Category Archives: naidheachd

Beachlann Shrutha

Na innsibh dhomh nach e ficsean-saidheans a tha seo! Seallaibh air an dealbh ùr do bheachlann a tha seo. Leigidh na beachlannan snasail seo leat mil a bhuain gun a bhith a’ cur dragh air na beachan agus gun bhuaireas mòr. Thòisich mi … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 2 beachd(an)

Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig

Bha adhbhar agam an tasglann dideatach ùr, DASG, a chleachdadh an seachdain seo, agus dìos-o, abair goireas. Rannsachadh a thoireadh mòran ùine roimhe, a’ rùsladh tro fhaclairean is tro leabhraichean eile, rinn mi ann an corra dhiog ann an DASG. Seo na … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

One Way Ticket to Cubesville

Lèirmheas air Drilseach bhon mhion-iris iomrailteach, One Way Ticket to Cubesville: “… an angry Gaelic slant on proceedings,” gu dearbh fhèin!

Air a phostadh ann an ceòl, naidheachd | Sgrìobh beachd

Lèimheas ann an NÓS

Sgrìobh Eoin P. Ó Murchú lèirmheas air ACDD anns an iris snasail Èireannach, NÓS, a thàinig a-mach an clò am mìos seo. Tha mi uabhasach toilichte gun do chòrd ACDD ri Ó Murchú, agus a bharrachd air an sgeulachd fhèin, rinn Ó Murchú … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 6 beachd(an)

Manadh air bàs iom-chànanais?

Leis cho luath ’s a tha na teicneòlasan aithneachadh-gutha, eadar-theangachadh innealach agus tùr innealta gan leasachadh, bha e do-sheachanta gun tigeadh eadar-theangachadh beò am bàrr uair no uaireigin, agus chithear anns a’ bhideò an àrd gur e Skype (agus mar … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd, saibeirneatachd | 1 bheachd

Fèis-leabhair Inbhir Nis

Ma tha sibh gu bhith mun cuairt Inbhir Nis aig a’ cheann-seachdain seo tighinn, bidh mi fhìn a’ leughadh bho ACDD agus bho FBS aig Fèis-leabhair Inbhir Nis Disathairne aig 5f, còmhla ri Seonaidh Charity. Bidh Mark Wringe anns a’ … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Iomall Fhèis Dhùn Èideann

Ma tha sibh gu bhith ann an Dùn Èideann anns a’ chiad seachdain dhen Lùnasdal aig an Fhèis Eadar-Nàiseanta, bidh mi fhìn an sàs ann an tachartas air Iomall na Fèise a thèid a chur air dòigh le Comann Crann … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Lèirmheasan air leth

Fhuair ACDD dà lèirmheas uabhasach taiceil an t-seachdain seo. ’S e a’ chiad lèirmheas fear le Alison Lang air Goodreads.  Sgrìobh i gun do chòrd na caractaran ann an ACDD rithe gu sònraichte:  “The best sci-fi creates a world that reflects … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

LearnGaelic le Anndra, Coinneach is mi fhìn!

Tha seo dìreach sgoinneil. Chruthaich LearnGaelic.net leasan às a’ phìos-naidheachd a rinn BBC an Là mìos sa chaidh mun Fhèis-leabhair ann an Ulapul. Anns a’ phìos, rinn Coinneach Mac a’ Ghobhainn agallamh le Anndra Dunn agus leamsa, agus faodar èisteachd ris … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Fèis Leabhair Ulapuil san Albannach

Rinn David Robinson mòladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil ann am pìos a nochd anns an Albannach Didòmhnaich. Rachainn fhìn leis a h-uile rud a sgrìobh e mun fhèis.  Bha i sònraichte math. Cuideachd, chuirinn mo thaic-sa ris a’ mholadh a rinn e … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd