Tha a’ bhideo seo craicte. ’S e sgioba bhalach a th’ ann a snaig a-steach gu bunait-airm ann an Casachstàn los coimhead air dà sheann spàl-fànais Soibheatach, agus nuair a ràinig iad, lorg iad sealladh mar fhicsean-saidheans iar-apocaileapach, rudeigin coltach ri tobhta siobhaltais choimhich nach mairinn. Is iongantach nach deach an cur an grèim agus dhan phrìosan fad iomadh bliadhna, no nach deach am marbhadh. Chuala iad losgadh ghunaichean, chunnaic iad freiceadain, bha aca ri an cumail fhèin am falach iomadh uair, ach fhathast, thàinig iad às beò, le bhideo nan cois. Sgoinneil!
Via io9.com.
Tha sin a’ cur brìgh ùr air ’space junk’, tha mi ’smaointinn …