-
Ceòl às na Speuran
-
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Nad Aislingean
Drilseach -
Làraichean
-
CLÀR
Comhairle nan Leabhraichean
Heather Brennan
Phineas X Jones 




- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom


- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Roinnean-seòrsa
- ceòl (35)
- corpas ficsean-saidheans (20)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (91)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (136)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Author Archives: lasairdhubh
Bogadh STEALL 2.2 — Toradh
Seo an clàr-gnothaich dhan latha, Didòmhnaich, aig an fhèis bhìdh agus litrachais, Toradh. Ma bhios sibh ann an Uibhist, thig gar faicinn aig 5f!
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
iTunes
Ma tha inneal Apple agaibh, agus nam b’ fheàrr leibh na leabhraichean-d a cheannach bho iTunes, tha mi toilichte a ràdh gu bheil ACDD ri fhaodainn anns a’ bhùth aca a-nis!
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Bogadh STEALL 2.2 — Uibhist
Tha mi toilichte innse gum bi mi fhìn agus Iain Fionnlaigh MacLeòid a’ leughadh aig tachartas bogaidh STEALL 02; an turas seo, am bogadh ann an Uibhist. Is fìor thoil leam am beachd aig foillsichear na h-irise, CLÀR, gun cùm … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Iar-apocaileaps a-nis
Tha a’ bhideo seo craicte. ’S e sgioba bhalach a th’ ann a snaig a-steach gu bunait-airm ann an Casachstàn los coimhead air dà sheann spàl-fànais Soibheatach, agus nuair a ràinig iad, lorg iad sealladh mar fhicsean-saidheans iar-apocaileapach, rudeigin coltach ri tobhta … Cum ort a leughadh
Mearan is dàsachd
Bha mi a’ lorg facal ùr air “insanity” do sgeulachd a bha mi a’ sgrìobhadh an latha eile. Bha mi air cus feum a dhèanamh de na seann charaidean mar ‘cuthach’ is ‘boile’ agus bha mi a’ lorg facal a … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans
5 beachd(an)
Bogadh STEALL 2.1 — Obar Dheathain
Fhuair mi brath bho Phrìomh-àros ChLÀR, agus is coltach gu bheil STEALL II air ruigsinn! Ù hù! Bidh an dàrna caibideil dhen nobhail agam a’ nochdadh innte: “Innis Sgairpe“. Urra ùr, planaid ùr, is motarothairean! Gheibhear an seo i: http://www.clar.online … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
An t-Adhar Ùr, le Dennis King
‘An t-Adhar Ùr,’ le Dennis King, Gairm 107, an Samhradh, 1979, tdd. 204–9. Nuair a leugh mi ‘An t-Adhar Ùr’, air ball, thug i an nobhail Solaris leis an ùghdar Phòlainneach, Stanislaw Lem, dham inntinn. Tha an dà sgeulachd mu … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth
1 bheachd
Leabhar-d ACDD
Tha mi gu math toilichte innse gu bheil ACDD ri fhaighinn a-nis mar leabhar-d (leabhar dideatach/dealain). Bha CLÀR air a bhith ag obair air an leabhar-d o chionn fhada agus tha mi uabhasach taingeil dhaibh gun do rinn iad an … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
ACDD air Raidió na Life
B’ ann beagan sheachdainean air ais a rinn Róisín Adams on phrògram litreachais, Aon Scéal air Raidió na Life, agallamh le Eoin P. Ó Murchú mun eadar-theangachadh a tha e a’ dèanamh air ACDD bho Ghàidhlig na h-Alba gu Gàidhlig na h-Èireann, agus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans
Sgrìobh beachd
Innis Tìlich agus nobhailean
Ann an 2013, chaidh alt fhoillseachadh leis a’ BhBC a dh’agair gum biodh neach às gach deichnear ann an Innis Tìle air nobhail fhoillseachadh rè am beatha. B’ e ‘naidheachd bhreugach’ a bha sin ceart gu leòr, ach tha e iongantach … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
5 beachd(an)