Mar a sgrìobhas tu leabhar Gàidhlig!

Tha co-ogha agam, Vijay Prashad, agus ’s e inneal a th’ ann nuair a thig e gu sgrìobhadh leabhraichean. Tha e an aon aois dhomhsa, agus 19 leabhraichean aige an clò a-nis, agus tha cuimhne agam nuair a bha mi na b’ òige bha mi bog-balbh: cha b’ urrainn dhomh tuigsinn ciamar a rinn e e. Bhiodh e a’ sgrìobhadh nan leabhraichean aige, ag obair mar òraidiche aig oilthigh, a’ siubhail tric is minig timcheall na cruinne, a’ lìbhrigeadh òraidean agus a’ cruinneachadh dàta dhan rannsachadh aige, b’ e athar a bh’ ann, agus fhathast, bha ùine gu leòr aige gu crochadh a-mach còmhla riumsa mar nach robh dragh sam bith air inntinn. Dè an cleas dìomhar a bh’ aige?

Anns a’ chùrsa agam, Gàidhlig is Conaltradh, bidh sinn tric a’ bruidhinn air nobhailean Gàidhlig agus nuair a chuireas mi a’ cheist: am bu toil leis na h-oileanaich agam nobhail Ghàidhlig a sgrìobhadh aon latha, bidh iad ag innse dhomh gur e an rud as motha a chuireas bacadh orra, ’s e faide na h-obrach. Tha e a’ faireachdainn do-dhèanta fada dhaibh, leabhar 50, 100, 150 mìle facal a sgrìobhadh, agus bha mi fhìn dhen aon bheachd uair. Thòisich mi sgrìobhadh airson tlachd nuair a bha mi san àrd-sgoil, ach bha sgrìobhadh rudeigin cho fada ri nobhail a’ faireachdainn thar mo chomais. Cha b’ ann gus an do sgrìobh mi an tràchdas PhD agam (93 mìle facal) a thuig mi gum b’ urrainn dhomh a leithid a dhèanamh, agus ged nach bi mi a-riamh cho torrach ri Vijay, tha tuigse nas fheàrr agam a-nis air mar a chumas tu ri pròiseactan sgrìobhaidh fada agus beatha àbhaisteach agad aig an aon àm.

Is glè bheag na daoine a tha soirbheachail agus fortanach gu leòr gu beò-shlàinte a dhèanamh à sgrìobhadh a-mhàin, le beatha a leigeas leotha sgrìobhadh làn-ùine. Don mhòr-chuid againn, feumaidh sinn sgrìobhadh a theachd mun cuairt air obair-latha, teaghlach agus dleasdanasan eile. Ach fhathast, bidh daoine (coltach ri Vijay) a’ cur crìoch air nobhailean no air leabhraichean eile fhad ’s a tha iad an sàs ann an drip làitheil am beatha, agus ’s e an cleas dìomhair aca mar as tric: cunbhalachd. Feumaidh tu ùine a lorg a h-uile latha, no a h-uile seachdain do sgrìobhadh, agus ma chumas tu gu dlùth ri clàr-ama sgrìobhaidh, mìos an dèidh mìosa, bliadhna an dèidh bliadhna, fiù ’s mas e dìreach leth-uair a thìde gach feasgar, latha buidhe, bòidheach air choreigin, ruigidh an t-each sgrìobhaidh agad am muileann agus bidh dreach leabhair agad. Ù hù!

Bidh cuid a’ sònrachadh uair air choreigin san latha do sgrìobhadh (m.e.: àm-norraige an cloinne, sa mhadainn mus dùisg a h-uile duine, air an trèana a dh’obair), cuid eile a’ teachd an sgrìobhaidh aca a-steach anns na beàrnan a nochdas nam beatha agus ag amas air àireamh sònraichte de dh’fhaclan gach latha no seachdain, agus tha mi fhìn air an dà ro-innleachd a chleachdadh gu soirbheachail, ach gus cumail ri sgrìobhadh fad mhìosan no fad bhliadhnaichean mar seo, tha brosnachadh a dhìth, agus tha mi air ionnsachadh, ge b’ e dè seòrsa clàr-ama sgrìobhaidh a leanainn, gun robh e na bhrosnachadh mhòr dhomh an àireamh de dh’fhaclan a chuir mi sìos gach seachdan a chlàradh. Tha an cleas seo rud beag nerd-mhòr, ach mholainn e. Tha e ag obair. Mar eisimpleir, tha mi dìreach air crìocha a chur air leabhar eachdraidh a-mach air an iomairt fhada ann an Dùn Èideann gus sgoil Ghàidhlig a chur air bhonn sa bhaile, agus seo an clàr agam dhe dh’fhaclan a sgrìobh mi thar nam bliadhnaichean mu dheireadh:

faclan_eachdraidh

Chithear gur e pròiseact reusanta fada a bh’ ann. Thòisich mi anns a’ Ghearran, 2015: ceithir bliadhna air ais. Le deasachadh, tha mi suas gu mu 103 mìle facal, agus mar sin, ’s e seo an leabhar as fhaide a sgrìobh mi a-riamh. Cuideachd, chithear nach do rinn mi adhartas cunbhalach air. Bha beàrnan ann, gu h-àraidh dà bhliadhna an dèidh dhomh tòiseachadh air obair ùr mar stiùiriche Ghàidhlig is Conaltradh agus a dhol fodha a’ sgrìobhadh a’ chùrsa sin as ùr, nuair nach robh de thìde agam obair air an leabhar idir. Ann an ùine cho fada ri seo, agus le greisean ann nuair nach b’ urrainn dhomh sgrìobhadh, thug e brosnachadh làidir dhomh a bhith a’ feuchainn ri an loidhne dhearg sin a ghluasad suas beag air bheag.

An coimeas, seo an clàr agam bho sgrìobhadh ACDD:

faclan_drilseach

Rinn mi adhartas na bu chunbhalaich air a’ chiad nobhail agam, agus cuideachd, chan eil i idir cho fada ris an leabhar eachdraidh gu h-àrd, mu 59k facal aig a’ cheann thall, ach rinn mi an t-adhartas seo uile aig an taigh, ag obair nuair a b’ urrainn dhomh, a’ sgrìobhadh aig bòrd a’ chidsin, air an oidhche agus aig an deireadh-sheachdain.

Tha rudeigin cho àrd-chùiseach mun t-sònrachadh nobhailiche ach chan eil dad seunta mu dheidhinn. Feumaidh tu dìreach suidhe sìos agus sgrìobhadh gu cunbhalach. OK, is cinnteach gu bheil fada a bharrachd an sàs ann an sgrìobhadh leabhair na dìreach càrnadh suas faclan, agus gu dearbh, rinn mi fhìn mòran obrach air a’ cheàird agam mar ùghdar mus do theann mi obair air nobhail, ach saoilidh mi gur e faide na h-obrach an rud as motha a chuireas stad air mòran daoine, agus is truagh sin. Tha  nobhailean ùra a dhìth oirnn, agus creididh mi gu làidir gu bheil nobhail Ghàidhlig (no deich) anns gach Gàidheal, tòrr mòr sgeulachdan sgoinneil a’ feitheamh annainn uile. Tha nobhail annaibhse gu cinnteach. Siudaibh a charaid, sgrìobhaidh leabhar!

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s