Prepare to make the jump to lightspeed…

Mar a tha C-3PO ag ràdh, “It’s impossible to go to light speed,” ach chan ann air sàilleabh gu bheil an hyperdrive briste, ach air sàilleabh gu bheil e an aghaidh nan riaghailtean fiosaics a rèir na dàimheachd sònraichte aig Einstein. Nuair a sgrìobh mi ACDD, bha mi ag amas air ficsean-saidheans ‘cruaidh’ anns an t-seagh gun robh mi ag iarraidh gum biodh am fiosaics ceart agus so-chreidinn, ach coltach ri iomadh ficsean-saidheans eile (Star Wars, Battlestar Galactica, Star Trek), bhris mi aon riaghailt cudromach airson na sgeulachd, agus ′s e sin an riaghailt aig Einstein nach urrainnear siubhail nas luaithe na solas. ′S e peacadh cumanta a th’ ann ann am ficsean saidheans, ach a rèir coltais, tha buidheann bheag aig NASA a-nis a tha ga rìribh ag obair air lùbadh spàs agus siubhail nas luaithe na solas. Tha iad air an oir anns a’ choimhearsnachd fhiosaics gu cinnteach, agus cuid gu math teagmhach mu na teòiridhean aca, ach ma tha iad ceart, b’ urrainn dhuinn siubhail dha na reultan ann an làithean seach bliadhnaichean neo linntean.  Chan eil mi fhìn fiosraichte gu leòr gus breithneachadh air an obair, ach ma tha thu ag iarraidh feuchainn agus long-fhànais nas luaithe na solas a thogail, seo am matamataics:

lubadh

Pios cèic!

Via space.com, io9.

Chaidh seo a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s