Tùr innealta

Tha Stephen Hawking, Stuart Russell, Max Tegmark agus Frank Wilczek air litir fhoillseachadh anns an Independent, a’ toirt iomradh air a’ fiolm ùr, Transcendence, agus a’ gabhail a’ chothruim rabhadh a thoirt dhuinn mu na cunnartan èiginneach an lùib tùr innealta:

One can imagine such technology outsmarting financial markets, out-inventing human researchers, out-manipulating human leaders, and developing weapons we cannot even understand. Whereas the short-term impact of AI depends on who controls it, the long-term impact depends on whether it can be controlled at all.

So, facing possible futures of incalculable benefits and risks, the experts are surely doing everything possible to ensure the best outcome, right? Wrong. If a superior alien civilisation sent us a message saying, “We’ll arrive in a few decades,” would we just reply, “OK, call us when you get here – we’ll leave the lights on”? Probably not – but this is more or less what is happening with AI. Although we are facing potentially the best or worst thing to happen to humanity in history, little serious research is devoted to these issues […]

A rèir nan lèirmheasan, chan eil Transcendence cho math sin mar fiolm, agus tha sin duilich, oir tha coltas math air an tailer agus bha mi a’ dèanamh fiughair ris, ach tha e inntinneach co-dhiù gun deach blockbuster mar seo a dhèanamh agus gun do nochd an litir aig Hawking et al. anns an Independent, a’ sealltainn gu bheil an deasbad mu thùr innealta a-nis air gluasad a-mach à ficsean-saidheans cruaidh agus às na roinnean coimpiùtaireach anns an oilthighean, agus a-steach dhan raon phobalach.

via io9.com

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | 2 beachd(an)

Fèis Leabhair Ulapuil

Bidh mi fhìn còmhla ri Anndra Dunn a’ leughadh bho na nobhailean againn aig Fèis Leabhair Ulapuil air an deicheamh latha dhen Chèitean aig 4f ann an Talla a’ Bhaile ann an Ulapul.  Tha Anndra dìreach an dèidh leabhar ùr fhoillseachadh, Còisir nan Gunna, nobhail stèidhichte san Darna Cogadh.  Chithear anns a’ bhideo gu h-àrd gu bheil Anndra air Iain Banks ainmeachadh mar ùghdar a thug buaidh air, ùghdar a thug buaidh làidir ormsa cuideachd nuair a bha mi a’ sgrìobhadh ACDD.  ’S e dà nobhail gu math eadar-dhealaichte a th’ annta, CnG agus ACDD, agus mar sin, tha e inntinneach gun tug Banks buaidh nach beag air an dithis againn.  Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bruidhinn ri Anndra mu dheidhinn.  Bidh Mark Wringe a’ cumail a’ chòmhraidh a’ dol agus bidh Mòrag Stiùbhart a’ dèanamh eadar-theangachadh beò.  Thighibh ann!

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Saorsa Chruthachail

Bha Màrtainn Mac an t-Saoir anns an èiseachd aig bogadh na nobhail ùire agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, ann an Glaschu dà sheachdain air ais, agus chuir e ceist dhùbhlanach orm: carson a tha thu ri sgrìobhadh ficsean?

Dìos-o, chuir a’ cheist aige tuath mi. Rinn mi plosgartaich agus ochanaich air a’ spot, ach cha b’ urrainn dhomh freagairt ghrinn a lorg.  Aig a’ cheann thall, thuirt mi rudeigin mun tlachd a gheibh mi bho sgrìobhadh, ach cha do rug mi air brìgh na firinn le sin, tha mi an dùil, agus tha mi fhathast meòrachadh air a’ cheist.  Ann an agallamh le Sgioba Litreachais na Comhairle Breatainnich, thug Màrtainn freagairt seachad a bha fada na bu susbaintich:

I’ve always been a bit of a wordsmith and storyteller and writing poetry and fiction over the last twelve years has satisfied a desire for creative freedom: choose any story, any combination of characters, give them the same or different languages and cultural backgrounds to each other and to that of the narrator. Who knows what might happen, if anything?

Tha mi a’ dol leis a thaobh na faireachdainn saorsail a gheibhear bho sgrìobhadh, agus an cothrom a bhith cruthachail gun chrìochan nuair a chuirear nobhail ri chèile.  Ma dh’fhaoidte gu bheil sin nas fhaisge air an fhìrinn: gur e saorsa cruthachail, seach dìreach tlachd, a tha cho tarraingeach mu sgrìobhadh.  Tha sin a’ faireachdainn ceart dhomhsa.

