An saibeorg a chluinneas dathan

Seo bhideo TED le Niel Harbisson, duine air a bheil ciorram àraid.  ’S e seòrsa dallachd a th’ air, achromatopsia, agus chan urrainn dha dathan fhaicinn; chì e an saoghal ann an dubh is geal a-mhàin.  ’S e neach-ealain agus iomairtiche a th’ ann an Harbisson cuideachd le ùidh ann an leasachaidhean saibeirneatach, agus mar fhreagairt dhan chiorram aige fhuair e inneal ceangailte ri a cheann a leigeas leis dathan a mhothachadh mar fhuaim na chorp.  Mar thoradh air an leasachadh seo, air a’ phòsadh a rinn e eadar teicneòlas agus bitheòlas, tha e a’ tagradh gur e saibeorg a th’ ann fhèin, agus stèidhich e an Cyborg Foundation, buidheann a nì strì airson chòireachan daoine saibeirneatach.  Tha an leasachadh fhèin inntinneach, agus na deuchainnean ealanta a rinn Harbisson leis an fhàth innealta/bitheòlach aige, ach nas inntinniche buileach ’s gun gabh Harbisson ri fèin-aithne saibeairneatach.  Coltach ri Steve Mann, tha grunnan daoine a-nis gan aithneachadh fhèin mar shaibeorgan agus a’ sireadh chòireachan.   Chan e fiscsean-saidheans a th’ ann tuilleadh: tha linn nan saibeirneatach oirnn mar thà.

Chaidh seo a phostadh ann an saibeirneatachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s