Tha mi uabhasach toilichte innse gun do bhuannaich ACDD an duais, A’ Chiad Leabhar As Fheàrr, aig Comann Crann na h-Alba, Dihaoine! Chaidh an duais a roinn eadar ACDD agus As Far as I Can See le Eunice Buchanan. Bha oidhche sgoinneil againn agus chì sibh anns na dealbhan gun robh a’ chuirm gu math spaideil anns a’ Leabharlann Mitchell.
Sgrìobh Brian Ferguson alt fada anns an Albannach uimpe, agus cuideachd, fhuair an duais iomradh air io9.com. Dìoso, cò chreideadh e!?! Tha mi gu sònraichte toilichte airson a h-uile duine aig CLÀR a dh’obraich cho cruaidh agus gu saor-thoileach air an nobhail. Tha cruth agus coltas na nobhail brèagha agus dreuchdail, agus saoilidh mi gu bheil muinntir ChLÀR uabhasach airidh air an aithneachadh. Gum meal iad an naidheachd!
Ùrachadh: Tha Laura Jones air alt inntinneach a sgrìobhadh air Publishthings mun duais agus a beachdan air a’ phròsas.