Am faigh sinn film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig uaireigin? Tha ùidh aig leughadairean Gàidhlig ann am ficsean-saidheans, agus is cinnteach gum biodh ùidh ann an deagh film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig cuideachd, ach an gabh e dèanamh? Nach biodh e ro dhaor? Nach biodh na buaidhean sònraichte ro chosgail? Can gun robh thu ag iarraidh film saibear-punc no opra-fànais a dhèanamh, fear le sgeulachd coltach ri ACDD mar eisimpleir, dh’fheumadh tu diofar longan-fànais a shealltainn, creutairean neo-daonna, planaidean cèin, is eile. Ciamar a dhèanadh tu sin leis a’ bhuidseat bheag ris a bhite ri dùil air film Gàidhlig?
Beagan bhliadhaichean air ais, b’ e aisling a bhiodh ann — bhiodh na buaidhean sònraiche fada ro dhaor — ach is coltach gu bheil CGI air fàs cho saor a-nis gun gabhadh film ficsean-saidheans a dhèanamh le buaidhean sònraichte a bhiodh reusanta math, ach air buidseat gu math math beag. Tha am film saibear-punc gu h-àrd na dheagh eisimpleir. Tha e cianail breagha, ach a rèir an riochdaire, chaidh am fiolmadh a dhèanamh le sgioba de thriùir agus air meanbh-bhuidseat, a’ cleachdadh mòran CGI airson nam buaidhean sònraichte.
Saoil a-nis, an dèan cuideigin film à ACDD san aon dòigh aon latha? Bhithinn air mo dhòigh agus tha e coltach gun gabh e dèanamh — an-dràsta no ma dh’fhaoidte ann am beagan bhliadhnaichean nuair a thig prisean CGI sìos pìos a bharrachd — ach an uair sin, ceist cudromach: cò chluicheadh Raithdead? A-Hiom? Rìosa? Beachdan?
Via io9.com.
Rìosa – Julie Fowlis ’s docha. Neo te dhe na boireannaich a bha an-sas anns An t-Uabhas agus/neo Na Gathan! Feumaidh iad a bhith breagha agus bragail!
A-Hiom – Coinneach MacRath, neo Màrtainn Mac an t-Saoir ’s docha?
Neo Tony Kearney. Bhiodh Tony math.
Agus Raithdead – duine sam bith aig Bòrd na Gàidhlig!
Tha e gu sònraichte duilich dhomhsa a ràdh oir tha ìomhaigh cho soilleir agam nam inntinn de choltas agus giùlain Rìosa, Shàil, A-Hiom, agus m.s.a.a. Dh’fheumadh an stiùiriche taghadh neo-eisimeileach a dhèanamh, saoilidh mi.
G’ e bith co na cluicheadaran, tha e soilleir gu bheil an sgeul seo air leth math airson film. Chaninn gum biodh cothrom math soundtrack laidir a dheanamh cuideachd. Dh’fhaodadh clar (foillsichte le CLAR?) direach sgoinneil tighinn as. Bhiodh e math smaoineachadh mu dheidhinn soundtrack cuideachd. Dh’fhaodadh score a h-aona ghnothach a dheanamh air a shon, le aon neach, neo ’s docha difir chomhlain-ciuil. De ur beachd? Bidh sinn a’ coimhead air adhart ris a seo!
Pingback: Ficsean saidheans air buidseat beag 2 | Air Cuan Dubh Drilseach