Am burrito as fheàrr ann an SF

Ann an San Fransisco, cha bhi thu a-riamh fada air falbh bho dheagh bhurrito, agus ’s ann anns El Castillito a gheibhear am fear as fheàrr.

Mar a tha am pizza do New York, ’s ann mar sin a tha am burrito do SF: biadh an t-sluaigh. Tuigear gun deach am burrito grande, mar as aithne dhuinn an-diugh e, a chruthachadh ann an sgìre a’ Mhisein ann an SF uaireigin anns na trì ficheadan.  Theirear gu bheil ceudan de taquerías a-nis air am breacadh mun chuairt bàgh SF, agus mòran dhiubh rin lorg anns a’ Mhisean fhèin.  ’S e cùis dheasbaid a th’ ann am measg muinntir SF, cò am burrito as fheàrr, ach chan eil amharas orm gu pearsanta, agus an dèidh mòran rannsachaidh, gu bheil am burrito a nithear ann an taquería beag salach, El Castillito aig 17mh agus Sràid a’ Mhisein, aig bàrr an liosta.

Tha iomadh seòrsa grad-bhìdh Mheagsaganaich air a’ chlàr-bhìth, ach mholainn gum feuch thu burrito pònair an toiseach.  Tha am burrito aig El Castillito ga rìribh mòr, agus nuair a bha mi a’ fuireach ann an SF, gun obair agus gun mòran airgid dham ainm, lìoneadh aon bhurrito saor bho El Castillito mo bhrùth fad an fheasgair.  Làn avocado, phònairean, rus, agus thomatoan, uile air am pasgadh ri chèile ann an tortilla cruithneachd mòr tana, chan eil bead air.  Thig e le basgaid bheag shlisean tortilla, agus dà sheòrsa salsa, dearg agus uaine (san dealbh), ach thoir an aire: tha an uaine gu math teth!

’S e tràth-bìdh cuimhneachail blasta a bhios agad, cuiridh mi geall, agus tha an taigh-bìdh fhèin beothail agus spòrsail.  Tha 17mh agus Stràid na Misein ann an teis-meadhan na sgìre agus chan fhaighear taquería nas traidiseanta.  Cluinnear Spàinnis, Sìnis agus Beurla an taobh-siar air bilean nan daoine air an t-sràid agus aig na buird bheaga plastaig taobh a-staigh cuideachd.  Bidh ceòl Ranchera pianail àrd ga chluich bhon jukebox san oisean moch gu dubh, agus tha El Castillito gu sònraichte traing aig meadhan-latha nuair a thig luchd-obrach na sgìre a-steach a’ ceannach an lòin.

Fòto via Jasonunbound.

Chaidh seo a phostadh ann an SF. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 freagairtean ri Am burrito as fheàrr ann an SF

  1. Thuirt Sukie:

    Am facu tu gu bheil robot ann a tha comasach air burrito-an a dhèanamh? Creididh mi seo nuair a chi mi e, ach… co aig a tha fios…

    Tha am Burritob0t na “hybrid of digital fabrication and molecular gastronomy” a-reir Marko Manriquez, am fear a chruthaich e. Tha beagan fiosrachaidh ann an sheo:

    An tig an latha nach bi ann ach innealan an aite gaisgich 17mh Sraid a’ Mhisein? De seorsa saoghal a tha romhainn? Am bi na burrito-an cho blasda?!!!

  2. Thuirt Sukie:

    Robot na Dibhe?

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s