Seo Isaac Asimov a’ mìneachadh nan trì laghan a mhol e do raon an robotaics. Chruthaich Asimov am facal ’robotaics’ agus bha fealsanachd agus teòraidh an robotaics na chùis-chùraim mheadhanach ann am mòran dhe na nobhailean a sgrìobh e, ach dè cho beusach ’s a tha na laghan seo? Ma tha sinn a-mach air innealan a tha comasach roghainnean a dhèanamh, a tha, ann an dòigheigin, fèin-mhothachail, a bheil na reachdan seo iomachaidh? Nan cuireamaid am facal ‘tràill’ an àite ’robot’ anns na laghan, am biodh diofar ann? Ann an ùine nach bi fada, thathar an dùil nach e ceist theòraidhel a bhios ann, ach ceist phractaigeach làitheil. Thuig Asimov e fhèin mar libearalach, ach a bheil na laghan seo libearalach anns an t-seagh fharsaing? Nan cuireamaid na riaghailtean seo an sàs anns an àm ri teachd, nach bitheamaid a’ cruithachadh clas de bhithean às na robotan le còireachan na bu choltaich ri còireachan an tràill neo còireachan a’ choin, an àite còireachan an duine shaoir.
Leanaibh sinn air Twitter:
Ceòl nan Speuran
Làraichean
- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom
- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Cùrsa Memrise ACDD
Roinnean-seòrsa
- ceòl (31)
- corpas ficsean-saidheans (16)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (87)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (126)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (5)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.