Bogadh Feur Buidhe an t-Samhraidh

Alison Lang agus mi fhìn bruidhinn mu FBS aig an fhèis, Leabhar is Craic

Tha mi cianail toilichte innse gun do chuireadh an nobhail ùr agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, air bhog aig an fhèis, Leabhar is Craic, aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu, Disathairne sa chaidh. Thòisich an latha le taisbeanadh dhe na leabhraichean Gàidhlig ùra a nochd am bliadhna.  Leugh Màrtainn Mac an t-Saoir, Marcus Mac an Tuirneir, Gillebrìde Mac ’Ille Mhaoil, Catrìona Lexy Chaimbeul agus mi fhìn bho na leabhraichean againn. Tron latha, thachair mi ri Mòrag a bhios a’ ruith a’ chùrsa-leughaidh ann an Lunnainn, agus bha e sgoinneil cluinntinn gu bheil an cùrsa a’ dol gu math, le mòran a’ gabhail pàirt ann.  ’S e latha traing a bh’ ann, le dealbh-cluich, seiseanan-leughaidh agus tachartasan dhan chloinn, ach chan fhaca mi mòran dheth, oir, bha mi fhìn agus Alison Lang a’ dèanamh deiseil dhan bhogadh air deireadh an fheasgair.  Bha mi rud beag draghail nach tigeadh mòran, ach gu fòrtanach, thàinig, agus nam measg, cuid dhe na h-ùghdairean cliùiteach a bha an sàs ann an tachartasan eile tron latha.  Eagalach!  Ach bha a h-uile duine gu math còir taiceil.  Stiùir Alison an còmhradh gu sgileil, agus chuir an luchd-èisteachd ceistean inntinneach orm. Dh’iarr Màrtainn Mac an t-Saoir orm carson a bha mi ri sgrìobhadh, agus feumaidh mi aideachadh, cha robh freagairt mhath agam dhan cheist. Leis an fhìrinn innte, chan eil fios agam carson a tha mi a’ sgrìobhadh ficsean ach gu bheil e a’ còrdadh rium. Chòrd sgrìobhadh FBS rium gu mòr agus bha e craicte math an nobhail fhaicinn ann an clò mu dheireadh thall. Ceud taing do Alison gu sònraichte agus do Sandstone Press.  Tha coltas mìorbhaileach air an leabhar agus tha mi gu math moiteil às.

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Bogadh Feur Buidhe an t-Samhraidh

  1. Pingback: Saorsa Chruthachail | Air Cuan Dubh Drilseach

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s