Mar a sgrìobhas tu leabhar Gàidhlig!

Tha co-ogha agam, Vijay Prashad, agus ’s e inneal a th’ ann nuair a thig e gu sgrìobhadh leabhraichean. Tha e an aon aois dhomhsa, agus 19 leabhraichean aige an clò a-nis, agus tha cuimhne agam nuair a bha mi na b’ òige bha mi bog-balbh: cha b’ urrainn dhomh tuigsinn ciamar a rinn e e. Bhiodh e a’ sgrìobhadh nan leabhraichean aige, ag obair mar òraidiche aig oilthigh, a’ siubhail tric is minig timcheall na cruinne, a’ lìbhrigeadh òraidean agus a’ cruinneachadh dàta dhan rannsachadh aige, b’ e athar a bh’ ann, agus fhathast, bha ùine gu leòr aige gu crochadh a-mach còmhla riumsa mar nach robh dragh sam bith air inntinn. Dè an cleas dìomhar a bh’ aige?

Anns a’ chùrsa agam, Gàidhlig is Conaltradh, bidh sinn tric a’ bruidhinn air nobhailean Gàidhlig agus nuair a chuireas mi a’ cheist: am bu toil leis na h-oileanaich agam nobhail Ghàidhlig a sgrìobhadh aon latha, bidh iad ag innse dhomh gur e an rud as motha a chuireas bacadh orra, ’s e faide na h-obrach. Tha e a’ faireachdainn do-dhèanta fada dhaibh, leabhar 50, 100, 150 mìle facal a sgrìobhadh, agus bha mi fhìn dhen aon bheachd uair. Thòisich mi sgrìobhadh airson tlachd nuair a bha mi san àrd-sgoil, ach bha sgrìobhadh rudeigin cho fada ri nobhail a’ faireachdainn thar mo chomais. Cha b’ ann gus an do sgrìobh mi an tràchdas PhD agam (93 mìle facal) a thuig mi gum b’ urrainn dhomh a leithid a dhèanamh, agus ged nach bi mi a-riamh cho torrach ri Vijay, tha tuigse nas fheàrr agam a-nis air mar a chumas tu ri pròiseactan sgrìobhaidh fada agus beatha àbhaisteach agad aig an aon àm.

Is glè bheag na daoine a tha soirbheachail agus fortanach gu leòr gu beò-shlàinte a dhèanamh à sgrìobhadh a-mhàin, le beatha a leigeas leotha sgrìobhadh làn-ùine. Don mhòr-chuid againn, feumaidh sinn sgrìobhadh a theachd mun cuairt air obair-latha, teaghlach agus dleasdanasan eile. Ach fhathast, bidh daoine (coltach ri Vijay) a’ cur crìoch air nobhailean no air leabhraichean eile fhad ’s a tha iad an sàs ann an drip làitheil am beatha, agus ’s e an cleas dìomhair aca mar as tric: cunbhalachd. Feumaidh tu ùine a lorg a h-uile latha, no a h-uile seachdain do sgrìobhadh, agus ma chumas tu gu dlùth ri clàr-ama sgrìobhaidh, mìos an dèidh mìosa, bliadhna an dèidh bliadhna, fiù ’s mas e dìreach leth-uair a thìde gach feasgar, latha buidhe, bòidheach air choreigin, ruigidh an t-each sgrìobhaidh agad am muileann agus bidh dreach leabhair agad. Ù hù!

