“We believe that bio-hacking is the next phase of human evolution.”
Beagan mhìltean tuath air baile m’ àraich, mu letheach slighe eadar Seattle agus Canada, tha Mt Vernon, WA, baile beag far a bheil Amal Graafstra a’ fuireach agus e a’ reic acainn a chleachdar ann an bith-spòltadh aig an taigh. Is toil leam a’ bhideo seo air dà adhbhar: air sàilleabh ’s gu bheil e a’ toirt sealladh seachad air beatha ann an Iar Thuath nan Stàitean Aonaichte mun cuairt air Seattle far an do thogadh mi (le bàtaichean-aiseig, coilltean tiugha agus eileanan beaga brèagha); agus cuideachd, air sàilleabh ’s gu bheil an teicneolas aig Graafstra a’ beantainn ri dà chuspair anns a bheil ùidh agam an-dràsta: teàrainteachd dhideatach agus tar-daonnachd. Saoilidh mi, agus leis a’ bhiast orains anns an Taigh Gheal, gur e an t-àm a th’ ann a bhith a’ smaoineachadh nas doimhne air prìomhaideachd air-loidhne agus cripte-grafachd, cuspairean a lorgas mi gu math doilleir agus doirbh, eadhan ged a bha mi nam rianaire-siostaim UNIX uair nam bheatha. Nach biodh e math nam biodh dòigh shoirbh ann na h-iuchraichean cripte-grafach uile a chumail ann an aon àite, gu litireil ri làimh, nad chorp fhèin? Dhèanadh sin teàrainteachd dhideatach fada na b’ fhasa, nam bharail. Dè ur beachd?
Cuideachd, dè ur beachd air ‘spòltadh’ mar Ghàidhlig air ‘hacking’? Tha iomadh facal againn a tha a’ ciallachadh ‘hacking’ sa Ghàidhlig air alt air choreigin, ach saoilidh mi gu bheil ‘spòltadh’ a’ riochdachadh brìgh a’ bhun-bheachd as fheàrr. A rèir an OED, b’ e seo a’ chiad iomradh air a’ bhun-bheachd ann an clò, bho Tech (MIT):
1963 Tech (Massachusetts Institute of Technology) “Many telephone services have been curtailed because of so-called hackers… The hackers have accomplished such things as tying up all the tie-lines between Harvard and MIT, or making long-distance calls… One method involved connecting the PDP-1 computer to the phone system to search the lines until a dial tone, indicating an outside line, was found.”
Neo-ar-thaing nach eil ‘hacaigeadh’ againn no rudeigin dhen leithid, agus chan eil mi daonnan an aghaidh tar-litreachadh air faclan bhon Bheurla ann an dealbhadh-corpais na Gàidhlig, ach saoilidh mi leis an fhacal ‘hacking’ tha deagh chothrom againn facal tùsach a chleachdadh a thàinig bhon Ghàidhlig fhèin. Dè ur beachd?
Gu dearbh, cha bu toil leam ‘hacaigeadh’ ach chan eil mi cinnteach mu dhéidhinn ‘spòltadh’. Aig a cheud dol-a-mach b’e prògramair le h-ùidh mhóir no gu math sgileil a bha ’na ‘hacker’, seach neach millteach no mì-laghail. Saoilinn dé Gàidhlig a tha air ‘hack writer’ etc. ?
https://www.merriam-webster.com/words-at-play/hack-taxi-cab-driver-or-lousy-writer
Tha sin inntinneach! Seo eachdraidh rud beag eadar-dhealaichte:
http://www.newyorker.com/tech/elements/a-short-history-of-hack
Chleachd mi fhìn ’spòltadh’ fo bhuaidh a’ mhìneachadih anns an OED, ach chì mi gu bheil ‘fath-each’ no ‘gearran’ aig Dwelly air ‘hack’ anns an t-seagh as sine aig Webster. Nis, ‘hack writer’, hmmm, chan eil fhios’m. Deagh cheist.