Oirthir Tìm

OirthirTim’S e leabhar àraid a th’ ann an Oirthir Tìm le Cailein MacCoinnich. Canar gur e uabhas os-nàdarra a th’ ann am mòran de na sgeulachdan anns a’ chruinneachadh, le draoidheachd agus an donas fhèin an lùib cuid. Agus tha cuid eile anns a’ chruinneachadh nach gabh seòrsachadh idir, mar “An t-Eilean” anns an tachair bodach ri daoine uamha bho linn na cloiche is e ag iasgach ann an lochan a-mach air a’ mhòintich. Ach chanar gur e ficsean-saidheans a th’ ann an co-dhiù ceithir no is dòcha còig dhe na sgeulachdan seo, ged is e seòrsa ficsean-saidheans annasach a th’ ann.

Anns “an Galair” nì dithis lighiche strì an aghaidh tinneas a chaidh a sgaoileadh dhan Talamh le coigrich à Alpha Centauri. Anns “an Long-Adhair” tachraidh  grunnan seann bhodach ri sgioba choigreach, an riochd coltach ri corran-ghritheach, a laigh an long-fhànais aca faisg air baile beag ann an Leòdhas. Ann an “Crìochan Farsaing”, siùbhlaidh ceathrar Thalmhach cho fada ris an reul-chrios, Andromada, ann an long-fhànas a tha air chomas “briseadh a-mach o chuimhrichean Tìm.” Agus anns “an Toradh Oillteil” nì dithis rannsaiche strì an aghaidh galar, fear a sgaoil coigrich a-rithist, ach an turas seo, creutairean à Andromada “le cinn mhòra anns an robh ceithir sùilean”.

Tha aon sgeulachd eile anns an leabhar, “Searmon a’ Bhodaich,” agus is dòcha gun canar gur e ficsean-saidheans a th’ ann cuideachd. ’S ann innte a tha seanair a’ mìneachadh dha oghaichean gur e aithris air Iùdhach a’ tachairt ri coigreach a th’ ann an Leabhar Eseceil anns an t-Seann Tiomnadh, beachd a nochd cuideachd ann an Chariots of the Gods? le Erich von Däniken. Ged nach e ficsean-saidheans ceart a th’ ann, is dòcha, chuir i nam cuimhne an seann phrògram às na seachadan, In Search of…, le Leonard Nimoy, anns an innseadh e dhuinn mu Niseag, Triantan Bhearmùda is annasan eile.

Tha na sgeulachdan seo àraid, agus chanainn gur e an smal as motha a th’ orra ’s nach eil an saidheans th’ annta daonnan ag obair. Bha mi a’ leughadh War of the Worlds le H. G. Wells o chionn ghreis, agus chuir e iongnadh orm cho cuimseach ’s a bha an saidheans agus an teicneòlas anns an nobhail sin, tè a chaidh a foillseachadh cho fada air ais ri 1898. Ach chan eil an saidheans anns na sgeulachdan ann an Oirthir Tìm air a dhealbhadh anns an aon doimhneachd idir, mar nach robh cus ùidh aig MacCoinnich ann an saidheans agus teicneòlas nuair a sgrìobh e iad.

Fhathast, tha rudeigin tarraingeach mu na sgeulachdan ficsean-saidheans aige, agus saoilidh mi gur e neo-chiontas a th’ ann. ’S ann air sàillibh ’s gu bheil an saidheans agus an teicneòlas annta cho cearbach, eu-domhainn, agus na caractaran annta cho sìmplidh, dìreach, a chuir iad fo gheasaibh mi. Tha Oirthir Tìm mar an t-inneal-tìm aig Wells, gar toirt air ais gu deireadh nan seasgadan, gu linn an fhànais, agus dhan dòchas neo-chiontach a bha bitheanta aig an àm sin. Agus tha sin na thlachd, saidheans cearbach ann no às.

Oirthir Tìm le Cailein T. MacCoinnich, Glaschu: Gairm, 1969.

Chaidh seo a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Oirthir Tìm

  1. Thuirt Marconatrix:

    Chan fhaca mi riamh an leabhar sin. Agus ’s ann ann an 1969 a thàinig e a-mach?

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s