-
Ceòl às na Speuran
-
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Nad Aislingean
Drilseach -
Làraichean
-
CLÀR
Comhairle nan Leabhraichean
Heather Brennan
Phineas X Jones 



- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom

- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Roinnean-seòrsa
- ceòl (35)
- corpas ficsean-saidheans (19)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (89)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (131)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Category Archives: naidheachd
#SCOTLITFEST
Tha mi gu math toilichte innse gum bi mi fhìn is Meg Bateman a’ nochdadh aig tachartas ùr-nodha, Googlehangout aig #SCOTLITFEST. Cha do rinn mi a leithid a-riamh agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri faicinn mar a bhios e … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
3 beachd(an)
¡Me siento muy orgulloso!
Tha mi ann am Madrid an dràsta, a’ mathachadh mo chuid Spàinnis, agus mhothaich mi gun deach ACDD a thaghadh le #SCOTLITFEST mar tè dhe na còig nobhailean as cudromaich anns a’ Ghàidhlig! Tha mi mi uabhasach moiteil, ach seo … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
1 bheachd
Sgeul Sci-Fi
Tha sreth ùr ga chraoladh an dràsta air BBC Radio nan Gaidheal, Sgeul Sci-Fi, ga liubhairt le Michelle NicDhòmhnaill. Anns a’ chiad prògram, tha i a’ toirt sùil air tùs a’ ghnè, còmhla ris na gaisgich, Craig Atkins, Gavin Humphreys, … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
1 bheachd
Feur Buidhe an t-Samhraidh aig Bùth CnL
Bidh mi shìos ann an Glaschu aig Bùth Chomhairle nan Leabhraichean air Diardaoin, an 24mh dhen t-Sultain los bruidhinn mun darna nobhail agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh. Tòisichidh cùisean aig 7f agus thèid a’ bhùth a lorg aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Leabhar-èisteachd
Tha mi uabhasach toilichte innse gu bheil sinn ag obair an-dràsta air leabhar-èisteachd de ACDD a thig a-mach uaireigin tràth anns an t-samhradh seo tighinn. Chuir CLÀR ACDD air adhart ann am farpais a chùm Foillseachadh Alba, ann an co-bhonn ris an Royal … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
4 beachd(an)
Fìorachd ghu-bhith, hipeitis Bostrom agus dubh-fhacal Fermi
Chithear anns a’ bhideo gu h-àrd staid na h-ealain ann am fìorachd ghu-bhith choimpiùtaireach, Unreal Engine. ’S ann do geamaichean coimpiùtair a chaidh a dhèanamh, ach ’s urrainnear a chleachdadh ann an tionnsgnaidhean gu-bhith sam bith. Tha am fìorachas ann cho iongantach, ga … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an fànas, naidheachd
1 bheachd
Beachlann Shrutha
Na innsibh dhomh nach e ficsean-saidheans a tha seo! Seallaibh air an dealbh ùr do bheachlann a tha seo. Leigidh na beachlannan snasail seo leat mil a bhuain gun a bhith a’ cur dragh air na beachan agus gun bhuaireas mòr. Thòisich mi … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
2 beachd(an)
Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig
Bha adhbhar agam an tasglann dideatach ùr, DASG, a chleachdadh an seachdain seo, agus dìos-o, abair goireas. Rannsachadh a thoireadh mòran ùine roimhe, a’ rùsladh tro fhaclairean is tro leabhraichean eile, rinn mi ann an corra dhiog ann an DASG. Seo na … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
3 beachd(an)
One Way Ticket to Cubesville
Lèirmheas air Drilseach bhon mhion-iris iomrailteach, One Way Ticket to Cubesville: “… an angry Gaelic slant on proceedings,” gu dearbh fhèin!
Air a phostadh ann an ceòl, naidheachd
Sgrìobh beachd
Lèimheas ann an NÓS
Sgrìobh Eoin P. Ó Murchú lèirmheas air ACDD anns an iris snasail Èireannach, NÓS, a thàinig a-mach an clò am mìos seo. Tha mi uabhasach toilichte gun do chòrd ACDD ri Ó Murchú, agus a bharrachd air an sgeulachd fhèin, rinn Ó Murchú … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
6 beachd(an)