Ri spùinneadh air a’ chuan mhòr

Ann an saoghal làn saothrach, làn riaghlaidh, làn ceannais, tha aon chuibhreann mhòr dhen chruinne air fhàgail a tha fhathast ìre-mhòr saor: a’ mhuir.  Thachair mi ris na gaisgich seo nuair a bha mi fhìn agus mo charaidean a’ fuireach air co-chomann punc anns a’ choille pìos beag taobh a-muigh Seattle.  B’ e amas na buidhne againn, ar deisealachadh fhìn do bheatha shaor shona a’ seòladh air a’ chuan mhòr.  Thàinig an òigridh seo dhan talamh againn goirid mus do dh’fhalbh iad fhèin air an eachtradh a chlàraich iad gu h-àrd, agus bha e soilleir dhuinn an uair sin gun robh iad fada air toiseach oirnne air an t-slighe a dh’ionnsaidh spùinneadaireachd.  Tha sguatadh ann an toglaichean neo anns a’ choille sgoinneil, ach cuideachd, eadar am poileas agus na siantan, dh’fhaodadh e a bhith doirbh agus cunnartach.  Tha rudeigin gu sònraichte tarraingeach mu dheidhinn seòladh air falbh agus a’ tighinn beò gun obair ann am bàta — a’ cleachdadh na mara mar aon sguat mòr farsaing.  Aig a’ cheann thall, cha deach mi fhìn agus mo charaidean air eachtradh seòlaidh.  Na àite, chuir sinn Mill a h-Uile Rud ri chèile agus chaidh sinn air eachtradh eile, ach a’ coimhead a’ bhideo gu h-àrd, tha mi fhathast air mo tharraing dhan chleas aig na spùinneadairean, agus cò aig’ a tha fios?  Tha mi òg fhathast.  Aon latha.  Arrg!

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

An do loisg Han an toiseach?

Bha mi dìreach aig an aois cheart nuair a chunnaic mi Star Wars an toiseach. 1977 – bha mi deich agus sgoilt am film m’ eanchainn; bha e cho math. Chan fhaca mi a leithid a riamh, agus chan fhaca na duine eile. ’S e fìor ùrachd a bh’ ann. Bha The Empire Strikes Back fiù ’s na b’ fheàrr: dorcha, doirbh, cunnartach. Ach nuair a thàinig Return of the Jedi a-mach ann an 1983, bha e soilleir gun robh rudeigin a’ dol ceàrr, nach robh George Lucas uile gu lèir toilichte leis a’ bhlas a bh’ air a’ chiad dà fhilm. Ann an Return of the Jedi, bha e mar gun robh dà fhilm eadar-dhealaichte a’ dol air adhart aig a’ cheart àm, film Star Wars traidiseanta dha na h-inbhich, agus film eile, fiolm ‘teaghlaich’ dhan chloinn, le Ewoks is eile, film ‘cute.’ Bha na trì filmichean prequel tiamhaidh dona san aon seagh, agus an uair sin, thòisich Lucas ag atharrachadh nan seann filmichean, a’ cur earannan ùra riutha le CGI agus fiù ’s ag atharrachadh na sgeulachd. Gu h-iomraiteach, dh’atharraich Lucas an earrann eadar Han Solo agus Greedo anns a’ chantina ann am Mos Eisley anns a’ chiad film, gus am biodh Greedo a’ losgadh air Han an toiseach, gus nach biodh Han a cheart cho dorcha mar charactar. Chaidh na seann dreachan a-mach à clò, agus tha e doirbh a-nis fiù ’s leth-bhreac dhen t-seann dreachan fhaicinn.

Mar sin, nuair a thàinig an naidheachd a-mach gum biodh J. J. Abrams a’ dèanamh an ath fhilm Star Wars, rinn mòran gàirdeachas gun tilleadh na filmichean Star Wars anns an t-seann nòs, agus rinneadh mòran mholaidhean do Abrams air mar a nì e an ath fhilm ann an stoidhle a’ chiad dà. Seo am fear as fheàrr leam:

