Roimhe, chuir mi a’ cheist, ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò ann an dòigh tharraingeach ùr, agus thug mi iomradh air an inneal, am MPC. An dèidh an SL-1200, is cinnteach gur e an MPC an t-inneal-ciùil as cudromaich ann an leasachadh ceòl hip-hop agus teicneo, tha e ga chleachdadh le caractaran ann an ACDD, agus gu h-àrd chithear agallamh mu dheidhinn leis an t-seann mhaighstir, Pete Rock.
Agus seo gu h-ìosail, chithear Hifana, dithis à Seapan, a’ dèanamh ceòl craicte (agus dannsa beag) le MPC agus sgrìobadh le cuairt-bhòrd:
…
Agus an uair sin, ga thoirt uile ri chèile mar chòmhlan cheart, seo triùir DJan/riochdairean iomrailteach, DJ Shadow, DJ Nu-Mark agus Cut Chemist, ga leigeil ann an stoidhle spòrsal func-mhòr: