Author Archives: lasairdhubh

Alt anns an Everett Herald

Chaidh deagh alt a sgrìobhadh mu ACDD agus mu dhuais Comann Crann na h-Alba le Julie Muhlstein aig an Everett Herald, am pàipear ionadail againn ann am Mukilteo, am baile beag far an do thogadh mi.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Saibear-punc air buidseat beag

Am faigh sinn film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig uaireigin?  Tha ùidh aig leughadairean Gàidhlig ann am ficsean-saidheans, agus is cinnteach gum biodh ùidh ann an deagh film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig cuideachd, ach an gabh e dèanamh?  Nach biodh e … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 5 beachd(an)

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

Sanas ùr le CLÀR

Rinn CLÀR pòstar ùr airson ACDD agus seallaibh air na dathan sin! Sgoinneil. Seo dreach PDF dheth cuideachd.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

ACDD aig Comann Crann na h-Alba

Tha mi uabhasach toilichte innse gun do bhuannaich ACDD an duais, A’ Chiad Leabhar As Fheàrr, aig Comann Crann na h-Alba, Dihaoine!  Chaidh an duais a roinn eadar ACDD agus As Far as I Can See le Eunice Buchanan.  Bha … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba

Thèid Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba a chumail ann an Leabharlann Mhitchell air an 14mh latha dhen t-Samhain, aig 4.30f.  Carson nach tig sibh ann!  Seo an cuireadh agus ’s ann air a gheibhear seòladh puist-d na tè a … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Saibeorgan gun riaghladh

Anns a’ bhideo seo bho Motherboard.tv, chithear agallamh a rinn Max Hoppenstedt le Tim Cannon bho Grindhouse Wetware nuair a chaidh Cannon fo lannsa gus teicneòlas saibeirneatach a chur ri a chorp.  Tha a’ bhuidheann aige, Grindhouse Wetware, na lìonraidh … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an punc, saibeirneatachd | 1 bheachd

Peapagan Samhna aig NASA JPL

Saidheantairean rocaid a’ snaidheadh pheapagan ficsean-saidheans — Oidhche Shamhna shonna dhuibh! Via Laughingsquid.

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Lèirmheasan bho Liam Alastair Crouse agus Laura Florence Jones

Rinneadh dà lèirmheas air ACDD an seachdain seo, fear le Liam Alastair Crouse aig Cànain, Clò, is Cleachdadh, agus fear eile le Laura Florence Jones aig Publishthings.  Rinn Liam ceum ann an Ceiltis agus ann an Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann, … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

ACDD air an liosta ghoirid dhan Duais Litreachais Comann Bratach na Croise 2013, Ciad Leabhar As Fheàrr!

Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gun deach ACDD a thaghadh dhan liosta ghoirid dhan Duais Litreachais Comann Bratach na Croise 2013, Ciad Leabhar As Fheàrr.  ’S e urram mòr a th’ ann, agus aithneachadh sònraichte do ChLÀR a … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd