Sanas airson pickup + geama PC opra-fànais = miann

Mas ann às na Stàitean no à Canada a tha sibh, bidh sibh eòlach air sanasan-rèic coltach ri seo airson pickup trucks, ach seo fear a chaidh a dhèanamh mar shanas airson geama PC opra-fànais, Star Citizen, agus tha e cuimseach math. An dèidh dha coimhead air an t-sanas seo, cò nach iarradh MISC Freelancer? Tha mise ag iaraidh fear. Chan e geamair a th’ annam idir, ach bu toil leam itealaich tro Star Citizen greis; tha a choltas àlainn. Agus nach e Neasg a tha sin aig an deireadh? Dùil gur e…

Via kotaku.com

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

LearnGaelic le Anndra, Coinneach is mi fhìn!

Learn-Gaelic-LogoJPEGTha seo dìreach sgoinneil. Chruthaich LearnGaelic.net leasan às a’ phìos-naidheachd a rinn BBC an Là mìos sa chaidh mun Fhèis-leabhair ann an Ulapul. Anns a’ phìos, rinn Coinneach Mac a’ Ghobhainn agallamh le Anndra Dunn agus leamsa, agus faodar èisteachd ris a’ phìos fhad ’s a leughar tar-sgrìobhadh dhen chòmhradh, agus e a’ dol bho ghlas gu dubh fhad ’s a tha sinn a’ bruidhinn, a’ comharrachadh far a bheilear anns a’ sgriobt. Faodar eadar-theangachadh Beurla dhen chòmhradh a leughadh cuideachd agus e a’ gluasad ceum air cheum ri taobh na Gàidhlig. Dìos-o, nach eil sin snasail!

Cha robh mi air coimhead air LearnGaelic.net ann an greis ach tha e soilleir gu bheil iad air mòran leasachaidh a dhèanamh air an làraich. Tha an goireas seo am measg na cuid as fheàrr a tha mi air faicinn airson ionnsachadh na Gàidhlig air loidhne. Math fhèin.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Fèis Leabhair Ulapuil san Albannach

albannachRinn David Robinson mòladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil ann am pìos a nochd anns an Albannach Didòmhnaich. Rachainn fhìn leis a h-uile rud a sgrìobh e mun fhèis.  Bha i sònraichte math. Cuideachd, chuirinn mo thaic-sa ris a’ mholadh a rinn e air an obair eadar-theangachaidh a rinn Mòrag Stiùbhart.  Tha cuimhne agam air a’ chiad uair a chunna mi eadar-theangachadh beò ga chleachdadh aig tachartas-leughaidh.  B’ ann an Uibhist a Deas a bha e, aig leughadh a rinn Aonghas Pàdraig Caimbeul, agus chuir e iongnadh mòr orm air cho math ’s a dh’obraich e.  Ann an sgìre dhà-chànanach, thug e cothrom dhuinn tachartas litreachais a chumail tro mheadhan na Gàidhlig, gun a bhith a’ dùnadh a-mach a’ chuid anns an sgìre aig nach robh an cànan.  Ann an Uibhist cho math ri Ulapul, ’s e cothrom àraid agus cudromach a tha sin, agus a bhios sin anns an àm ri teachd gu cinnteach.  Ach chan e obair shoirbh a th’ ann an eadar-theangachadh beò idir.  Rinn mi fhìn rud beag trèanadh ann an eadar-theangachadh beò mar phàirt dhen cheum agam aig SMO, agus dìos-o, abair gun robh e doirbh sgìtheil.  Tha spèis mhòr agam don chuid a tha comasach a dhèanamh fad uair a thìde.  Agus gu sònraichte do Mhòrag airson a bhith deònach feuchainn ri còmhradh mu shaibeir-punc a thionndadh chun na Beurla air a’ spot, leis an dà chuid droch chainnt agus faclan teignigeach an ceann a chèile.  Mar a thuirt i fhèin ri David Robinson, “F***wit tends not to be the sort of word used doing translation work for the council …”  Tha mi an dòchas nach e!

