Category Archives: naidheachd

Moladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil

Bha deireadh seachdain buileach sgoinneil againn aig Fèis Leabhair Ulapuil agus chan urrainn dhomh a moladh cus.  Abair fosgladh sùile!  Cha chreid mi gun robh mi a-riamh aig fèis (chiùil, leabhair no ealain) a bha cho rianail, tlachdmhòr agus inntinneach. … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Fèis Leabhair Ulapuil

Bidh mi fhìn còmhla ri Anndra Dunn a’ leughadh bho na nobhailean againn aig Fèis Leabhair Ulapuil air an deicheamh latha dhen Chèitean aig 4f ann an Talla a’ Bhaile ann an Ulapul.  Tha Anndra dìreach an dèidh leabhar ùr fhoillseachadh, Còisir nan … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Anns an stiùideo le Drilseach

Bha mi anns an stiùideo aig an deireadh-sheachdain leis a’ chòmhlan chraicte, Drilseach, agus iad a’ clàradh òran ùr stèidhichte air a’ chiad chaibideil de ACDD!  Tha dithis seann charaid, Ruairidh agus Eilidh, an sàs anns a’ chòmhlan, cho math … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | 1 bheachd

Bogadh Feur Buidhe an t-Samhraidh

Tha mi cianail toilichte innse gun do chuireadh an nobhail ùr agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, air bhog aig an fhèis, Leabhar is Craic, aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu, Disathairne sa chaidh. Thòisich an latha le taisbeanadh dhe na … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd

Leabhar ‘s Craic

Bidh an fhèis litreachais, Leabhar ’s Craic, a’ tachairt am bliadhna aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu aig 350 Sràid Sauchiehall air 22d latha dhen Mhàrt bho meadhan latha, agus bidh mi fhìn ann air dà adhbhar: sa chiad dol-a-mach, … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 2 beachd(an)

Raidió Fáilte

Bidh agallamh leam ga chraoladh air Raidió Fáilte feasgar an-diugh aig 4.  Bidh mi a’ bruidhinn ri Máirín ann an Gàidhlig na h-Alba/na h-Èireann mu dheidhinn ACDD, ficsean-saidheans agus litreachas anns a’ Ghàidhlig.  Tha Raidió Fáilte ga chraoladh air an … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Cùrsa leughaidh aig City Lit ann an Lunnainn

Thèid cùrsa leughaidh a chumail aig City Lit ann an Lunnainn, a’ cleachdadh ACDD mar bhun-theacsa a’ chùrsa.  Chan eil cus fiosrachaidh agam fhathast mun chùrsa, ach na tha air a’ chlàr-theagaisg, ach tha e dìreach sgoinneil fhaicinn gu bheil … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 5 beachd(an)

Lèirmheas le Raghnall MacIlleDhuibh

Chaidh lèirmheas le Raghnall MacIlleDhuibh fhoillseachadh anns an Albannach Disathairne sa chaidh.  Mhol e ACDD gu mòr, ach gu mì-fhortanach, cha do nochd an lèirmheas (no gin dhe na h-uilt Ghàidhlig bho Dhisathairne sa chaidh) air an làraich-lìn aca.  Tha … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Lèirmheas le Moray Watson

Sgrìobh Moray Watson lèirmheas smaoineachail inntinneach air ACDD a chaidh fhoillseachadh ann an Northwords Now am mìos seo (Autumn 2013, #25).  Seo am beachd aige air cuspairean na nobhail: Air Cuan Dubh Drilseach seems light and pacy to read, but … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Alt anns an Everett Herald

Chaidh deagh alt a sgrìobhadh mu ACDD agus mu dhuais Comann Crann na h-Alba le Julie Muhlstein aig an Everett Herald, am pàipear ionadail againn ann am Mukilteo, am baile beag far an do thogadh mi.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd