-
Ceòl às na Speuran
-
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Nad Aislingean
Drilseach -
Làraichean
-
CLÀR
Comhairle nan Leabhraichean
Heather Brennan
Phineas X Jones 




- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom


- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Roinnean-seòrsa
- ceòl (35)
- corpas ficsean-saidheans (20)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (91)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (136)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Author Archives: lasairdhubh
Tùr innealta
Tha Stephen Hawking, Stuart Russell, Max Tegmark agus Frank Wilczek air litir fhoillseachadh anns an Independent, a’ toirt iomradh air a’ fiolm ùr, Transcendence, agus a’ gabhail a’ chothruim rabhadh a thoirt dhuinn mu na cunnartan èiginneach an lùib tùr innealta: One can imagine such … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd
2 beachd(an)
Fèis Leabhair Ulapuil
Bidh mi fhìn còmhla ri Anndra Dunn a’ leughadh bho na nobhailean againn aig Fèis Leabhair Ulapuil air an deicheamh latha dhen Chèitean aig 4f ann an Talla a’ Bhaile ann an Ulapul. Tha Anndra dìreach an dèidh leabhar ùr fhoillseachadh, Còisir nan … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
3 beachd(an)
Saorsa Chruthachail
Bha Màrtainn Mac an t-Saoir anns an èiseachd aig bogadh na nobhail ùire agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, ann an Glaschu dà sheachdain air ais, agus chuir e ceist dhùbhlanach orm: carson a tha thu ri sgrìobhadh ficsean? Dìos-o, chuir a’ … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
Sgrìobh beachd
Anns an stiùideo le Drilseach
Bha mi anns an stiùideo aig an deireadh-sheachdain leis a’ chòmhlan chraicte, Drilseach, agus iad a’ clàradh òran ùr stèidhichte air a’ chiad chaibideil de ACDD! Tha dithis seann charaid, Ruairidh agus Eilidh, an sàs anns a’ chòmhlan, cho math … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc
1 bheachd
Bogadh Feur Buidhe an t-Samhraidh
Tha mi cianail toilichte innse gun do chuireadh an nobhail ùr agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, air bhog aig an fhèis, Leabhar is Craic, aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu, Disathairne sa chaidh. Thòisich an latha le taisbeanadh dhe na … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
1 bheachd
Postair Dune
Seallaibh air a’ phostair a cheannaich mi! Tha mi uabhasach toilichte leis. ’S ann le Joshua Budich a tha e, postair a chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson taisbeanadh de dh’ealain bonntaichte air na fiolmaichean aig David Lynch. Cheannaich mi e, … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
4 beachd(an)
Teòraidh a’ Bhraig Mhòir
Aig deireadh na cùis, chan eil ach dà sheòrsa neard ann: a’ chuid is beag orra TBBT, agus a’ chuid is gasta leotha e, agus tha mise anns an dàrna campa sin. Is fìor thoil leam TBBT. Chanadh cuid gu … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Uncategorized
Sgrìobh beachd
Leabhar ‘s Craic
Bidh an fhèis litreachais, Leabhar ’s Craic, a’ tachairt am bliadhna aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu aig 350 Sràid Sauchiehall air 22d latha dhen Mhàrt bho meadhan latha, agus bidh mi fhìn ann air dà adhbhar: sa chiad dol-a-mach, … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
2 beachd(an)
Coimpiùtar daonnan-air
Seo Ubi, coimpiùtar beag uile-làthaireach no “daonnan-air”. Tuigidh an t-Ubi do ghuth agus nì e gnìomhan sìmplidh dhut mar chur post-d no lorg fiosrachadh air an eadar-lìon. Ach mar a tha an co-stèidhichear, Amin Abdossalami, a’ mìneachadh aig 2 mionaidean … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Ficsean saidheans air buidseat beag 2
O chionn ghreis, sgrìobh mi mu LUNAR, fiolm saibear-punc neo-eisimealach a thathar a’ dèanamh air buidsead meanbh, agus seo fear eile dhen aon chineal, Prospect, fiolm goirid ficsean-saidheans a thèid a mhaoineachadh le iomairt Kickstarter de luach dìreach $23K. A … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
Sgrìobh beachd