Ge be na tha thu a’ saoilsinn mu Die Antwoord, còmhlan hip-hop Beurla/Afrikaans à Afraga a Deas, feumaidh tu aideachadh gu bheil an dòigh ’s gun tug iad ionnsaidh air an àrd-ùrlar an seo buileach maighstireil. Mhurt iad e. Tha an earrann bhideo gu h-àrd bhon a’ chiad chuirm aca ann an NYC, goirid an dèidh dhaibh tighinn gu aire eadar-nàiseanta, agus chan eil iad mealta idir. Tha Die Antwoord neònach, conspaideach, deuchainneach, ealanta agus craicte … ach thar a h-uile nì eile, tha iad fìrinneach. Chan eil iad neònach ann an dòigh ìoranta idir, mar seòrsa Brooklyn hipster. Na h-aodaich làimh-dhèanta, na dàin gun rian, na pearsachan a chruthaicheas iad air an àrd-ùrlair — tha iad ga dhèanamh uile mar ’s gu bheil iad ga rìribh a’ creidinn ann. Tha iad a’ gabhail ris an àrd-urlar mar ghaisgich, agus nam biodh aon phioc ìoranais ann, chan obraicheadh e idir.
Nuair a sgrìobh mi ACDD, bha an bhideo seo nam inntinn tric. B’ ann mar seo a dhèanadh Rìosa e agus chanainn gur e seo an cleas dìomhair do shoirbheas ann an ceòl, ealain, poileataics, dad sam bith: feumaidh tu gabhail ris a’ chunnart agus dèan e mar ’s gu bheil thu a’ creidinn ann, ge be dè cho craicte ’s a tha e. Tha an cultar iar-nuadh againn a’ dol fodha ann an ìoranas, ach tha an latha aige seachad tha mi an dùil. Tha na comharraichean ann. Tha ìoranas ro shàbhailte. ’S e fìrinneachd a bheir buaidh.