Author Archives: lasairdhubh

Atari Punk Console

Roimhe, chuir mi a’ cheist: ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò ann an dòigh bheothail agus chruthachail?  B’ urrainn dhut coimpiùtairean agus smachdairean a chleachdadh còmhla ri bathar-bog mar Ableton Live, mar a nì an Glitch Mob, ach nach … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl | 1 bheachd

Lìon ùr dha na robotan

’S e iomairt a th’ ann an RoboEarth a chum eadar-lìon ùr a thogail do robotan, lìon fa leth far am b’ urrainn do robotan conaltradh ri chèile agus ionnsachadh o chèile.  Tha innealadairean agus rianairean RoboEarth an dòchas gun luathaich … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Baxter – an robot snog a ghoideas d’ obair ort

Seo robot saor a tha furasta prògramadh agus a nì obair fhactaraidh aig cosgais co-ionnan ri $4 an uair.   Tha Baxter ri reic mar dhòigh gus obair a chumail anns na Stàitean, seach ga gluasad gu dùthchannan far a … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Buillean eleactrònach às na sràidean

Ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò?  Ciamar a nithear cuirm-chiùl bheòthail ocàideachail nuair a tha mòran dhen cheòl fhèin fo smachd choimpiùtairean, innealan-druma, sreathadairean agus a leithid?  Seo an fhreagairt aig an Glitch Mob.  A’ cleachdadh bathar-bog mar Ableton Live … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl, SF | 1 bheachd

Am burrito as fheàrr ann an SF

Ann an San Fransisco, cha bhi thu a-riamh fada air falbh bho dheagh bhurrito, agus ’s ann anns El Castillito a gheibhear am fear as fheàrr. Mar a tha am pizza do New York, ’s ann mar sin a tha … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an SF | 5 beachd(an)

A’ chiad leabhar a leugh mi…

Nuair a bha mi òg, bha trioblaidean ionnsachaidh agus trioblaidean leughaidh uabhasach orm, agus cha do thòisich mi leughadh idir gus an robh anns a’ chòigeamh bliadhna anns an sgoil, mu dhusan bliadhna a dh’aois.  An uair sin, dh’ionnsaich mi … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 7 beachd(an)

Robot fèin-mhothachail neo duine innealta?

Nuair a thig an latha — agus thig an latha gun teagamh — a chruthaicheas sinn beatha shaibeirneatach fhèin-mhothachail, dè na còraichean a bhios aca?  An e tràillean a bhios annta neo co-ionnanaich?  Seo fiolm goirid drùidhteach a-mach air a’ cheist … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Dùisg!

Chuir Oi Polloi clàr ùr a-mach o chionn ghoirid, Dùisg, agus seo a’ chiad bhideo às. Fhuair mi leth-bhreac dhen CD fhèin bho Roddy Atomgevitter seachdain sa chaidh agus tha mi air a bhith ag èisteachd ris sa chàr bhon … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl | 1 bheachd

Apollo 16 a’ togail oirre

B’ urrainn dhomh uairean a chaitheamh a’ coimhead seann bhideoan de rocaidean a’ togail orra, agus am fear seo am measg na cuid as fheàrr leam, san t-seann nòs, daoine le blas deasach air an rèidio agus am faothachadh a … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Mì-rùn mòr nam bitheòlach neo mì-thuigse neo-chionntach?

’S e innleadair agus duine leth-shaibeirneatach a th’ ann an Steve Mann a chosgas speuclairean sònraichte coimpiùtaireach, agus is coltach gun do dh’fhuiling e eucoir-ghràin ann am Pairios nuair a bha e ag ithe le a theaghlach aig McDonalds agus … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 1 bheachd