[NAIDHEACHD ÙR] Bidh a’ chuirm oidhche Shathairne a-nis air a’ bhàta The Cruz ann an Lìte.
Tha e dearbhaichte a-nis gum bi dà bhogadh ann dhan nobhail an sreath a chèile, bogadh snasail oifigeil ann an Glaschu aig an fhèis-litreachais, Aye Write, air an 18mh dhen Ghiblean agus ‘bogadh’ mì-fhormeil punc anns a’ Choille ann an Dùn Èideann còmhla ri Oi Polloi agus ri Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann air an 27mh dhen Ghiblean. Bidh tòrr a’ tachairt anns a’ chola-deug sin ceangailte ris an nobhail agus postaidh mi barrachd naidheachd an seo nuair a thig i, neo bidh naidheachd a’ nochdadh air an duilleag seo aig CLÀR cuideachd. Ròc!!!
Dealbh via Tosgaid.