Transparencies agus ACDD aig SMO

bogadhSMO1

Bha fleadh sgoinneil againn a-raoir aig Sabhal Mòr Ostaig far an do chuir mi fhìn agus Meg Bateman ar leabhraichean ùra air bhog, anns a’ chomhairsneachd againn fhìn, agus thàinig mòran charaidean a-mach airson fìon, nibbles agus litreachas.  Bha an talla làn agus bha an oidhche blàth beòthail agus spòrsail.

bogadhSMO2Thòisich an oidhche le pìobaireachd bho Cheap Breatainn le Barry Shears.  Chuir Donnchadh MacAonghais bho Sheall fàilte air a h-uile duine agus bha facal againn bho John Storey còir bho Chomhairle nan Leabhraichean.  Bha Mark Wringe anns a’ chathair agus nan robh sibh a-riamh aig oidhche litreachais còmhla ri Mark, bidh fios agaibh gun cùm e an còmhradh a’ dol ann an dòigh a tha an dà chuid smaoineachail agus fiosraichte.  Leugh Meg an toiseach.  Bha mi air an leabhar aice a leughadh mar thà, ach ’s e rud gu tur eadar-dhealaichte a th’ ann a bhith a’ cluinntinn nan dàn bhon bhàrd fhèin, le mìneachadh air na smaointean a bha air an cùlaibh.  Sheinn Barry Shears a’ phìob a-rithist, agus an uair sin, leugh mi fhìn. Leugh mi bhon chiad chaibideil, agus cuideachd, rinn mi earrann bheag dhen rap aig A-Hiom.  Cha robh mi buileach cinnteach an dèanainn an rap chun na mionaid mu dheireadh, agus am bos agam, Boyd Robasdan, anns an èisteachd, am measg mòran daoine urramaichte eile, ach thug e gàire don t-sluagh, is bha sin math.

Bha na ceistean aig an luchd-èisteachd gu sònraichte inntinneach.  Dh’aontaich Mark agus John gun robh e iongantach cho math ’s a bha an còmhradh.  Bha pailteas biadh sgoinneil againn, agus uile ri chèile, ’s e oidhche air leth soirbheachail a bh’ ann.  Taing mhòr dhan a h-uile duine a thàinig!

bogadhSMO3

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Transparencies agus ACDD aig SMO

  1. Thuirt Sùsaidh Arnold:

    Tha mi ag aontachadh leat, a Thim, b’ e oidhche sgoinneil a bh’ ann. Oidhche litreachas as fhèarr a fhuair sinn o chionn fhada. Taing mhòr. Sùsaidh Arnold

  2. Thuirt lasairdhubh:

    Heidh a Shùsaidh!!! Mìle taing airson tighinn. Tha mi toilichte gun robh thu ann!

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s