Briathrachas: An Luingeas Dorcha air Fàire

Mar a bhiodh dùil, bha iomadh taghadh agam ri dhèanamh a thaobh briathrachas anns an nobhail seo, an dà chuid a thaobh bhriathran teicnigeach is saidheansail, ach cuideachd, a thaobh chleachdaidhean is bhriathran ann an suidheachaidhean àraid. Seo shìos na briathran a thaghadh mi:

adrànailin = adrenaline (b)
agartach = protestor (Gàidhlig na h-Èireann: agóideoir)
air fosadh = on pause
air snàmh = floating
algairim = algorithm
ana-chràdhair = analgesic
analog = analogue
an-amharasach = paranoid
android (fir.) = android
ann an cuairt = in orbit
ann-stealladh = injection
ath-ghluasad = reflex
babht-stiùiridh = joystick
bataraidh = electrical battery
bàrr-shealgair = apex predator
bhaidhneal = vinyl
bholt = volt
bith dhaonna = human being
bun-mhìr = elementary particle
carbon-dà-ogsaid = carbon dioxide
casachan = (bike) pedal
casgan = vehicle brake
cearclair = gyroscope
cianaid = cyanide (Gàidhlig na h-Èireann: ciainíd)
cileobholt = kilovolt
ciste-luchda = shipping container
ciùineadair = tranquilizer
clàr-coiseachd = gangway, gangplank
clàr-grèine = solar panel
clàr-iuchrach = keypad
clais = channel (conaltradh, craoladh)
clòrain = chlorine
cnag-coise = (motorcycle) foot peg
co-chiallach ri = synonymous with
coltachd = probability
cop-carboin = carbon foam
coimheagar = system (comh-eagar, seach siostam)
coirteis na h-eanchainn = cerebral cortex (Gàidhlig na h-Èireann: coirtéis)
co-mheadhanach = concentric
consoil = console (teicneòlas, bhon Fhraingis)
conaltrachair = communicator
coròna na grèine = the sun’s corona
corporaid = corporation (Faclair na Pàrlamaid)
co-thìmichte = synchronous
craoladair = transmitter
crioptaichte = encrypted;  crioptografach, crioptografas
cròm = chrome
cuairt-bhòrd = turntable; circuit board
cuantamach = quantum
cultas = cult (bho Ghàidhlig na h-Èireann, bhon Laidinn o thus)
daor-chleachdadh = exploitation (anns an t-seagh àicheil)
dànachuairt = adventure
dealachadh = electrical insulation
dealan-mhagnaiteach = electromagnetic
deannaire = speeder (còmhdhail)
dearcnachair = monitor (inneal)
dì-ghalaraich = disinfect
dì-luathachadh = deceleration
dì-obrachadh = malfunctioning
diug-bhocsa = jukebox
diùl = joule
eadar-cheap = intercept
eadar-theangair = translator (inneal)
eileagtronaigeach = electronic (vs dealanach = electrical)
èirigheach = emergent, coltach ri éiritheach ann an Gàidhlig na h-Èireann
fèin-chàireachail = self-repairing
fèin-ghluasadach = automatic
fèin-obrachail = automated
fleodrachd = buoyancy
foirdhealbh = plan, schematic (seach plana, facal Alasdair mac Mhaighstir Alasdair)
frìde = insect
gabhail-bhrath = exploitation
gineom = genome
giullachair = processor (seach pròiseasair)
a’ giullachd = processing
glacadair = (radio) receiver
glas-adhair = airlock
gò-sùla = optical illusion
haidridean suilfid = hydrogen sulphide
holo-grafach = holographic
iadhaire = antenna (inneal agus air beathach)
idheonaichte = ionized
in-chlàradh = registration
in-fhill = integrate
innis-mhuir = archipelago
innleadaireachd ghinteil = genetic engineering
instinn = instinct (bho Ghàidhlig na h-Èireann); instinneach, instinctive
iomanair = propellor (bàta, itealan)
iomarcach = redundant anns an t-seagh innleadaireachd, (Gàidhlig na h-Èireann agus Dwelly)
iom-obraiche =  reactor
ion-is-fior = virtual
labhraiche = speaker (inneal)
làmh-tharraingte = hand-drawn
lasadan = match
leudachair = amplifier
lorgaire = locator, tracker (inneal)
luathaichear = accelerator
luchdair = loader (inneal)
lùth-gluasaid = kinetic energy
madadh beag = coyote
maicreafon = microphone
maicreasgop = microscope
meadhan-seachnach = centrifugal
meatabolachd = metabolism
meileachas = hypothermia; meilicheasach, hypothermic (meilicheas, Dr. Uilleam MacCoinnich via Stòrdata)
milidiog = millisecond
motar-rothair = motorcycle
mothachair = sensor
muinge = necklace
murracaire = valuable flotsam and jetsam (Maighstir Ailein, GWESUE)
naitridean = nitrogen
neodron = neutron
neùron = neuron
nìon = neon
oibsìdian = obsidian
os-chruinne = off-world; os-chuinneach (off-worlder)
os-ghiùlain = superconducting
òson = ozone
os-thùrail = super-intelligent
pillean-cadail = sleeping pad
plaosg-teichidh = escape pod
plastaig = plastic
raon-cumaidh = containment field
riaraiche = card dealer
rìomhaireachd = calculation
SDN = DNA (searbhag dhì-ocsai-raibeo-niuclasach)
seal = greis, ach cuideachd, a turn at something (Tir an Aigh, Dòmhnall Grannd)
searbhag eatanòach = ethanoic acid (acetic acid)
sganair = scanner
sionc = zinc
sloc-stiùiridh = cockpit
smachdair = controller (inneal)
soc = nozzle (einnsean-rocaid)
soitheach = truinnsear: ainmear fireann; long: ainmear boireann
spòltadh = hacking (coimpiutaireachd)
spreigear = stimulant         
srannair = buzzer (inneal)
sgiathaichte = shielded
sileacon = silicon
steall-chrogan = spray can
steall-sgith = jet ski
stiall-laighe = landing strip, runway
suaineachan-grèine = sun lounger
tar-chuirear = transmitter
teine-bheinn = volcano
tilgeadair = projector
toll-boiteig magnaiteach = magnetic wormhole
trì-mheudach = three dimensional
triallair = traveller
tricead = (electromagnetic wave) frequency
tràill-mhotar = servo-motor
tùr innealta = artificial intelligence
turasaiche = tourist
urainium = uranium