Bidh cuid a’ sònrachadh uair air choreigin san latha do sgrìobhadh (m.e.: àm-norraige an cloinne, sa mhadainn mus dùisg a h-uile duine, air an trèana a dh’obair), cuid eile a’ teachd an sgrìobhaidh aca a-steach anns na beàrnan a nochdas nam beatha agus ag amas air àireamh shònraichte de dh’fhaclan gach latha no seachdain, agus tha mi fhìn air an dà ro-innleachd a chleachdadh gu soirbheachail, ach gus cumail ri sgrìobhadh fad mhìosan no fad bhliadhnaichean mar seo, tha brosnachadh a dhìth, agus tha mi air ionnsachadh, ge b’ e dè seòrsa clàr-ama sgrìobhaidh a leanainn, gun robh e na bhrosnachadh mhòr dhomh an àireamh de dh’fhaclan a chuir mi sìos gach seachdan a chlàradh. Tha an cleas seo rud beag nerd-mhòr, ach mholainn e. Tha e ag obair. Mar eisimpleir, tha mi dìreach air crìocha a chur air leabhar eachdraidh a-mach air an iomairt fhada ann an Dùn Èideann gus sgoil Ghàidhlig a chur air bhonn sa bhaile, agus seo an clàr agam dhe dh’fhaclan a sgrìobh mi thar nam bliadhnaichean mu dheireadh:

faclan_eachdraidh

Chithear gur e pròiseact reusanta fada a bh’ ann. Thòisich mi anns a’ Ghearran, 2015: ceithir bliadhna air ais. Le deasachadh, tha mi suas gu mu 103 mìle facal, agus mar sin, ’s e seo an leabhar as fhaide a sgrìobh mi a-riamh. Cuideachd, chithear nach do rinn mi adhartas cunbhalach air. Bha beàrnan ann, gu h-àraidh dà bhliadhna an dèidh dhomh tòiseachadh air obair ùr mar stiùiriche Ghàidhlig is Conaltradh agus a dhol fodha a’ sgrìobhadh a’ chùrsa sin às ùr, nuair nach robh de thìde agam obair air an leabhar idir. Ann an ùine cho fada ri seo, agus le greisean ann nuair nach b’ urrainn dhomh sgrìobhadh, thug e brosnachadh làidir dhomh a bhith a’ feuchainn ri an loidhne dhearg sin a ghluasad suas beag air bheag.

An coimeas, seo an clàr agam bho sgrìobhadh ACDD:

faclan_drilseach

Rinn mi adhartas na bu chunbhalaich air a’ chiad nobhail agam, agus cuideachd, chan eil i idir cho fada ris an leabhar eachdraidh gu h-àrd, mu 59k facal aig a’ cheann thall, ach rinn mi an t-adhartas seo uile aig an taigh, ag obair nuair a b’ urrainn dhomh, a’ sgrìobhadh aig bòrd a’ chidsin, air an oidhche agus aig an deireadh-sheachdain.

Tha rudeigin cho àrd-chùiseach mun t-sònrachadh nobhailiche ach chan eil dad seunta mu dheidhinn. Feumaidh tu dìreach suidhe sìos agus sgrìobhadh gu cunbhalach. OK, is cinnteach gu bheil fada a bharrachd an sàs ann an sgrìobhadh leabhair na dìreach càrnadh suas faclan, agus gu dearbh, rinn mi fhìn mòran obrach air a’ cheàird agam mar ùghdar mus do theann mi obair air nobhail, ach saoilidh mi gur e faide na h-obrach an rud as motha a chuireas stad air mòran daoine, agus is truagh sin. Tha  nobhailean ùra a dhìth oirnn, agus creididh mi gu làidir gu bheil nobhail Ghàidhlig (no deich) anns gach Gàidheal, tòrr mòr sgeulachdan sgoinneil a’ feitheamh annainn uile. Tha nobhail annaibhse gu cinnteach. Siudaibh a charaid, sgrìobhaidh leabhar!

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Fèis Cymera

cymera
Tha mi cho ireapaiseach mu sheo: bidh Daibhidh Eyre agus mi fhìn a’ bruidhinn aig Cymera, fèis FS ann an Dùn Èideann, air Didòmhnaich, an 9mh latha dhen Ògmhios am bliadhna, air panail dam ainm: The New Wave of Gaelic Sci-Fi. Eu-coltach ri mòran fhèisean, leithid ComicCon is eile, chan e fèis mhòr, chorporra a tha seo, ach tè bheag, làmh-dhèanta, ga ruith mar bhuidhinn chathrannais, agus air a chur air dòigh an toiseach le dithis: Ann Landmann agus Noel Chidwick, deasaiche na irise FS Albannaich, Shoreline of Infinity. Tha e a’ dol a bhith sgoinneil. Chan urrainn dhomh feitheamh!!

