bhùth-leabhair, Elvis Shakespeare, air Ceum Lìte.
Air Cuan Dubh Drilseach ri reic ann an Elvis Shakespeare
’S e bùth cianail beag a th’ ann agus mar sin, chluich Oi Polloi taobh a-staigh agus bha a’ mhòr-chuid dhen èisteach taobh a-muigh air a’ chabhsair. Chluich Oi Polloi seat slàn Gàidhlig agus ged a bha sluadh mòr againn agus Lìte air fad a’ rocadh ris na fuaimean aig Oi Polloi, cha tàinig am poileas.
Puncairean Dùn Èideann air beulaibh Elvis Shakespeare air Ceum Lìte
Ach thàinig mòran seann charaidean, nam measg Roddy (Atomgevitter/Na Gathan/An t-Uabhas/xSaxonx) agus Susan Bell.
Roddy air beulaibh Elvis Shakespeare
Le taic bho Cam ann an Oi Polloi, rinn mi fhìn pios rap a-mach às an leabhar agus chaidh e na b’ fhèarr na bha mi an dùil. Bha e èibhinn co-dhiù.
Mi fhìn a’ rapadh dha na puncairean ann an Elvis Shakespeare
An toil leibh na brògan gorma nìon agam? ’S ann airson fànas a tha iad. Seo triptych a thog Roddy:
A’ leigeil an dàin ann an Lìte
Chì sibh beagan dhen t-seat aig Oi Polloi an seo is iad a’ cluich an òrain Òigridh air na Sràidean, beagan “complimentary wine” an làimh Ruairidh, agus Roddy a’ seinn bhon èiseachd:
Agus seo iad a’ cluich Carson:
Air an oidhche, ghluais sinn gu bàta aig a’ chidhe ann an Lìte, The Cruz.
The Cruz ann an Lìte
Chluich The Pink Dogs an toiseach.
The Pink Dogs
Agus an uair sin, ghabh Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann ris an àrd-ùrlar. Bha Charlotte an ceann gnothaich agus chùm i deagh smachd air na puncairean.
Charlotte mar bhean an taigh
B’ e sluadh doirbh a bhiodh ann do cheòladairean traidiseanta, bàta làn puncairean, ach rinn na h-oileanaich fìor mhath, agus bha amannan ann nuair a bha na puncairean uile sàmhach agus ag èisteachd ris a’ cheòl dhrùidhteach aca.
Òran traidiseanta Gàidhlig dha na puncairean
Chuir Charlotte ACDD air bhog aon uair eile agus rinn mi fhìn agus Cam am pìos rap againn a-rithist. Chaidh e fiù ’s na b’ fhèarr air an oidhche, chanainn. An dèidh a’ bhogaidh, ghabh Oi Polloi ris an àrd-ùrlar, agus mar a bha dùil, chaidh an talla buileach às a rian.
Oi Polloi anns a’ Cruz
Bha “aoigh sònraichte” aig Oi Polloi, Roddy air a’ mheur-chlàr. Chluich Oi Polloi seat slàn Gàidhlig eile a bha àrd agus cruaidh.
Roddy le Oi Polloi
A bharrachd air Roddy, thàinig mòran sean charaidean dhan oidhche cuideachd, nam measg, an t-àrd-ollamh (ùr!) Wilson McLeod agus Seonaidh MacAdhaimh. Chuir Balsall Heathens crioch chraicte air an oidhche agus chaidh a h-uile rud fada na b’ fhèarr na bha sinn an dòchas. Cha do bhàsaich duine agus chaidh ACDD a chur air bhog ann an stoidhle cheart.
Mar a thuirt Charlotte, bha e iomchaidh gun do dh’ionnsaich mi a’ Ghàidhlig am measg nam puncairean ann an Dùn Èideann an toiseach agus gun tàinig sinn air ais gus an nobhail agam a chur air bhog aig cuirm punc ann an Lìte. Ged nach robh a’ Ghàidhlig aig mòran anns an èiseachd aig an dà chuirm, bha e brosnachail faicinn cho taiceil agus fosgailte ’s a tha na puncairean ann an Dùn Èideann dhan Ghàidhlig.
Ceud mìle taing do ChLÀR, foillsichear ACDD, airson taic a thoirt dha na diofar chuirmean-bogaidh seo, an tè ann an Glaschu cho math ris an dà chuirm ann an Dùn Èideann. Tha CLÀR air a bhith cianail cudromach ann an leasachadh litreachas na Gàidhlig aig toiseach na h-aonamh linne air fhichead. ’S e buidhean lèirsinneach a th’ annta gun teagamh!
Ron bhogadh aig Aye Write ann an Glaschu, bhruidhinn mi ri Paul Cockburn mu ACDD agus sgrìobh e deagh alt a tha dìreach air nochdadh ann am Bella Caledonia.