Eadar-theangachadh Os-theacsail

speuradair a' leughadh

Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gun do rinneadh eadar-theangachadh de Air Cuan Dubh Drilseach gu Gàidhlig na h-Èireann!

Chan eil sinn buileach cinnteach fhathast cuin a bhios e a’ tighinn a-mach an clò, agus mar sin, cha chan mi an còrr mun fhoillseachadh fhèin an-dràsta. Bidh barrachd naidheachd agam mu sin an ceann tamaill bhig, tha mi an dòchas. Ach bu toil leam beagan innse mun ghnìomh eadar-theangachaidh a thug sinn chun na h-ìre seo, oir bha e àraid agus uabhasach inntinneach.

Bidh cuid agaibh eòlach air an acaideamach, sgrìobhadair agus irisiche Eoin Ó Murchú. Uil b’ e Eoin a rinn an t-eadar-theangachadh, ach seo an rud, bha taic aige … taic shaibeirneatach. Tha ùidh aig Eoin ann an tùr innealta, agus eadar-theangachadh innealta, agus bha e feòrachail, an gabhadh nobhail ann an Gàidhlig na h-Alba eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann leis an inneal eadar-theangachaidh Intergaelic?

Nis, cha robh Eoin an dùil gun dèanadh Intergaelic eadar-theangachadh leis fhèin a bhiodh math gu leòr airson foillseachadh. Gu soilleir, chan eil eadar-theangachadh innealta aig an ìre sin fhathast. Ach bha Eoin feòrachail, am b’ urrainn dha a chleachdadh mar a’ chiad cheum — .i. gun dèanadh Intergaelic a’ chiad ruith-seachad, agus an uair sin, gun sgioblaicheadh esan an toradh — agus an sàbhaileadh gnìomh dha leithid ùine dha?

B’ urrainnear am pàipear a sgrìobh Eoin mun ghnìomh a leughadh an seo. Is coltach gun do dh’oibrich an cleas glè mhath. Bha an t-eadar-theangachadh a rinn Intergaelic cuimseach math, no math gu leòr gun do rinn e an gnìomh eadar-theangachaidh mòran na bu luaithe uile gu lèir.

Anns a’ phàipear aige, tha Eoin a’ toirt iomradh air cuid dhe na ceistean eisteadaigeach, agus gu h-àraidh, na ceistean beusach a dh’èireas às an deuchainn seo. Agus sin an taobh a tha gu sònraichte inntinneach dhomhsa, agus gu math iomchaidh, saoilidh mi, ri taobh cuspair na nobhail. Gu dearbh, tha Eoin a’ cumail a-mach gur e seòrsa de dh’eadar-theangachadh os-theacsail a th’ ann: a’ dèanamh eadar-theangachadh de leabhar mu thùr innealta, le tùr innealta.

Gu cinnteach, tha an deuchainn aig Eoin a’ togail na ceist: an gabh na h-innealan ri obair nan eadar-theangairean uile gu lèir aon latha? Saoilidh mi fhìn, gur coltach, luath no mall, gun gabh iad ri ar n-obair uile. Saoilidh mi nach e ceist a th’ ann an gabh tùr innealta ris an obair againn uile ach cuin?

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd, saibeirneatachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to Eadar-theangachadh Os-theacsail

  1. Pingback: Eadar-theangachadh Os-theacsail — Air Cuan Dubh Drilseach | Tuairisceoir an Dúin

  2. Meall-a-naidheachd. Math dha-rìribh. Agus fiosrachadh air leth inntinneach mun dòigh-obrach.

  3. Pingback: Eadar-theangachadh Os-theacsail — Air Cuan Dubh Drilseach | Mon site officiel / My official website

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s