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

Moladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil

Ulapul

Bha deireadh seachdain buileach sgoinneil againn aig Fèis Leabhair Ulapuil agus chan urrainn dhomh a moladh cus.  Abair fosgladh sùile!  Cha chreid mi gun robh mi a-riamh aig fèis (chiùil, leabhair no ealain) a bha cho rianail, tlachdmhòr agus inntinneach.  Iomadh turas a bha mi ann an Ulapul, ach coltach ri mòran, dìreach gus am bàta fhaighinn a Steòrnabhagh, ach an turas seo, bha cothrom ceart agam cuairt a dhèanamh air a’ bhaile, agus thaitinn e gu mòr rium.  Dh’ionnsaich mi gu bheil fada a bharrachd ann an Ulapul na bhite an dùil is tu nad sheasamh aig a’ chidhe a’ feitheamh ri aiseag Leòdhais.   Bha an Fhèis fhèin ga cumail ann an Talla a’ Bhaile, ach chaidh ar biadhadh aig a’ Ceilidh Place shios an rathad, agus dios-o, bha am biadh math.  Bha na seiseanan uile smaoineachail, agus cuid, craicte èibhinn cuideachd.  Chòrd an seisean le A. L. Kennedy rium gu sònraichte is mi a’ gàireachdainn cho làidir ’s gun tàinig na deòir.  Fo stiùir sgilleil Mark Wringe, chaidh an seisean aig Anndra agus mi fhìn glè mhath, le mu 40 an làthair. Rinn Mòrag Stiùbhart an t-eadar-theangachadh beò, agus bha sinn buidheach às an obair a rinn i, oir, cha robh a’ Ghàidhlig aig a’ mhòr-chuid anns an èisteachd. Ceud taing dha na h-uile a thàinig cho fada gus ar faicinn! Agus moladh mòr dhan Fhèis airson tachartas Gàidhlig a chur ris a’ phrògram. B’ e fior thlachd a bh’ ann agus tha mi gu mòr an dòchas gum bi seans agam dol air ais an ath bhliadhna.

Taing do Brian Ó hEadhra airson a’ fòto.

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Tùr innealta

Tha Stephen HawkingStuart RussellMax Tegmark agus Frank Wilczek air litir fhoillseachadh anns an Independent, a’ toirt iomradh air a’ fiolm ùr, Transcendence, agus a’ gabhail a’ chothruim rabhadh a thoirt dhuinn mu na cunnartan èiginneach an lùib tùr innealta:

One can imagine such technology outsmarting financial markets, out-inventing human researchers, out-manipulating human leaders, and developing weapons we cannot even understand. Whereas the short-term impact of AI depends on who controls it, the long-term impact depends on whether it can be controlled at all.

So, facing possible futures of incalculable benefits and risks, the experts are surely doing everything possible to ensure the best outcome, right? Wrong. If a superior alien civilisation sent us a message saying, “We’ll arrive in a few decades,” would we just reply, “OK, call us when you get here – we’ll leave the lights on”? Probably not – but this is more or less what is happening with AI. Although we are facing potentially the best or worst thing to happen to humanity in history, little serious research is devoted to these issues […]

A rèir nan lèirmheasan, chan eil Transcendence cho math sin mar fiolm, agus tha sin duilich, oir tha coltas math air an tailer agus bha mi a’ dèanamh fiughair ris, ach tha e inntinneach co-dhiù gun deach blockbuster mar seo a dhèanamh agus gun do nochd an litir aig Hawking et al. anns an Independent, a’ sealltainn gu bheil an deasbad mu thùr innealta a-nis air gluasad a-mach à ficsean-saidheans cruaidh agus às na roinnean coimpiùtaireach anns an oilthighean, agus a-steach dhan raon phobalach.

via io9.com

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | 2 beachd(an)

Fèis Leabhair Ulapuil

Bidh mi fhìn còmhla ri Anndra Dunn a’ leughadh bho na nobhailean againn aig Fèis Leabhair Ulapuil air an deicheamh latha dhen Chèitean aig 4f ann an Talla a’ Bhaile ann an Ulapul.  Tha Anndra dìreach an dèidh leabhar ùr fhoillseachadh, Còisir nan Gunna, nobhail stèidhichte san Darna Cogadh.  Chithear anns a’ bhideo gu h-àrd gu bheil Anndra air Iain Banks ainmeachadh mar ùghdar a thug buaidh air, ùghdar a thug buaidh làidir ormsa cuideachd nuair a bha mi a’ sgrìobhadh ACDD.  ’S e dà nobhail gu math eadar-dhealaichte a th’ annta, CnG agus ACDD, agus mar sin, tha e inntinneach gun tug Banks buaidh nach beag air an dithis againn.  Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bruidhinn ri Anndra mu dheidhinn.  Bidh Mark Wringe a’ cumail a’ chòmhraidh a’ dol agus bidh Mòrag Stiùbhart a’ dèanamh eadar-theangachadh beò.  Thighibh ann!

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Saorsa Chruthachail

Bha Màrtainn Mac an t-Saoir anns an èiseachd aig bogadh na nobhail ùire agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, ann an Glaschu dà sheachdain air ais, agus chuir e ceist dhùbhlanach orm: carson a tha thu ri sgrìobhadh ficsean?

Dìos-o, chuir a’ cheist aige tuath mi. Rinn mi plosgartaich agus ochanaich air a’ spot, ach cha b’ urrainn dhomh freagairt ghrinn a lorg.  Aig a’ cheann thall, thuirt mi rudeigin mun tlachd a gheibh mi bho sgrìobhadh, ach cha do rug mi air brìgh na firinn le sin, tha mi an dùil, agus tha mi fhathast meòrachadh air a’ cheist.  Ann an agallamh le Sgioba Litreachais na Comhairle Breatainnich, thug Màrtainn freagairt seachad a bha fada na bu susbaintich:

I’ve always been a bit of a wordsmith and storyteller and writing poetry and fiction over the last twelve years has satisfied a desire for creative freedom: choose any story, any combination of characters, give them the same or different languages and cultural backgrounds to each other and to that of the narrator. Who knows what might happen, if anything?

Tha mi a’ dol leis a thaobh na faireachdainn saorsail a gheibhear bho sgrìobhadh, agus an cothrom a bhith cruthachail gun chrìochan nuair a chuirear nobhail ri chèile.  Ma dh’fhaoidte gu bheil sin nas fhaisge air an fhìrinn: gur e saorsa cruthachail, seach dìreach tlachd, a tha cho tarraingeach mu sgrìobhadh.  Tha sin a’ faireachdainn ceart dhomhsa.

Bidh Màrtainn a’ bruidhinn aig an Fhèis, Aye Write, air 11 an Giblean, aig 4f aig an Leabharlann Mitchell.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Anns an stiùideo le Drilseach

IMG_9419
Bha mi anns an stiùideo aig an deireadh-sheachdain leis a’ chòmhlan chraicte, Drilseach, agus iad a’ clàradh òran ùr stèidhichte air a’ chiad chaibideil de ACDD!  Tha dithis seann charaid, Ruairidh agus Eilidh, an sàs anns a’ chòmhlan, cho math ris an t-sàr cheòladair, Tòmaidh.  Tha mi air bhioran – tha an t-òran cho cruaidh ri fùc agus tha mi an dèanamh fiughair mhòr ris a’ mheasgachadh mu dheireadh, a bhios againn ann an dà mhìos is coltach. Nochdaidh an t-òran air cruinneachadh de cheòl ùr coisrigte dhan chòmhlan ainmeil, thisclose. Chuala mi aon òran eile ga chlàradh dhan chruinneachadh air an aon latha, òran rap anns an Fhraingis, agus bha an t-òran sin a cheart cho craicte. Tha an cruinneachadh a’ dol a bhith do-chreidinn math, tha a h-uile coltas air.  Cuiridh mi barrachd fìosrachaidh mun tionnsgnadh seo ris a’ bhog cho luath ’s a tha naidheachd ùr agam. Ròc!!!

