-
Ceòl às na Speuran
-
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Nad Aislingean
Drilseach -
Làraichean
-
CLÀR
Comhairle nan Leabhraichean
Heather Brennan
Phineas X Jones 



- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom

- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Roinnean-seòrsa
- ceòl (35)
- corpas ficsean-saidheans (19)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (89)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (131)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Author Archives: lasairdhubh
Sanas airson pickup + geama PC opra-fànais = miann
Mas ann às na Stàitean no à Canada a tha sibh, bidh sibh eòlach air sanasan-rèic coltach ri seo airson pickup trucks, ach seo fear a chaidh a dhèanamh mar shanas airson geama PC opra-fànais, Star Citizen, agus tha e cuimseach math. … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
Sgrìobh beachd
LearnGaelic le Anndra, Coinneach is mi fhìn!
Tha seo dìreach sgoinneil. Chruthaich LearnGaelic.net leasan às a’ phìos-naidheachd a rinn BBC an Là mìos sa chaidh mun Fhèis-leabhair ann an Ulapul. Anns a’ phìos, rinn Coinneach Mac a’ Ghobhainn agallamh le Anndra Dunn agus leamsa, agus faodar èisteachd ris … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Fèis Leabhair Ulapuil san Albannach
Rinn David Robinson mòladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil ann am pìos a nochd anns an Albannach Didòmhnaich. Rachainn fhìn leis a h-uile rud a sgrìobh e mun fhèis. Bha i sònraichte math. Cuideachd, chuirinn mo thaic-sa ris a’ mholadh a rinn e … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
1 bheachd
Moladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil
Bha deireadh seachdain buileach sgoinneil againn aig Fèis Leabhair Ulapuil agus chan urrainn dhomh a moladh cus. Abair fosgladh sùile! Cha chreid mi gun robh mi a-riamh aig fèis (chiùil, leabhair no ealain) a bha cho rianail, tlachdmhòr agus inntinneach. … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
3 beachd(an)
Tùr innealta
Tha Stephen Hawking, Stuart Russell, Max Tegmark agus Frank Wilczek air litir fhoillseachadh anns an Independent, a’ toirt iomradh air a’ fiolm ùr, Transcendence, agus a’ gabhail a’ chothruim rabhadh a thoirt dhuinn mu na cunnartan èiginneach an lùib tùr innealta: One can imagine such … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd
2 beachd(an)
Fèis Leabhair Ulapuil
Bidh mi fhìn còmhla ri Anndra Dunn a’ leughadh bho na nobhailean againn aig Fèis Leabhair Ulapuil air an deicheamh latha dhen Chèitean aig 4f ann an Talla a’ Bhaile ann an Ulapul. Tha Anndra dìreach an dèidh leabhar ùr fhoillseachadh, Còisir nan … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
3 beachd(an)
Saorsa Chruthachail
Bha Màrtainn Mac an t-Saoir anns an èiseachd aig bogadh na nobhail ùire agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, ann an Glaschu dà sheachdain air ais, agus chuir e ceist dhùbhlanach orm: carson a tha thu ri sgrìobhadh ficsean? Dìos-o, chuir a’ … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
Sgrìobh beachd
Anns an stiùideo le Drilseach
Bha mi anns an stiùideo aig an deireadh-sheachdain leis a’ chòmhlan chraicte, Drilseach, agus iad a’ clàradh òran ùr stèidhichte air a’ chiad chaibideil de ACDD! Tha dithis seann charaid, Ruairidh agus Eilidh, an sàs anns a’ chòmhlan, cho math … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc
1 bheachd
Bogadh Feur Buidhe an t-Samhraidh
Tha mi cianail toilichte innse gun do chuireadh an nobhail ùr agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, air bhog aig an fhèis, Leabhar is Craic, aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu, Disathairne sa chaidh. Thòisich an latha le taisbeanadh dhe na … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
1 bheachd
Postair Dune
Seallaibh air a’ phostair a cheannaich mi! Tha mi uabhasach toilichte leis. ’S ann le Joshua Budich a tha e, postair a chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson taisbeanadh de dh’ealain bonntaichte air na fiolmaichean aig David Lynch. Cheannaich mi e, … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
4 beachd(an)