Thug mo charaid Anndra ceangal dhomh dhan chòmhlan Alien Weaponry, còmhlan meatailt a sheinneas ann an Cànan nam Māori. An toiseach: abair ainm! Cho meatailt!! Cuideachd, tha Cànan nam Māori ag obair cianail math ann am meatailt. Agus tha e gu sònraichte ciut am pàrantan meatailt fhaicinn tighinn air turas còmhla riutha. Dork-o-licious math!