A’ coimhead seo, tha pàirt dhìom ag iarraidh a ràdh, “Amen brother!” agus tha mi an dòchas gum bi an ath Star Wars sgoinneil, ach tha pàirt eile dhìom nas fhìorachasaich mu dheidhinn. ’S e fìrinn na cùise a th’ ann: cha do loisg Han an toiseach; loisg Greedo an toiseach, a chionn ’s gur ann mar sin a tha Lucas, sealbhadair nam filmichean, ga iarraidh. Ma tha thu nad neach-leantainn de bhathar corpora – film Hollywood, sgioba spòrs dreuchail, caractar ann an comaics – tha e a’ ciallachadh gu bheil thu a’ cur d’ ùine agus do chridhe ann an rudeigin anns nach eil sealbh agad, agus mar sin, rudeigin air nach eil smachd agad. Chan ann leinne a tha Star Wars, ach le George Lucas, agus leis an fhìrinn innse, le 21st Century Fox, agus le News Corp. ’S ann le Rupert Murdock a tha Star Wars aig deireadh an latha, agus mar sin, loisg Greedo an toiseach, ge be dè a chunnaic mi ann an 1977.

Ach le sin a ràdh, tha mi fhathast an dòchas gum bi an Star Wars ùr aig J. J. Abrams agus Disney sgoinneil agus abair thusa gum faic mi air a’ chiad latha e.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Coltas saoghal ACDD

Coimhead air an dà trailer seo do steathan ainme ficsean-saidheans ùr a tha a’ tighinn a-mach an ceann greis.  Nach eil iad àlainn!  Nam inntinn, tha coltas an t-saoghail anns a bheil Sàl, Rìosa agus A-Hiom beò car coltach ri rudeigin eadar an dà streath seo.  Ma dh’fhaoidte gum biodh cùisean air Roghail na bu choltaich ris an fhear gu h-àrd, URBANCE: dorch, cunartach agus teacno/hip-hop, agus coltas taobh a-staigh na Lasair Gaoil na b’ fhaisg air an fhear a leanas: SPACE☆DANDY: gleansach, gòrach agus làn diosco.

Via IO9 agus boingboing

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

An nobhail Ghàidhlig anns an Albannach air Didòmhnaich

albannachBha deagh alt Beurla anns an Albannach air Didòmhnaich seachdain sa chaidh, a-mach air an leabhar ùr aig Aonghas Pàdraig Caimbeul, An Nighean air an Aiseag, agus cuideachd le beachdan na chois air fàs an litreachais ùir anns a’ Ghàidhlig anns an aonamh linn air fhichead.  Mar a thuirt John Storey, “There has been a quiet revolution in Gaelic fiction over the last ten to 15 years,” agus chìthear seo anns an àireamh de nobhailean ùra a tha a’ tighinn a-mach anns a’ Ghàidhlig.  Tràth inntinneach a th’ ann gun teagamh.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

ACDD ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu

https://i0.wp.com/encore.lib.gla.ac.uk/iii/encore/local/images/glasu-encore.jpgMa tha cairt-leabharlainn Oilthigh Ghlaschu agaibh, tha leth-bhreac ACDD aca a-nis.  Leabharlannan – nach eil iad math!

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Blastadh dheth!

Leughar lèirmheas goirid anns an Albannach air Didòmhnaich le Seonaidh Caimbeul còir an-diugh, a-mach air an tachartas aig Meg agus mi fhìn aig an t-Sabhal Diciadain.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Transparencies agus ACDD aig SMO

bogadhSMO1

Bha fleadh sgoinneil againn a-raoir aig Sabhal Mòr Ostaig far an do chuir mi fhìn agus Meg Bateman ar leabhraichean ùra air bhog, anns a’ chomhairsneachd againn fhìn, agus thàinig mòran charaidean a-mach airson fìon, nibbles agus litreachas.  Bha an talla làn agus bha an oidhche blàth beòthail agus spòrsail.

bogadhSMO2Thòisich an oidhche le pìobaireachd bho Cheap Breatainn le Barry Shears.  Chuir Donnchadh MacAonghais bho Sheall fàilte air a h-uile duine agus bha facal againn bho John Storey còir bho Chomhairle nan Leabhraichean.  Bha Mark Wringe anns a’ chathair agus nan robh sibh a-riamh aig oidhche litreachais còmhla ri Mark, bidh fios agaibh gun cùm e an còmhradh a’ dol ann an dòigh a tha an dà chuid smaoineachail agus fiosraichte.  Leugh Meg an toiseach.  Bha mi air an leabhar aice a leughadh mar thà, ach ’s e rud gu tur eadar-dhealaichte a th’ ann a bhith a’ cluinntinn nan dàn bhon bhàrd fhèin, le mìneachadh air na smaointean a bha air an cùlaibh.  Sheinn Barry Shears a’ phìob a-rithist, agus an uair sin, leugh mi fhìn. Leugh mi bhon chiad chaibideil, agus cuideachd, rinn mi earrann bheag dhen rap aig A-Hiom.  Cha robh mi buileach cinnteach an dèanainn an rap chun na mionaid mu dheireadh, agus am bos agam, Boyd Robasdan, anns an èisteachd, am measg mòran daoine urramaichte eile, ach thug e gàire don t-sluagh, is bha sin math.