Bidh Màrtainn a’ bruidhinn aig an Fhèis, Aye Write, air 11 an Giblean, aig 4f aig an Leabharlann Mitchell.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Anns an stiùideo le Drilseach

IMG_9419
Bha mi anns an stiùideo aig an deireadh-sheachdain leis a’ chòmhlan chraicte, Drilseach, agus iad a’ clàradh òran ùr stèidhichte air a’ chiad chaibideil de ACDD!  Tha dithis seann charaid, Ruairidh agus Eilidh, an sàs anns a’ chòmhlan, cho math ris an t-sàr cheòladair, Tòmaidh.  Tha mi air bhioran – tha an t-òran cho cruaidh ri fùc agus tha mi an dèanamh fiughair mhòr ris a’ mheasgachadh mu dheireadh, a bhios againn ann an dà mhìos is coltach. Nochdaidh an t-òran air cruinneachadh de cheòl ùr coisrigte dhan chòmhlan ainmeil, thisclose. Chuala mi aon òran eile ga chlàradh dhan chruinneachadh air an aon latha, òran rap anns an Fhraingis, agus bha an t-òran sin a cheart cho craicte. Tha an cruinneachadh a’ dol a bhith do-chreidinn math, tha a h-uile coltas air.  Cuiridh mi barrachd fìosrachaidh mun tionnsgnadh seo ris a’ bhog cho luath ’s a tha naidheachd ùr agam. Ròc!!!

IMG_9423

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | 1 bheachd

Bogadh Feur Buidhe an t-Samhraidh

Alison Lang agus mi fhìn bruidhinn mu FBS aig an fhèis, Leabhar is Craic

Tha mi cianail toilichte innse gun do chuireadh an nobhail ùr agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, air bhog aig an fhèis, Leabhar is Craic, aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu, Disathairne sa chaidh. Thòisich an latha le taisbeanadh dhe na leabhraichean Gàidhlig ùra a nochd am bliadhna.  Leugh Màrtainn Mac an t-Saoir, Marcus Mac an Tuirneir, Gillebrìde Mac ’Ille Mhaoil, Catrìona Lexy Chaimbeul agus mi fhìn bho na leabhraichean againn. Tron latha, thachair mi ri Mòrag a bhios a’ ruith a’ chùrsa-leughaidh ann an Lunnainn, agus bha e sgoinneil cluinntinn gu bheil an cùrsa a’ dol gu math, le mòran a’ gabhail pàirt ann.  ’S e latha traing a bh’ ann, le dealbh-cluich, seiseanan-leughaidh agus tachartasan dhan chloinn, ach chan fhaca mi mòran dheth, oir, bha mi fhìn agus Alison Lang a’ dèanamh deiseil dhan bhogadh air deireadh an fheasgair.  Bha mi rud beag draghail nach tigeadh mòran, ach gu fòrtanach, thàinig, agus nam measg, cuid dhe na h-ùghdairean cliùiteach a bha an sàs ann an tachartasan eile tron latha.  Eagalach!  Ach bha a h-uile duine gu math còir taiceil.  Stiùir Alison an còmhradh gu sgileil, agus chuir an luchd-èisteachd ceistean inntinneach orm. Dh’iarr Màrtainn Mac an t-Saoir orm carson a bha mi ri sgrìobhadh, agus feumaidh mi aideachadh, cha robh freagairt mhath agam dhan cheist. Leis an fhìrinn innte, chan eil fios agam carson a tha mi a’ sgrìobhadh ficsean ach gu bheil e a’ còrdadh rium. Chòrd sgrìobhadh FBS rium gu mòr agus bha e craicte math an nobhail fhaicinn ann an clò mu dheireadh thall. Ceud taing do Alison gu sònraichte agus do Sandstone Press.  Tha coltas mìorbhaileach air an leabhar agus tha mi gu math moiteil às.

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd

Postair Dune

Joshua BudichSeallaibh air a’ phostair a cheannaich mi!  Tha mi uabhasach toilichte leis. ’S ann le Joshua Budich a tha e, postair  a chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson taisbeanadh de dh’ealain bonntaichte air na fiolmaichean aig David Lynch.  Cheannaich mi e, ann am pàirt, a chionn ’s gu bheil an ìomhaigh car col’ach ri còmhdach ACDD le Heather Brennan, ach cuideachd, mar a sgrìobh mi roimhe, thug Dune buaidh làidir orm nuair a bha mi òg: a’ chiad leabhar a leugh mi, agus tha mi gu math measail air a’ Fiolm aig Lynch cuideachd.  Cha robh an Dune aig Lynch foirfe, ach bha e adhartach agus dàna dhan àm.  Tha fiolm eile a’ tighinn a-mach, documentary mun Dune (nach deach a dhèanamh) aig an stiùiriche dheuchainneach, Alejandro Jodorowsky.  Tha a h-uile col’as ann gum biodh an Dune aig Jodorowsky fiù ’s na bu craicte na am fear aig Lynch.  Is duilich nach faic sinn e, ach tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris an documentary:

