Chan ann fada gus an tig STEALL III a-mach an clò, agus na lùib, a’ chaibideil as ùire bhon nobhail shreathaich agam, An Luingeas Dorcha air Fàire. Ù hù! Tha muinntir ChLÀR air duilleag ùr a chruthachadh dhan nobhail far am faighear fiosrachadh mu na caibideilean ri teachd, agus ’s ann air làrach STEALL fhèin as urrainn dhuibh eagran a trì a cheannach.
Cuideachd, is dòcha gu bheil sibh fhathast a’ lorg phreasantan no ag iarraidh rudeigin snog a cheannach dhut fhèin aig a’ bhliadhn’ ùir. Uil, dè a b’ fheàrr mar phreasant do leughadair Gàidhlig na sìnteas do STEALL! Cha chosg e ach £120 air sìnteas fad-bheatha, dà iris snasail a h-uile bliadhna gus an tig na sombaidhean air ar tòir, agus aig an aon àm, bhiodh sibh a’ cur taic chudromach ri iomairt STEALL. Tha e ìre-mhòr do-dhèanta iris a chumail a’ dol anns an latha an-diugh gun leughadairean gu leòr a’ toirt shìnteasan a-mach. Mar sin, carson nach ceannaich sibh sìnteas dhan a h-uile duine air an liosta agad!!
“Cha chosg e ACH *£120* air sìnteas fad-bheatha …”
Obh! Obh! Mo chreach fhéin! Nam bitheadh cridhe fann annam ’s dòcha gum bidh mi sìnte a-mach gun drilsean beatha air fhàgail!