Author Archives: lasairdhubh

ACDD aig Comann Crann na h-Alba

Tha mi uabhasach toilichte innse gun do bhuannaich ACDD an duais, A’ Chiad Leabhar As Fheàrr, aig Comann Crann na h-Alba, Dihaoine!  Chaidh an duais a roinn eadar ACDD agus As Far as I Can See le Eunice Buchanan.  Bha … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba

Thèid Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba a chumail ann an Leabharlann Mhitchell air an 14mh latha dhen t-Samhain, aig 4.30f.  Carson nach tig sibh ann!  Seo an cuireadh agus ’s ann air a gheibhear seòladh puist-d na tè a … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Saibeorgan gun riaghladh

Anns a’ bhideo seo bho Motherboard.tv, chithear agallamh a rinn Max Hoppenstedt le Tim Cannon bho Grindhouse Wetware nuair a chaidh Cannon fo lannsa gus teicneòlas saibeirneatach a chur ri a chorp.  Tha a’ bhuidheann aige, Grindhouse Wetware, na lìonraidh … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an punc, saibeirneatachd | 1 bheachd

Peapagan Samhna aig NASA JPL

Saidheantairean rocaid a’ snaidheadh pheapagan ficsean-saidheans — Oidhche Shamhna shonna dhuibh! Via Laughingsquid.

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Lèirmheasan bho Liam Alastair Crouse agus Laura Florence Jones

Rinneadh dà lèirmheas air ACDD an seachdain seo, fear le Liam Alastair Crouse aig Cànain, Clò, is Cleachdadh, agus fear eile le Laura Florence Jones aig Publishthings.  Rinn Liam ceum ann an Ceiltis agus ann an Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann, … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

ACDD air an liosta ghoirid dhan Duais Litreachais Comann Bratach na Croise 2013, Ciad Leabhar As Fheàrr!

Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gun deach ACDD a thaghadh dhan liosta ghoirid dhan Duais Litreachais Comann Bratach na Croise 2013, Ciad Leabhar As Fheàrr.  ’S e urram mòr a th’ ann, agus aithneachadh sònraichte do ChLÀR a … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Ri spùinneadh air a’ chuan mhòr

Ann an saoghal làn saothrach, làn riaghlaidh, làn ceannais, tha aon chuibhreann mhòr dhen chruinne air fhàgail a tha fhathast ìre-mhòr saor: a’ mhuir.  Thachair mi ris na gaisgich seo nuair a bha mi fhìn agus mo charaidean a’ fuireach … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

An do loisg Han an toiseach?

Bha mi dìreach aig an aois cheart nuair a chunnaic mi Star Wars an toiseach. 1977 – bha mi deich agus sgoilt am film m’ eanchainn; bha e cho math. Chan fhaca mi a leithid a riamh, agus chan fhaca … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Coltas saoghal ACDD

Coimhead air an dà trailer seo do steathan ainme ficsean-saidheans ùr a tha a’ tighinn a-mach an ceann greis.  Nach eil iad àlainn!  Nam inntinn, tha coltas an t-saoghail anns a bheil Sàl, Rìosa agus A-Hiom beò car coltach ri … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

An nobhail Ghàidhlig anns an Albannach air Didòmhnaich

Bha deagh alt Beurla anns an Albannach air Didòmhnaich seachdain sa chaidh, a-mach air an leabhar ùr aig Aonghas Pàdraig Caimbeul, An Nighean air an Aiseag, agus cuideachd le beachdan na chois air fàs an litreachais ùir anns a’ Ghàidhlig anns … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd