Postair Dune

Joshua BudichSeallaibh air a’ phostair a cheannaich mi!  Tha mi uabhasach toilichte leis. ’S ann le Joshua Budich a tha e, postair  a chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson taisbeanadh de dh’ealain bonntaichte air na fiolmaichean aig David Lynch.  Cheannaich mi e, ann am pàirt, a chionn ’s gu bheil an ìomhaigh car col’ach ri còmhdach ACDD le Heather Brennan, ach cuideachd, mar a sgrìobh mi roimhe, thug Dune buaidh làidir orm nuair a bha mi òg: a’ chiad leabhar a leugh mi, agus tha mi gu math measail air a’ Fiolm aig Lynch cuideachd.  Cha robh an Dune aig Lynch foirfe, ach bha e adhartach agus dàna dhan àm.  Tha fiolm eile a’ tighinn a-mach, documentary mun Dune (nach deach a dhèanamh) aig an stiùiriche dheuchainneach, Alejandro Jodorowsky.  Tha a h-uile col’as ann gum biodh an Dune aig Jodorowsky fiù ’s na bu craicte na am fear aig Lynch.  Is duilich nach faic sinn e, ach tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris an documentary:

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

4 Responses to Postair Dune

  1. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Haigh a Thim,

    Tha mi ag aontachadh gu mòr leat mun leabhar “Dune” le Frank Herbert. Leabhar air leth inntinneach, inntleachdach, mac-meanmnach, agus air a dheagh sgrìobhadh. Is ann o chionn bliadhnaichean mòra a leugh mi e ’s mi nam laighe air tràigh theth ann an ceann a deas Sasainn. Greis as dèidh sin thug mi air iasad e do chuideigin. Nuair a thachair mo charaid a-rithist orm rinn e gàire mun chùis, oir bha gainmheach air a bhith tuiteam a-mach às na duilleagan fhads a bha e ga leughadh!

    Tha a’ fiolm aig David Lynch (1984) airidh air coimhead cuideachd, ged a tha lèirmheasaiche air Flixter a’ gearan: “Lynch succeeds in rendering the story incomprehensible to those unfamiliar with the novel”! Is fheàrr leam “Bladerunner”, feumaidh mi ràdh, a nochd rona sin ann an 1982, is e stèidhichte (mar a bhios làn fhios agad) air sgeul le Philip K. Dick a tha thu ag ainmeachadh an àiteigin. Saoil a bheil e ro anmoch ’s “Director’s Cut” fhaighinn bho Lynch mar a fhuair sin bho Ridley Scott? 🙂

    Tha mi dìreach air do nobhail fhèin “Air Cuan Dubh Drilseach” a thòiseachadh, agus tha e còrdadh rium. Is math a rinn thu dha-rìribh. Am faic sinn sreath? Agus mòran taing cuideachd airson an làraich-lìn spaideil a tha seo agad.

    • Thuirt lasairdhubh:

      A Fheargais a charaid, Tha mi a’ dol leibh mu Bladerunner agus mu Dune le Lynch. Tha Dune le Lynch fhathast a’ còrdadh rium. Ged nach eil e buileach ag obair, tha e àlainn agus dàna ann an dòigh, agus bu toil leam director’s cut fhaicinn nam biodh sin comasach. ‘S e Starwars a’ chiad fiolm ficsean saidheans a chunna mi, agus dh’fhag e làrach mhòr air mo chridhe mar sin, ach a thaobh ealain, chan eil nas fhèarr againn na Bladerunner. Tha an directors cut agam aig an taigh agus b’ urrainn dhomh a choimhead a-rithist agus a-rithist. Tha gach cèis dhen fiolm sin mar dealbh. Chì thu rudeigin ùr gach turas a chì thu e. Tha mi an dòchas gun còrd ACDD ribh! le meas mòr, Tim

      • Mar a thachair e, bha mi coimhead ris a’ fiolm Dune a-rithist an oidhche roimhe, agus mhothaich mi airson a’ chiad turas gur e a’ bhan-actair Sean Young a tha cluich an dà chuid Chani ann an Dune agus Rachael ann am Bladerunner. Ri fhaicinn air Youtube tha “mùbhaidh dachaigh” aosta bhon àm le Sean Young a tha sealltainn sgioba Dune: https://m.youtube.com/watch?v=PFTS5-cIHgQ

      • Thuirt lasairdhubh:

        Hey, tha sibh ceart! Cha do mhothaich mi sin agus tha mi a’ faireachdain car gòrach a-nis. Choimhead mi am fiolm beag aig Sean Young o chionn ghreis, ach cha do chuir mi 2 + 2 ri chèile. Agus chì mi air Wikipedia gun do rinn i an dà fhiolm (Dune agus BR) gu math faisg air a’ chèile, le dìreach aon fhiolm eile eadarra. Tha an cleasachd aice mar Chani gu math eadar-dhealaichte bhon ròl aice mar Rachael ge tà. Inntinneach. Taing!

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s