Raidió Fáilte

Bidh agallamh leam ga chraoladh air Raidió Fáilte feasgar an-diugh aig 4.  Bidh mi a’ bruidhinn ri Máirín ann an Gàidhlig na h-Alba/na h-Èireann mu dheidhinn ACDD, ficsean-saidheans agus litreachas anns a’ Ghàidhlig.  Tha Raidió Fáilte ga chraoladh air an eadar-lìon cuideachd, agus mar sin, fiù ’s mur eil sibh ann am Beul Feirst, ’s urrainn dhuibh èisteachd.  Bígí linn!

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Eadar-aghaidh eanchainn-coimpiùtair tùs-fosgailte

“We want to lower the barrier of entry for brain-computer interfacing enthusiasts.” Abair seantans craicte airson 2014.

Bliadhna mhath ùr dhuibh uile agus cus dhiubh!

Via Boingboing.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Cuilean na Nollaige

Sgeulachd na NollaigeChaidh sgeulachd leam, Cuilean na Nollaige, fhoillseachadh mar Sgeulachd na Nollaige anns an Albannach an-diugh.  ’S ann mu sheòladair-fànais a tha i, Gogull mac Ùfbain mhic Narbais an Dìthiche.  Tha Gogull bochd ann an sàr èiginn.  Air chall air planaid chèin, an t-soitheach aige briste, gun chobhair, gun bhiadh.  Tha an t-acras ga reubadh na dhà leth.  Dè fon ghrèin a dh’itheas e air a’ phlanaid neònaich seo … no cò?

Dealbh le Catrìona NicilleDhuibh.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Cùrsa leughaidh aig City Lit ann an Lunnainn

citilitThèid cùrsa leughaidh a chumail aig City Lit ann an Lunnainn, a’ cleachdadh ACDD mar bhun-theacsa a’ chùrsa.  Chan eil cus fiosrachaidh agam fhathast mun chùrsa, ach na tha air a’ chlàr-theagaisg, ach tha e dìreach sgoinneil fhaicinn gu bheil seo a’ tachairt, agus cuiridh barrachd fiosrachaidh suas an seo cho luath ’s a tha e agam.  Math fhèin!

Air a phostadh ann an naidheachd | 5 beachd(an)

Lèirmheas le Raghnall MacIlleDhuibh

albannachChaidh lèirmheas le Raghnall MacIlleDhuibh fhoillseachadh anns an Albannach Disathairne sa chaidh.  Mhol e ACDD gu mòr, ach gu mì-fhortanach, cha do nochd an lèirmheas (no gin dhe na h-uilt Ghàidhlig bho Dhisathairne sa chaidh) air an làraich-lìn aca.  Tha mi an dòchas gun nochd e a dh’aithghearr, agus ma nochdas, cuiridh mi ceangal ris.  Bha e glè mhath.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Lèirmheas le Moray Watson

northwordsnow

Sgrìobh Moray Watson lèirmheas smaoineachail inntinneach air ACDD a chaidh fhoillseachadh ann an Northwords Now am mìos seo (Autumn 2013, #25).  Seo am beachd aige air cuspairean na nobhail:

Air Cuan Dubh Drilseach seems light and pacy to read, but it is grounded in profound and absolutely current themes. Among other things, the novel raises questions regarding artificial intelligence and the advent of the technological singularity, as well as the morality of cybernetics, along with notions of totalitarian rule, liberty, rights, hegemony, oppression, genetic cleansing, eugenics, drugs, human experimentation and the responsibilities of family and friendship.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Alt anns an Everett Herald

Everett Herald beagChaidh deagh alt a sgrìobhadh mu ACDD agus mu dhuais Comann Crann na h-Alba le Julie Muhlstein aig an Everett Herald, am pàipear ionadail againn ann am Mukilteo, am baile beag far an do thogadh mi.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Saibear-punc air buidseat beag

Am faigh sinn film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig uaireigin?  Tha ùidh aig leughadairean Gàidhlig ann am ficsean-saidheans, agus is cinnteach gum biodh ùidh ann an deagh film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig cuideachd, ach an gabh e dèanamh?  Nach biodh e ro dhaor?  Nach biodh na buaidhean sònraichte ro chosgail?  Can gun robh thu ag iarraidh film saibear-punc no opra-fànais a dhèanamh, fear le sgeulachd coltach ri ACDD mar eisimpleir, dh’fheumadh tu diofar longan-fànais a shealltainn, creutairean neo-daonna, planaidean cèin, is eile.  Ciamar a dhèanadh tu sin leis a’ bhuidseat bheag ris a bhite ri dùil air film Gàidhlig?

Beagan bhliadhaichean air ais, b’ e aisling a bhiodh ann — bhiodh na buaidhean sònraiche fada ro dhaor — ach is coltach gu bheil CGI air fàs cho saor a-nis gun gabhadh film ficsean-saidheans a dhèanamh le buaidhean sònraichte a bhiodh reusanta math, ach air buidseat gu math math beag.  Tha am film saibear-punc gu h-àrd na dheagh eisimpleir.  Tha e cianail breagha, ach a rèir an riochdaire, chaidh am fiolmadh a dhèanamh le sgioba de thriùir agus air meanbh-bhuidseat, a’ cleachdadh mòran CGI airson nam buaidhean sònraichte.

Saoil a-nis, an dèan cuideigin film à ACDD san aon dòigh aon latha?  Bhithinn air mo dhòigh agus tha e coltach gun gabh e dèanamh — an-dràsta no ma dh’fhaoidte ann am beagan bhliadhnaichean nuair a thig prisean CGI sìos pìos a bharrachd — ach an uair sin, ceist cudromach: cò chluicheadh Raithdead?  A-Hiom?  Rìosa?  Beachdan?

Via io9.com.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 5 beachd(an)

ananasachmor

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

Sanas ùr le CLÀR

Rinn CLÀR pòstar ùr airson ACDD agus seallaibh air na dathan sin! Sgoinneil.
Pòstar CLÀR
Seo dreach PDF dheth cuideachd.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd