Suidhichte àiteigin eadar iongantach agus tiamhaidh, tha Gatebox, seòrsa ‘bean-taighe mhas-fhìor’ agus neach-taice pearsanta ann an riochd caractar Anime hologràmach a tha air a chuimseachadh air fir òga Sheapanach nach eil pòsta. Is coltach gu bheil e a’ sìor fhàs nas cumanta gum mair inbhich òga ann an Seapan singilte, gun chèile no leannan, agus mar thoradh, gu bheil fèill air a leithid neach-taice phearsanta, coltach ri Siri no Echo, ach cuideachd air a phrògramadh a bhith a’ dèanamh fearas-cuideachd do dhaoine a tha nan aonar aig an taigh. Chan eil Gatebox idir saor — £2056 airson ro-òrdugh — agus tha e smaoineachail gu bheil daoine a-mach an sin a tha deònach a leithid a chosg air caraid mas-fhìor. Saoil, leis an leasachadh luath a tha a’ dol air adhart ann an robotachd an-dràsta, dè cho fad ’s a bhios e gus am bi caraidean Anime coltach ri Gatebox air a’ mhargaid, ach robotach agus cruthach seach hologràmach agus mas-fhìor?
Via Boingboing.
Sheall mi a’bhideo seo don flatmate Iapanach agam, agus thuirt e gun robh e fhèin ga h-iarraidh. Carson? thuirt mi. A chionn chan bhi còmhstri idir ann!