Bha na ceistean aig an luchd-èisteachd gu sònraichte inntinneach.  Dh’aontaich Mark agus John gun robh e iongantach cho math ’s a bha an còmhradh.  Bha pailteas biadh sgoinneil againn, agus uile ri chèile, ’s e oidhche air leth soirbheachail a bh’ ann.  Taing mhòr dhan a h-uile duine a thàinig!

bogadhSMO3

Air a phostadh ann an naidheachd | 2 beachd(an)

Der antifaschistischen Oi musik

Tha cuimhne agam nuair a bha Mill a h-Uile Rud air an rathad anns an Roinn Eòrpa còmhla ri Oi Polloi, ge be càite an robh sinn, gum bruidhneadh Ruairidh bho Oi Polloi ris an èisteachd ann an cànan na dùthcha, agus bha nàire orm, mar Ameirgeanach àbhaisteach, nach robh agam ach a’ Bheurla (uil, agus a’ Ghàidhlig). Seo Ruairidh agus na balaich ann am Berlin a’ cluich a’ chiùil ana-faisich Oi beagan seachdainean air ais, le Roddy còir (Na Gathan, An t-Uabhas, Atomgevitter) air an t-siont. Ròcamaid!

ananasachmor

Air a phostadh ann an ceòl, punc | Sgrìobh beachd

Transparencies agus Air Cuan Dubh Drilseach; Oidhche litreachais aig an t-Sabhal Mhòr

TransparenciesBidh mi fhìn agus Meg Bateman a’ cur ar leabhraichean air bhog ri chèile ann an Slèite, anns an sgìre againn fhìn, aig cuirm shònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig, Diciadain, 28 An Lùnastal aig 7.30 f.  Bidh Meg a’ comharrachadh foillseachadh a’ leabhair bhàrdachd ùir aice, Transparencies, a tha na chruinneachadh de dhàin anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig, agus bidh mi fhìn a’ comharrachadh foillseachadh ACDD.  Bidh fìon ’s nibbles blasta againn, agus bidh mi fhìn agus Meg a’ leughadh (anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla) bho na leabhraichean againn.  Tha an leabhar ùr aig Meg dìreach sgoinneil agus air cliù nàiseanta a choisinn mar thà.  ’S e urram a th’ ann gum bi mi a’ cur na nobhail agam air bhog còmhla ri Meg, aig an dachaigh againn, Sabhal Mòr Ostaig, agus gu sònraichte iomchaidh a chionn ’s gun do rinn Meg deasachadh air ACDD agus gun tug i mòran taic agus brosnachaidh dhomh fhad ’s a bha mi ga sgrìobhadh.  Ma tha sibh ann an Slèite no faisg, feuch gun tig sibh ann.  ’S e oidhche craicte spòrsail a bhios againn — fada nas coltaich ri pàrtaidh na leughadh foirmeil no òraid.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Foillseachadh Gàidhlig aig Fèis Leabhraichean Dùn Èideann

DE_20mh Thèid taisbeanadh sònraichte a chumail aig Fèis Leabhraichean Dùn Èideann a’ comharrachadh a h-uile leabhar a chaidh am foillseachadh anns a’ Ghàidhlig am bliadhna.  B’ e bliadhna iongantach torach a bh’ ann do litreachas na Gàidhlig, ach bliadhna de chaochladh cuideachd, le Ùr-sgeul a’ tighinn gu crìch agus Aiteal ga chur air bhonn.  Gu mì-fhortanach, cha bhi e comasach dhomh a bhith an làthair ach bidh Gillebrìde Mac Ille Mhaoil a’ leughadh beagan bho ACDD.  ’S ann aig 2f a bhios cùisean a’ tòiseachadh, aig Ceàrnag Charlotte ann an Dùn Èideann.  Bidh eadar-theangachadh beò ri fhaodainn cuideachd; thigibh le caraid!

Ùrachadh — Gillebrìde a’ leughadh ACDD aig an Fhèis:

ACDD_feis_DE

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd