Uao, seall seo! Tha na h-innealan sin gam thoirt air ais beagan bhliadhnachan. Seo gu h-àrd na gheibh tu leis an Genetic Engineering Home Lab Kit bhon chompanaidh bhith-spòltaidh, The ODIN. Air an $1,849.00 agad, gheibh tu inneal PCR, trì pipettean, bocsa electrophoresis, meidh, agus iomadh rud eile, acainn DIY CRISPR nam measg: a h-uile rud a dh’iarradh tu gus deuchainnean ginteil a dhèanamh ort fhèin, agus b’ e sin an dearbh rud a rinn stèidhiche an ODIN, Josiah Zayner, nuair a dh’in-steall e leigheas-gine ann am meadhan òraid a bha e a’ toirt seachad, ag amas air dubhadh-às myostatin a leanas gu fèithean nas motha, tha e an dòchas. Gu pearsanta, b’ fheàrr leam leigheas-gine a leanadh gu barrachd gineadh-leithe nam eanchainn. Dè umadsa?
Via an Guardian.
Pingback: Innleadaireachd Ghinteil aig an Taigh | Air Cuan Dubh Drilseach