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

Teòraidh a’ Bhraig Mhòir

Aig deireadh na cùis, chan eil ach dà sheòrsa neard ann: a’ chuid is beag orra TBBT, agus a’ chuid is gasta leotha e, agus tha mise anns an dàrna campa sin. Is fìor thoil leam TBBT. Chanadh cuid gu bheil an t-sreath a’ dèanamh tàire air neardan, ach chan eil mi a’ dol le sin idir. Mar fhianais, mholainn a’ bhideo seo le Mayim Bialik (aka Amy Farrah Fowler). Fìor shaidheantair agus sàr ghaisgeach i.

Air a phostadh ann an Uncategorized | Sgrìobh beachd

Leabhar ‘s Craic

leabhariscraicBidh an fhèis litreachais, Leabhar ’s Craic, a’ tachairt am bliadhna aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu aig 350 Sràid Sauchiehall air 22d latha dhen Mhàrt bho meadhan latha, agus bidh mi fhìn ann air dà adhbhar: sa chiad dol-a-mach, bidh mi a’ bruidhinn mu ACDD aig taisbeanadh goirid aig meadhan latha; agus an uair sin, aig 4f, thèid an leabhar ùr agam do dh’inbhich òga, Feur Buidhe an t-Samhraidh, a chur air bhog.  Ù hù!  Bidh dràma, òrain, tòrr ùghdaran agus mòran eile a’ dol air adhart air an latha, agus tha coltas gu math spòrsail air a’ phrògram.  Thigibh ann!

Air a phostadh ann an naidheachd | 2 beachd(an)

Coimpiùtar daonnan-air

Seo Ubi, coimpiùtar beag uile-làthaireach no “daonnan-air”.  Tuigidh an t-Ubi do ghuth agus nì e gnìomhan sìmplidh dhut mar chur post-d no lorg fiosrachadh air an eadar-lìon. Ach mar a tha an co-stèidhichear, Amin Abdossalami, a’ mìneachadh aig 2 mionaidean a-steach, tha rud fada nas motha na sin fainear dhaibh, drochaid eadar am bitheòlach agus an teicneòlach:

We are essentially building something like the human brain.  It is a system that will eventually understand you and augment your capabilities.

Tha iad ag amas air eanchainn innealta a bhios daonnan air agus gad chuideachadh nad bheatha.  Mar mhòran leasachaidhean dhen chineal seo, tha Ubi togarrach agus eagalach chun na h-aon ìre.  Chan eil guth anns a’ bhideo gu h-àrd air tearainteachd agus prìobhaideachd.  Dè ma gheibh an NSA rathad a-steach dha na h-innealan daonnan-air seo, gad leantainn mun cuairt do thaigh fad an latha?  Tha rud beag mu phrìobhaideachd air an duilleig Kickstarter aca, ach chaidh seo a sgrìobhadh còrr is bliadhna air ais, ro na h-aoidianan a rinn Snowden, agus mus robh fios againn cho bitheanta ’s a tha cruinneachadh dàta air an lìon.   Cha bhithinn airson fear dhe na coimpiùtairean seo a chleachdadh mus robh dearbhadh ann gun robh iad air an dèanamh gu math math dìonach agus sàbhailte.  Ach ’s e seo, coimpiùtairean mar Ubi, an ath cheum loidigeach ann an leasachadh saibeirneatach gu cinnteach, agus bidh e inntinneach faicinn dè nì iad leis.

Via laughingsquid.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Ficsean saidheans air buidseat beag 2

O chionn ghreis, sgrìobh mi mu LUNAR, fiolm saibear-punc neo-eisimealach a thathar a’ dèanamh air buidsead meanbh, agus seo fear eile dhen aon chineal, Prospect, fiolm goirid ficsean-saidheans a thèid a mhaoineachadh le iomairt Kickstarter de luach dìreach $23K.  A Dhia, tha an trailer àlainn!  Seo na sgrìobh na riochdairean/stiùirichean mu dheidhinn:

Our goal is to capture a piece of what makes 2001, Blade Runner, and the original Star Wars so awesome: texture. PROSPECT will be real and tactile, building a robust world with custom props and costumes, rather than digital effects.

Air fianais an trailer gu h-àrd, tha e coltach gun robh iad soirbheachail.  Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris a’ fiolm shlàn.  Agus ’s ann à Seattle a tha iad; feumas gu bheil iad snog!

Via io9 agus laughingsquid.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd