Author Archives: lasairdhubh

A’ cur Air Cuan Dubh Drilseach air bhog!

Thèid Air Cuan Dubh Drilseach a chur air bhog gu h-oifigeil air Diardaoin, an 18mh latha dhen Ghiblean, 2013, aig an fhèis-litreachais, Aye Write, ann an Glaschu.  Thèid am bogadh a chumail ann an Leabharlann a’ Mhitchell, aig 6:30f, le … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Clàran bhaidhneil gu sìorraidh!

Tha an saoghal a chruthaich mi do ACDD glè sgapach a thaobh teicneòlas, e.g.: tha iomadh teicneòlas aig gach ìre ri lorg anns an t-saoghal taobh ri taobh.  Tha an suidheachadh seo cumanta gu leòr anns an latha a th’ ann, … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

Neardan òga abù!

Tha an tionnsgnadh-saidheans aig Lauren Rojas air buaidh a thoirt air a h-uile tionnsgnadh-saidheans a bh’ ann a-riamh roimhe.  Chuir i Hello Kitty dha na speuran: abair gaisgeach!  Aig 1:30, chithear Bagh San Fran Siosgo gu soilleir, bho Ghleann Sileacoin gu … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an fànas, SF | Sgrìobh beachd

Bàs na grèine

Thug am film goirid seo taise dha mo shùilean.  ’S ann mu bhàs na grèine a tha e, bho shealladh an robot-rannsachaidh againn, Voyager, billeanan de bhliadhnaichean anns an àm ri teachd.  Tha ar grian air a dhol na famhair … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Tochladh an rian-ghrèine

Nach eil an sanasachd gu h-àrd garbh coltach, ann an guth agus ann an teachdaireachd, ris an t-sanasachd a chuinnear air Blade Runner: “A new life awaits you in the off-world colonies — the chance to begin again in a … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Am MPC agus ceòl eleactrònach beò

Roimhe, chuir mi a’ cheist, ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò ann an dòigh tharraingeach ùr, agus thug mi iomradh air an inneal, am MPC.  An dèidh an SL-1200, is cinnteach gur e an MPC an t-inneal-ciùil as cudromaich … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

An saibeorg a chluinneas dathan

Seo bhideo TED le Niel Harbisson, duine air a bheil ciorram àraid.  ’S e seòrsa dallachd a th’ air, achromatopsia, agus chan urrainn dha dathan fhaicinn; chì e an saoghal ann an dubh is geal a-mhàin.  ’S e neach-ealain agus … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Compressorhead

Compressorhead! Rachinn gu cuirm leotha gun amharas. Ròcamaid!!! Taing do dh’Alasdair airson brath mun bhideo.

Air a phostadh ann an ceòl, saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

An dèidh ìoranais

Ge be na tha thu a’ saoilsinn mu Die Antwoord, còmhlan hip-hop Beurla/Afrikaans à Afraga a Deas, feumaidh tu aideachadh gu bheil an dòigh ’s gun tug iad ionnsaidh air an àrd-ùrlar an seo buileach maighstireil.  Mhurt iad e.  Tha … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

Na trì laghan aig robotaics…

Seo Isaac Asimov a’ mìneachadh nan trì laghan a mhol e do raon an robotaics.  Chruthaich Asimov am facal ’robotaics’ agus bha fealsanachd agus teòraidh an robotaics na chùis-chùraim mheadhanach ann am mòran dhe na nobhailean a sgrìobh e, ach … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | Sgrìobh beachd