IMG_9423

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | 1 bheachd

Bogadh Feur Buidhe an t-Samhraidh

Alison Lang agus mi fhìn bruidhinn mu FBS aig an fhèis, Leabhar is Craic

Tha mi cianail toilichte innse gun do chuireadh an nobhail ùr agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, air bhog aig an fhèis, Leabhar is Craic, aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu, Disathairne sa chaidh. Thòisich an latha le taisbeanadh dhe na leabhraichean Gàidhlig ùra a nochd am bliadhna.  Leugh Màrtainn Mac an t-Saoir, Marcus Mac an Tuirneir, Gillebrìde Mac ’Ille Mhaoil, Catrìona Lexy Chaimbeul agus mi fhìn bho na leabhraichean againn. Tron latha, thachair mi ri Mòrag a bhios a’ ruith a’ chùrsa-leughaidh ann an Lunnainn, agus bha e sgoinneil cluinntinn gu bheil an cùrsa a’ dol gu math, le mòran a’ gabhail pàirt ann.  ’S e latha traing a bh’ ann, le dealbh-cluich, seiseanan-leughaidh agus tachartasan dhan chloinn, ach chan fhaca mi mòran dheth, oir, bha mi fhìn agus Alison Lang a’ dèanamh deiseil dhan bhogadh air deireadh an fheasgair.  Bha mi rud beag draghail nach tigeadh mòran, ach gu fòrtanach, thàinig, agus nam measg, cuid dhe na h-ùghdairean cliùiteach a bha an sàs ann an tachartasan eile tron latha.  Eagalach!  Ach bha a h-uile duine gu math còir taiceil.  Stiùir Alison an còmhradh gu sgileil, agus chuir an luchd-èisteachd ceistean inntinneach orm. Dh’iarr Màrtainn Mac an t-Saoir orm carson a bha mi ri sgrìobhadh, agus feumaidh mi aideachadh, cha robh freagairt mhath agam dhan cheist. Leis an fhìrinn innte, chan eil fios agam carson a tha mi a’ sgrìobhadh ficsean ach gu bheil e a’ còrdadh rium. Chòrd sgrìobhadh FBS rium gu mòr agus bha e craicte math an nobhail fhaicinn ann an clò mu dheireadh thall. Ceud taing do Alison gu sònraichte agus do Sandstone Press.  Tha coltas mìorbhaileach air an leabhar agus tha mi gu math moiteil às.

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd

Postair Dune

Joshua BudichSeallaibh air a’ phostair a cheannaich mi!  Tha mi uabhasach toilichte leis. ’S ann le Joshua Budich a tha e, postair  a chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson taisbeanadh de dh’ealain bonntaichte air na fiolmaichean aig David Lynch.  Cheannaich mi e, ann am pàirt, a chionn ’s gu bheil an ìomhaigh car col’ach ri còmhdach ACDD le Heather Brennan, ach cuideachd, mar a sgrìobh mi roimhe, thug Dune buaidh làidir orm nuair a bha mi òg: a’ chiad leabhar a leugh mi, agus tha mi gu math measail air a’ Fiolm aig Lynch cuideachd.  Cha robh an Dune aig Lynch foirfe, ach bha e adhartach agus dàna dhan àm.  Tha fiolm eile a’ tighinn a-mach, documentary mun Dune (nach deach a dhèanamh) aig an stiùiriche dheuchainneach, Alejandro Jodorowsky.  Tha a h-uile col’as ann gum biodh an Dune aig Jodorowsky fiù ’s na bu craicte na am fear aig Lynch.  Is duilich nach faic sinn e, ach tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris an documentary:

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 4 beachd(an)