Fèis Leabhair Ulapuil

Bidh mi fhìn còmhla ri Anndra Dunn a’ leughadh bho na nobhailean againn aig Fèis Leabhair Ulapuil air an deicheamh latha dhen Chèitean aig 4f ann an Talla a’ Bhaile ann an Ulapul.  Tha Anndra dìreach an dèidh leabhar ùr fhoillseachadh, Còisir nan Gunna, nobhail stèidhichte san Darna Cogadh.  Chithear anns a’ bhideo gu h-àrd gu bheil Anndra air Iain Banks ainmeachadh mar ùghdar a thug buaidh air, ùghdar a thug buaidh làidir ormsa cuideachd nuair a bha mi a’ sgrìobhadh ACDD.  ’S e dà nobhail gu math eadar-dhealaichte a th’ annta, CnG agus ACDD, agus mar sin, tha e inntinneach gun tug Banks buaidh nach beag air an dithis againn.  Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bruidhinn ri Anndra mu dheidhinn.  Bidh Mark Wringe a’ cumail a’ chòmhraidh a’ dol agus bidh Mòrag Stiùbhart a’ dèanamh eadar-theangachadh beò.  Thighibh ann!

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to Fèis Leabhair Ulapuil

  1. Thuirt Sukie:

    Theid mi ann, ma gheibh mi cothrom! Co na sgriobhadairean eile a th’ ann tron latha air an Disathairne an 10mh latha? A bheil sgriobhadairean ficsean-saidheans eile ann? Tha mi a’ coimhead air adhart gu mor ris an tachartas agaibh – thu fhein agus Anndra – sar sgriobhadairean oga na Gaidhlig!!!!

    • Thuirt lasairdhubh:

      Bidh roghainn fharsaing de sgrìobhadairean a’ leughadh Disathairne: Iain Macwhirter, Mike Russel, Lindsay Marshall, Neil Mackay, Jenni Calder agus Alice Thompson. Cha chreid mi gu bheil sgrìobhadair ficsean-saidheans eile nam measg ach mi fhìn. Feumaidh mi seasamh gu daingeann agus nam aonar airson an genre agam!

  2. Thuirt Sukie:

    Gle mhath! Bidh Ulapul math!

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s