Anns a’ bhideo seo bho Motherboard.tv, chithear agallamh a rinn Max Hoppenstedt le Tim Cannon bho Grindhouse Wetware nuair a chaidh Cannon fo lannsa gus teicneòlas saibeirneatach a chur ri a chorp. Tha a’ bhuidheann aige, Grindhouse Wetware, na lìonraidh de dh’iomairtichean a tha a’ leasachadh teicneòlas saibeirneatach agus ga cleachdadh nan cuirp fhèin, gun taic leigheis dhreuchdail no cead bhon riaghaltas. Aig co-labhairt leasachadh-cuirp, BMXnet, anns a’ Ghearmailt, dh’iarr Cannon air Steve Haworth inneal eleactronach, Circadia, a chur fo a chraiceann, le lannsaireachd gun aineastatach sam bith. Ow!
Is cinnteach gu bheil an leithid a’ dol air adhart mar thà am measg nan Tony Starks dhen t-saoghail, daoine ro-bheartach, na plutocrataich, agus iad ag iarraidh a bhith beò gu sìorraidh le cumhachdan os-nàdarra, ach saoilidh mi ma bhios cothrom aig daoine àbhaisteach gabhail ris an teicneòlas ùr seo, ’s ann mar thoradh air obair leth-laghail mar seo a thig e. Cuiridh na neo-Bhioctorianaich nar measg casg air na leasachaidhean seo a thaobh an lagha, chan eil amharas ann, ach mar a tha a’ bhideo seo a’ sealltainn, cha bhi e comasach stad a chur air daoine a dhèanadh na leasachaidhean seo taobh a-muigh an lagha, agus dè thachras an uair sin? An tèid an cur an grèim agus na leasachaidhean a thoirt asta? No an tòisich na daoine seo deasbad a leanas gu laghan ùra? Cha chreid mi gun leanadh, ach cò aig’ fios?
Saoilidh mi gur e iomairt inntinneach chudromach a th’ ann, agus gur math a thèid leotha, ach fhathast, ow!
Via Motherboard.tv < Time Newsfeed < reddit.com/r/cyberpunk/
Chithear barrachd mu Grindhouse Wetware anns a’ bhideo le The Verge gu h-ìosal:
Man, tha sin bonkers! Gun chiall!