[NAIDHEACHD ÙR] Bidh a’ chuirm oidhche Shathairne a-nis air a’ bhàta The Cruz ann an Lìte.
Thèid Air Cuan Dubh Drilseach a chur air bhog ann an stoidhle punc ann an Dùn Èideann aig Cafe na Coille air an 27mh dhen Ghiblean. Bidh na sàr ròcairean, Oi Polloi, an làthair, cuide ri ceòladairean bho Chomann Ceilteach Dùn Èideann. Thigibh ann tràth, oir tha an cafe beag. Tha e a’ dol a bhith às a rian!










