Author Archives: lasairdhubh

Raidió Fáilte

Bidh agallamh leam ga chraoladh air Raidió Fáilte feasgar an-diugh aig 4.  Bidh mi a’ bruidhinn ri Máirín ann an Gàidhlig na h-Alba/na h-Èireann mu dheidhinn ACDD, ficsean-saidheans agus litreachas anns a’ Ghàidhlig.  Tha Raidió Fáilte ga chraoladh air an … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Eadar-aghaidh eanchainn-coimpiùtair tùs-fosgailte

“We want to lower the barrier of entry for brain-computer interfacing enthusiasts.” Abair seantans craicte airson 2014. Bliadhna mhath ùr dhuibh uile agus cus dhiubh! Via Boingboing.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Cuilean na Nollaige

Chaidh sgeulachd leam, Cuilean na Nollaige, fhoillseachadh mar Sgeulachd na Nollaige anns an Albannach an-diugh.  ’S ann mu sheòladair-fànais a tha i, Gogull mac Ùfbain mhic Narbais an Dìthiche.  Tha Gogull bochd ann an sàr èiginn.  Air chall air planaid … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Cùrsa leughaidh aig City Lit ann an Lunnainn

Thèid cùrsa leughaidh a chumail aig City Lit ann an Lunnainn, a’ cleachdadh ACDD mar bhun-theacsa a’ chùrsa.  Chan eil cus fiosrachaidh agam fhathast mun chùrsa, ach na tha air a’ chlàr-theagaisg, ach tha e dìreach sgoinneil fhaicinn gu bheil … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | 5 beachd(an)

Lèirmheas le Raghnall MacIlleDhuibh

Chaidh lèirmheas le Raghnall MacIlleDhuibh fhoillseachadh anns an Albannach Disathairne sa chaidh.  Mhol e ACDD gu mòr, ach gu mì-fhortanach, cha do nochd an lèirmheas (no gin dhe na h-uilt Ghàidhlig bho Dhisathairne sa chaidh) air an làraich-lìn aca.  Tha … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Lèirmheas le Moray Watson

Sgrìobh Moray Watson lèirmheas smaoineachail inntinneach air ACDD a chaidh fhoillseachadh ann an Northwords Now am mìos seo (Autumn 2013, #25).  Seo am beachd aige air cuspairean na nobhail: Air Cuan Dubh Drilseach seems light and pacy to read, but … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Alt anns an Everett Herald

Chaidh deagh alt a sgrìobhadh mu ACDD agus mu dhuais Comann Crann na h-Alba le Julie Muhlstein aig an Everett Herald, am pàipear ionadail againn ann am Mukilteo, am baile beag far an do thogadh mi.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Saibear-punc air buidseat beag

Am faigh sinn film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig uaireigin?  Tha ùidh aig leughadairean Gàidhlig ann am ficsean-saidheans, agus is cinnteach gum biodh ùidh ann an deagh film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig cuideachd, ach an gabh e dèanamh?  Nach biodh e … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 5 beachd(an)

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

Sanas ùr le CLÀR

Rinn CLÀR pòstar ùr airson ACDD agus seallaibh air na dathan sin! Sgoinneil. Seo dreach PDF dheth cuideachd.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd