An do loisg Han an toiseach?

Bha mi dìreach aig an aois cheart nuair a chunnaic mi Star Wars an toiseach. 1977 – bha mi deich agus sgoilt am film m’ eanchainn; bha e cho math. Chan fhaca mi a leithid a riamh, agus chan fhaca na duine eile. ’S e fìor ùrachd a bh’ ann. Bha The Empire Strikes Back fiù ’s na b’ fheàrr: dorcha, doirbh, cunnartach. Ach nuair a thàinig Return of the Jedi a-mach ann an 1983, bha e soilleir gun robh rudeigin a’ dol ceàrr, nach robh George Lucas uile gu lèir toilichte leis a’ bhlas a bh’ air a’ chiad dà fhilm. Ann an Return of the Jedi, bha e mar gun robh dà fhilm eadar-dhealaichte a’ dol air adhart aig a’ cheart àm, film Star Wars traidiseanta dha na h-inbhich, agus film eile, fiolm ‘teaghlaich’ dhan chloinn, le Ewoks is eile, film ‘cute.’ Bha na trì filmichean prequel tiamhaidh dona san aon seagh, agus an uair sin, thòisich Lucas ag atharrachadh nan seann filmichean, a’ cur earannan ùra riutha le CGI agus fiù ’s ag atharrachadh na sgeulachd. Gu h-iomraiteach, dh’atharraich Lucas an earrann eadar Han Solo agus Greedo anns a’ chantina ann am Mos Eisley anns a’ chiad film, gus am biodh Greedo a’ losgadh air Han an toiseach, gus nach biodh Han a cheart cho dorcha mar charactar. Chaidh na seann dreachan a-mach à clò, agus tha e doirbh a-nis fiù ’s leth-bhreac dhen t-seann dreachan fhaicinn.

Mar sin, nuair a thàinig an naidheachd a-mach gum biodh J. J. Abrams a’ dèanamh an ath fhilm Star Wars, rinn mòran gàirdeachas gun tilleadh na filmichean Star Wars anns an t-seann nòs, agus rinneadh mòran mholaidhean do Abrams air mar a nì e an ath fhilm ann an stoidhle a’ chiad dà. Seo am fear as fheàrr leam:

A’ coimhead seo, tha pàirt dhìom ag iarraidh a ràdh, “Amen brother!” agus tha mi an dòchas gum bi an ath Star Wars sgoinneil, ach tha pàirt eile dhìom nas fhìorachasaich mu dheidhinn. ’S e fìrinn na cùise a th’ ann: cha do loisg Han an toiseach; loisg Greedo an toiseach, a chionn ’s gur ann mar sin a tha Lucas, sealbhadair nam filmichean, ga iarraidh. Ma tha thu nad neach-leantainn de bhathar corpora – film Hollywood, sgioba spòrs dreuchail, caractar ann an comaics – tha e a’ ciallachadh gu bheil thu a’ cur d’ ùine agus do chridhe ann an rudeigin anns nach eil sealbh agad, agus mar sin, rudeigin air nach eil smachd agad. Chan ann leinne a tha Star Wars, ach le George Lucas, agus leis an fhìrinn innse, le 21st Century Fox, agus le News Corp. ’S ann le Rupert Murdock a tha Star Wars aig deireadh an latha, agus mar sin, loisg Greedo an toiseach, ge be dè a chunnaic mi ann an 1977.

Ach le sin a ràdh, tha mi fhathast an dòchas gum bi an Star Wars ùr aig J. J. Abrams agus Disney sgoinneil agus abair thusa gum faic mi air a’ chiad latha e.

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s