Author Archives: lasairdhubh

ACDD ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu

Ma tha cairt-leabharlainn Oilthigh Ghlaschu agaibh, tha leth-bhreac ACDD aca a-nis.  Leabharlannan – nach eil iad math!

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Blastadh dheth!

Leughar lèirmheas goirid anns an Albannach air Didòmhnaich le Seonaidh Caimbeul còir an-diugh, a-mach air an tachartas aig Meg agus mi fhìn aig an t-Sabhal Diciadain.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Transparencies agus ACDD aig SMO

Bha fleadh sgoinneil againn a-raoir aig Sabhal Mòr Ostaig far an do chuir mi fhìn agus Meg Bateman ar leabhraichean ùra air bhog, anns a’ chomhairsneachd againn fhìn, agus thàinig mòran charaidean a-mach airson fìon, nibbles agus litreachas.  Bha an … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | 2 beachd(an)

Der antifaschistischen Oi musik

Tha cuimhne agam nuair a bha Mill a h-Uile Rud air an rathad anns an Roinn Eòrpa còmhla ri Oi Polloi, ge be càite an robh sinn, gum bruidhneadh Ruairidh bho Oi Polloi ris an èisteachd ann an cànan na … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl, punc | Sgrìobh beachd

Transparencies agus Air Cuan Dubh Drilseach; Oidhche litreachais aig an t-Sabhal Mhòr

Bidh mi fhìn agus Meg Bateman a’ cur ar leabhraichean air bhog ri chèile ann an Slèite, anns an sgìre againn fhìn, aig cuirm shònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig, Diciadain, 28 An Lùnastal aig 7.30 f.  Bidh Meg a’ comharrachadh … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Foillseachadh Gàidhlig aig Fèis Leabhraichean Dùn Èideann

Thèid taisbeanadh sònraichte a chumail aig Fèis Leabhraichean Dùn Èideann a’ comharrachadh a h-uile leabhar a chaidh am foillseachadh anns a’ Ghàidhlig am bliadhna.  B’ e bliadhna iongantach torach a bh’ ann do litreachas na Gàidhlig, ach bliadhna de chaochladh … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Memrise … ceum air cheum

Tha mi fhathast ag obair air a’ chùrsa air Memrise. (Faicibh geàrr-chunntas an seo.) Tha mi air a’ mhòr-chuid dhen bhriathrachas ann an Caibideil II a chur a-steach, agus tha mi a-nis a’ feuchainn ri barrachd fhuaimean a chur ann. … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Prepare to make the jump to lightspeed…

Mar a tha C-3PO ag ràdh, “It’s impossible to go to light speed,” ach chan ann air sàilleabh gu bheil an hyperdrive briste, ach air sàilleabh gu bheil e an aghaidh nan riaghailtean fiosaics a rèir na dàimheachd sònraichte aig … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Ùr-Sgeul anns an Albannach

Ann an alt anns an Albannach, tha Alasdair Caimbeul air cunntas a dhèanamh air Ùr-sgeul agus air an sàr obair a rinn John Storey gu sònraichte ann an ath-bheothachadh na nobhail Gàidhlig.  Tha John ìorsail mar as àbhaist, ach thug … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Dihaoine…

′S e Dihaoine a th’ ann, tha a’ ghrian a’ deàrrsadh, agus tha mi ga lorg cianail fhèin doirbh m’ aire a chumail air m’ obair.  Na h-àite, tha mi a’ coimhead a’ bhideò mheasgaichte seo suas gu 11 nam … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl, fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd