Lèirmheasan bho Liam Alastair Crouse agus Laura Florence Jones

Rinneadh dà lèirmheas air ACDD an seachdain seo, fear le Liam Alastair Crouse aig Cànain, Clò, is Cleachdadh, agus fear eile le Laura Florence Jones aig Publishthings.  Rinn Liam ceum ann an Ceiltis agus ann an Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus tha e a-nis na oileanach aig Oilthigh Shruighlea anns a’ phrògram fhoillseachaidh aca.  Mar Liam, tha  Laura air ceum a choisinn bho Oilthigh Dhùn Èideann, ach ann an litreachas na Beurla, agus i còmhla ri Liam anns an aon phrògram aig Oilthigh Shruighlea a-nis.  Tha Laura cuideachd an sàs anns an Duais Litreachais Comann Bratach na Croise agus i a’ leantainn nam breitheamhan anns na deasbadan aca.  Tha i air a bhith a’ dèanamh lèirmheasan air na diofar leabhraichean air an liosta ghoirid dhan Duais, a’ Chiad Leabhar as Fheàrr, agus le taic Liam, tha i air beachdachadh air ACDD.

Tha an dà lèirmheas gu math taiceil agus smaoineachail, agus cuideachd, ri chèile, tha Liam agus Laura air puing inntinneach a thogail annta a bu toil leam sgrìobhadh rud beag mu dheidhinn an seo.  Mhothaich Liam nach do sgrìobh mi mu Alba no mun a’ Ghàidhlig fhèin idir anns an leabhar, agus tha Laura a’ cur a’ bheachd air adhart, is dòcha, gur e rud fallain a th’ ann an sin.  Aidichidh mi gun do rinn mi an roghainn sin a dh’aona-ghnothach, gun robh mi ag iarraidh Gàidhealtachd a chruthachadh anns an speuran a bha cho àbhaisteach ’s nach b’ e cùis mhothachail a bh’ ann an cleachdadh na Gàidhlig dha na caractaran anns an t-saoghal sin.

Agus chanainn gun robh an roghainn sin (ceart no ceàrr) na b’ fhasa dhomh a chionn ’s gun robh mi a’ sgrìobhadh ficsean-saidheans, gum b’ urrainn dhomh a’ Ghàidhlig a nàdarrachadh no àbhaisteachadh chun na h-ìre ’s nach deach iomradh oirre idir anns an sgeulachd fhèin, a chionn ’s gun robh mi a’ sgrìobhadh mu shaoghal a bha gu tur mac-meanmnach. Ma dh’fhaoidte gum b’ e seo aon dòigh a bharrachd a bhiodh ficsean-saidheans na genre chudromach ann an litreachas na Gàidhlig, gum biodh e a’ toirt cothrom dhuinn Gàidhealtachd a chruthachadh eadar ar cluasan far nach leig sinn leas fiù ’s smaoineachadh air a’ Ghàidhlig, ach a bhith air ar bogadh innte mar èisg ann an sàl.

Bhiodh an roghainn sinn fada na bu dorra ann am ficsean stèidhichte ann am fìorachas.  Chuir mi crìoch air nobhail do dh’inbhich òga a chionn greis, tè suidhichte anns an latha an-diugh, agus smaoinich mi an sin gum feumainn bruidhinn mu chleachdadh agus mu phoileataics a’ chànain anns an teacsa.  Tha an nobhail a’ leantainn còmhlan-ciùil Gàidhlig air turas, buidheann de dhaoine nam ficheadan a chleachdas a’ Ghàidhlig ri chèile, agus shaoil mi gum biodh e mì-onarach, anns an latha a th’ ann, a bhith a’ cumail a-mach gun dèanadh daoine òga sin mura robh iad reusanta poilitigeach mu dheidhinn.  Ach ’s e nobhail eadar-dhealaichte a th’ ann, agus tha e inntinneach, gu bheil an fhollaiseachd sin mu phoileataics a’ chànain, ged nach eil mi a-mach air fada, gu bheil e a’ toirt blas gu math diofraichte dhan teacsa ceart gu leòr.

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s