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Meatailt Māori!

Thug mo charaid Anndra ceangal dhomh dhan chòmhlan Alien Weaponry, còmhlan meatailt a sheinneas ann an Cànan nam Māori. An toiseach: abair ainm! Cho meatailt!! Cuideachd, tha Cànan nam Māori ag obair cianail math ann am meatailt.  Agus tha e gu sònraichte ciut am pàrantan meatailt fhaicinn tighinn air turas còmhla riutha. Dork-o-licious math!

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

Feòil: beannachd no mallachd?

Tha deagh alt aig Roddy Neithercut a-mach air poileataics is eacanomaics fheòil anns an eagran as ùire de STEALL, bho shealladh a chòrdadh ri Rìosa is Sàl:

https://twitter.com/drochbheul/status/1075525321095565314?s=21

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

STEALL 4

STEALL4Tha STEALL 4 an seo! Agus tha sin a’ ciallachadh caibideil ùr bho An Luingeas Dorcha Air Fàire: Am Beachlannair. Tha mi an dòchas gun còrd i riubh. Leigibh fios dhomh!! Cuideachd, gheibhear sgrìobhadh bho iomadh gaisgeach Gàidhlig, nam measg, aiste bho Roddy Neithercut air poileataics agus beusan bìdh. Ù hù!!

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Innleadaireachd Ghinteil aig an Taigh

Mìos sa chaidh, ghairm sgioba bhitheòlaichean Sìneach, fo stiùir He Jiankui (gu h-àrd), gun do rinn iad a’ chiad deasachadh loidhne-ghineig air dà shuth dhaonna a thàinig gu h-ìre an uair sin, agus a ruigeadh. Chaidh an càineadh gu mòr, fon chasaid nach robh an deuchainn riatanach, no beusach, ach ceist nam beusan dhan dàrna taobh, chan eil teagamh ann gu bheil linn na h-innealadaireachd ginteil air daoine air ruighinn a-nis, agus gu laghail, no gu mì-laghail, is cinnteach gun dèanar barrachd is barrachd dheuchainnean da leithid o seo a-mach.

Agus thug seo orm smaoineachadh, le cho furasta ’s a tha e deasachaidhean coltach ri seo a dhèanamh le CRISPR/Cas9, agus le obair-lannan ginteil dachaidh gan reic air prìs reusanta, dè seòrsa deasachaidh a dhèanadh orm fhìn nam biodh an cothrom agam. Seachdain sa chaidh, sheall sgioba bhitheòlaichean Astràilianach, le bhith a’ cur às de aon ghine, Rcan1, gum b’ urrainn dhaibh casg a chur air luchagan a’ fàs reamhair, ge b’ e dè an uiread a dh’itheadh iad. Tha còrr is 1.9 bilean daoine air feadh an t-saoghail ro reamhair a-nis, agus mu cheithir millean a’ bàsachadh mar thoradh gach bliadhna. Tha e smaoineachail gum b’ urrainn dhuinn uibhir de dhaoine a shàbhaileadh le dìreach aon atharrachadh sìmplidh anns a’ ghineom.

Agus mar as motha a tha sinn a’ tuigsinn aoiseachadh, tha e a’ sìor thighinn am follais nach eil càil do sheachanta mu chrìonadh le aois, no fiù ’s mu bhàs fhèin anns an fhad-ùine, bu dòcha. Tha bitheòlaichean a’ sònrachadh mòran ghinean a-nis a tha an sàs ann an gnìomh an aoiseachaidh agus tha dòchas ann, le drugaichean an cuimse air na ginean seo, neo le deasachadh ginteil, gum b’ urrainn dhuinn a bhith beò mòran na b’ fhaide agus na b’ fhallaine na bhios sin an-dràsta.

NADTha corra leigheas dòchasach ma sgaoil mar-thà. Tha sgrùdaidhean inntinneach air an dèanamh air nicotinamide adenine dinucleotide (NAD+) mar eisimpleir, moileciuil a tha an sàs ann an slàinte ar maiteocòndraia, agus a tha ceangailte ri mòran ghalaran a thig le aois. Is coltach gun tèid ìre NAD+ sìos tro ar beatha, ach thèid an ìre àrdachadh a-rithist ma ghabhar corra mhoileciuil a tha air an staran meatabòlach a dh’ ionnsaidh NAD+, leithid nicotinamide riboside (NR). Chan eil fianais dheimhinn againn fhathast air èifeachd NR ann an daoine, ach air sàillibh ’s gur e beòthaman a th’ ann, seach druga, agus ri fhaighinn anns a’ bhùthaidh, bidh cuid ga ghabhail co-dhiù.

metforminAgus bidh cuid eile a’ leantainn an adhartais a nithear anns an rannsachadh air an druga, metformin. Tha metformin inntinneach air sàillibh ’s bheil buaidh aige air mòran ghalaran ceangailte le aois (ann an deuchainnean air beothaichean co-dhiù), agus gu bheil e ceadaichte mar-thà mar dhruga an aghaidh tinneas an t-siùcair. A-rithist, chan eil fianais dheimhinn againn mu èifeachd metformin ann an duine nuair a thig e gu galaran ceangailte ri aois, ach tha deuchainn druga mhòr an gnìomh an-dràsta agus anns an eadar-ama, bidh cuid a’ gabhail metformin ‘às-bhileag‘ an dòchas gun dèan e diofar.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Beag air Bheag

Cò bh’ ann an sgrìobhaiche na seachdain air Beag air Bheag seachdain sa chaidh ach mi fhìn! Air a’ phrògram, leugh mi a’ chiad earrann bhon nobhail do dh’inbhich òga agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh. Èistibh an seo (briog air an dealbh):

beagairbheag

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Togail Chaisteal anns na Neòil le Dòmhnall Moireach

gealachThàinig mi thairis air sgeulachd fhicsean-saidheans thràth eile aig an deireadh-sheachdain is mi a’ leughadh tro Rosg an Ealain air a dheasachadh le Alasdair I. MacAsgaill. ’S e Rosg an Ealain cruinneachadh de sgeulachdan goirid agus rosg goirid eile air an taghadh do dh’àrd-sgoilearan agus a chaidh a chur an clò le Roinn nan Cànan Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1966. Thàinig mòran dhe na sgeulachdan seo à Gairm, agus tha sùil agam gun tàinig an tè seo à Gairm cuideachd, ach chan eil mi cinnteach. Feumaidh mi barrachd rannsachaidh a dhèanamh.

Eu-choltach ri cuid dhe na sgeulachdan ficsean-saidheans tràth eile a tha mi air leughadh, ’s e tè aotram a tha seo. Cha robh Moireach a’ feuchainn ri ficsean-saidheans ‘ceart’, tomadach a sgrìobhadh, ach fealla-dhà goirid, mu bhodach a’ noradaich tac an teine agus ag aisling mu bheatha anns a’ bhliadhna 2503. Cha chaith sinn aodach an uair sin, is coltach, agus bidh clann a’ dol dhan sgoil air a’ ghealaich, a’ siubhail ann agus air ais ann an latha. Agus coltach ri mòran ficsean-saidheans tràth, bheachdaich Moireach air cor na Gàidhlig anns an linn ri teachd, agus gu h-inntinneach, cha tèid a bruidhinn ach ann an Afraga, air adhbhar air choreigin. Chan eil e ag innse dhuinn carson.

Aig dà dhuilleig de dh’fhaide, cha ionnsaich sinn mòran mun t-saoghal ùr, agus an sgeulachd uile a’ leantainn dhan denouement: am bodach air a dhùsgadh leis a’ bhean aige is ise ag iarraidh taic leis na soitheachan. Tha an sgeulachd a’ tòiseachadh le beachd a’ bhodaich bu dòcha gu bheil leasachadh teicneòlais a’ gluasad ro luath: “gun robh an t-eòlas ro mhòr agus an gliocas ro bheag”  ach ’s e sùileachan na sgeulachd: ged a dh’atharraicheas teicneòlas, bidh daoine mar a bha iad a-riamh.

‘Togail Chaisteal anns na Neòil,’ le Dòmhnall Moireach, ann an Rosg nan Eilean, Alasdair I. MacAsgaill (deas.), Glaschu: Roinn nan Cànan Ceilteach Oilthigh Ghlaschu, 58–60.

Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth | Sgrìobh beachd

Fear ùr eile bho Kneecap

Iontach maith!

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

‘Am Putan Dearg’ le Fionnlagh I. MacDhòmhnaill

launchkey

Tha Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig a’ cur na tasglainn aca ann an rian uair an-dràsta, agus an cois na h-obrach seo, tha iad a’ reic cuid dhe na seann leabhraichean aca: leth-bhreacan a bharrachd no leabhraichean air an caitheamh le cus leughaidh agus a leithid, agus cheannaich mi ultach dhiubh. Nam measg, fhuair mi fear eile de na leabhraichean-cruinneachaidh aig Gairm. Uaireigin na h-eachdraidh, rinn deasaichean Gairm sreath de leabhraichean a chruinnich na h-irisean aca ri chèile, agus b’ e àireamh 9 a bh’ anns an fhear seo, a’ gabhail a-steach na h-irisean bho 1960 agus 1961. Agus a’ leughadh troimhe, dè lorg mi ach sgeulachd fhicsean-saidheans eile ris nach do thachair mi roimhe: ‘Am Putan Dearg’ le Fionnlagh I. MacDhòmhnaill. B’ ann anns an eagran 34 a nochd i, an aon eagran anns an do nochd sgeulachd fhicsean-saidheans thràth eile: ‘Crìochan Farsaing” le Cailean T. MacCoinnich. Is iongantach cho pailt ’s a bha ficsean-saidheans ann an rosg Gàidhlig anns an fhicheadamh linn. Ciamar nach robh fios agam mu sheo!?

Anns an sgeulachd seo, tha MacDhòmhnaill a-mach air triùir a’ fuireach ann an saoghal diostopach ri teachd: fear ann an New York, fear ann am Peking, agus fear ann an Uibhist, an Gàidheal mu dheireadh anns an eilean. Tha gach fear ag obair dha na riaghaltasan aca, a’ cumail faire agus am meòir air na putanan a loisgeas na rocaidean niuclasach aca ma chì iad fianais air ionnsaigh bho na nàimhdean aca. Agus tha iad uile air an cronachadh leis na comannan ceannsachail aca ann an dòigh air choreigin: tha pàiste a bharrachd air an dithis a tha ceadaichte aig an fhear ann an New York; chaidh am fear ann am Peking a spothadh air sàillibh ’s gun robh pàiste gun chead aigesan; agus chaidh am fear ann an Uibhist a thoirt air falbh bho a phàrantan is e na bhalach òg, agus a chur gu sgoil shònraichte far an do rinn na h-ùghdarrasan nighe-eanchainn air.

Ach cha do sguab iad a h-uile toinisg às a’ Ghàidheal ghaisgeach seo, agus nuair a nì teaghlach de ghobhlanan-gaoithe nead na h-uinneig, thèid seann tuigse adhlaichte aig bonn inntinne a dhùsgadh a chuireas a shaoghal gu sgrios. Mar mhòran sgeulachdan ficsean-saidheans Gàidhlig às an linn sa, tha crìonadh cultair agus cànain na fho-theacsa soilleir, agus anns an sgeulachd seo, ’s e an ceangal dùthchasach aig an duine ri nàdar ann an Uibhist a bheir slighe a-mach dha à smachd nan ùghdarrasan.

Tha e smaoineachail gun deach uibhir de dh’fhicsean-saidheans a sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig tro na 60an agus tràth anns na 70an, agus tha mi cinnteach gun lorg mi barrachd. Molaidhean?

Fionnlagh I. MacDhòmhnaill (1960) ‘Am Putan Dearg,’ Gairm 34:171–5.

Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth | Sgrìobh beachd