An dèidh ìoranais

Ge be na tha thu a’ saoilsinn mu Die Antwoord, còmhlan hip-hop Beurla/Afrikaans à Afraga a Deas, feumaidh tu aideachadh gu bheil an dòigh ’s gun tug iad ionnsaidh air an àrd-ùrlar an seo buileach maighstireil.  Mhurt iad e.  Tha an earrann bhideo gu h-àrd bhon a’ chiad chuirm aca ann an NYC, goirid an dèidh dhaibh tighinn gu aire eadar-nàiseanta, agus chan eil iad mealta idir.  Tha Die Antwoord neònach, conspaideach, deuchainneach, ealanta agus craicte … ach thar a h-uile nì eile, tha iad fìrinneach.  Chan eil iad neònach ann an dòigh ìoranta idir, mar seòrsa Brooklyn hipster.  Na h-aodaich làimh-dhèanta, na dàin gun rian, na pearsachan a chruthaicheas iad air an àrd-ùrlair — tha iad ga dhèanamh uile mar ’s gu bheil iad ga rìribh a’ creidinn ann.  Tha iad a’ gabhail ris an àrd-urlar mar ghaisgich, agus nam biodh aon phioc ìoranais ann, chan obraicheadh e idir.

Nuair a sgrìobh mi ACDD, bha an bhideo seo nam inntinn tric.  B’ ann mar seo a dhèanadh Rìosa e agus chanainn gur e seo an cleas dìomhair do shoirbheas ann an ceòl, ealain, poileataics, dad sam bith: feumaidh tu gabhail ris a’ chunnart agus dèan e mar ’s gu bheil thu a’ creidinn ann, ge be dè cho craicte ’s a tha e.  Tha an cultar iar-nuadh againn a’ dol fodha ann an ìoranas, ach tha an latha aige seachad tha mi an dùil.  Tha na comharraichean ann.  Tha ìoranas ro shàbhailte.  ’S e fìrinneachd a bheir buaidh.

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

Na trì laghan aig robotaics…

Seo Isaac Asimov a’ mìneachadh nan trì laghan a mhol e do raon an robotaics.  Chruthaich Asimov am facal ’robotaics’ agus bha fealsanachd agus teòraidh an robotaics na chùis-chùraim mheadhanach ann am mòran dhe na nobhailean a sgrìobh e, ach dè cho beusach ’s a tha na laghan seo?  Ma tha sinn a-mach air innealan a tha comasach roghainnean a dhèanamh, a tha, ann an dòigheigin, fèin-mhothachail, a bheil na reachdan seo iomachaidh?  Nan cuireamaid am facal ‘tràill’ an àite ’robot’ anns na laghan, am biodh diofar ann?  Ann an ùine nach bi fada, thathar an dùil nach e ceist theòraidhel a bhios ann, ach ceist phractaigeach làitheil.  Thuig Asimov e fhèin mar libearalach, ach a bheil na laghan seo libearalach anns an t-seagh fharsaing?  Nan cuireamaid na riaghailtean seo an sàs anns an àm ri teachd, nach bitheamaid a’ cruithachadh clas de bhithean às na robotan le còireachan na bu choltaich ri còireachan an tràill neo còireachan a’ choin, an àite còireachan an duine shaoir.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Atari Punk Console

Roimhe, chuir mi a’ cheist: ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò ann an dòigh bheothail agus chruthachail?  B’ urrainn dhut coimpiùtairean agus smachdairean a chleachdadh còmhla ri bathar-bog mar Ableton Live, mar a nì an Glitch Mob, ach nach biodh e fiù ’s na b’ fheàrr cluich air ionnstamaidean eleactrònach a rinn thu air do cheann fhèin?  Tha Collin Cunningham an seo a’ sealtainn mar a nì thu Atari Punk Console, agus tha e ooooooooolc!  Cuideachd, is toil leam an bhideo seo.  Seall air an àite-obrach sin — coltach ri taobh a-staigh an Jawa Sandcrawler ann an Star Wars.

Air a phostadh ann an ceòl | 1 bheachd

Lìon ùr dha na robotan

’S e iomairt a th’ ann an RoboEarth a chum eadar-lìon ùr a thogail do robotan, lìon fa leth far am b’ urrainn do robotan conaltradh ri chèile agus ionnsachadh o chèile.  Tha innealadairean agus rianairean RoboEarth an dòchas gun luathaich an lìon ùr mion-fhàs nan robotan a dh’ionnsaidh tùir innealta, agus iad an dùil gum b’ urrainn do robotan ionnsachadh o chèile fada nas luaithe agus nas èifeachdaich na dh’ionnsaicheadh iad bho dhaoine bhitheòlach.  Tha an iomairt seo a’ togail na ceist inntinnich: ma ruigeas robotan fèin-mhothachadh agus tùr neo-eisimealach, am bi daoine bhitheòlach an sàs anns a’ ghnothach idir, neo an dèan na robotan a’ chùis air an ceann fhèin?  Agus càit am fàg sin sinne?

Via am BBC.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Baxter – an robot snog a ghoideas d’ obair ort

Seo robot saor a tha furasta prògramadh agus a nì obair fhactaraidh aig cosgais co-ionnan ri $4 an uair.   Tha Baxter ri reic mar dhòigh gus obair a chumail anns na Stàitean, seach ga gluasad gu dùthchannan far a bheil turasdalan na ìsle.  Mar theachdaireachd shanasachd, tha sin seòlta agus glic, ach nach eil e fada nas coltaich nach faigh an seann luchd-obrach “àrdachadh gu manaidsearan robotan”, ach gun cuir Baxter às de dh’obair dhaoine a chionn ’s gu bheil e cho saor?

Via an New York Times

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Buillean eleactrònach às na sràidean

Ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò?  Ciamar a nithear cuirm-chiùl bheòthail ocàideachail nuair a tha mòran dhen cheòl fhèin fo smachd choimpiùtairean, innealan-druma, sreathadairean agus a leithid?  Seo an fhreagairt aig an Glitch Mob.  A’ cleachdadh bathar-bog mar Ableton Live agus smachdairean mar an M-Audio Trigger Finger, nì iad ceòl ùr air làrach am bonn, agus seo iad a’ toirt nam buillean dhan t-sluagh ann an SF.

Air a phostadh ann an ceòl, SF | 1 bheachd

Am burrito as fheàrr ann an SF

Ann an San Fransisco, cha bhi thu a-riamh fada air falbh bho dheagh bhurrito, agus ’s ann anns El Castillito a gheibhear am fear as fheàrr.

Mar a tha am pizza do New York, ’s ann mar sin a tha am burrito do SF: biadh an t-sluaigh. Tuigear gun deach am burrito grande, mar as aithne dhuinn an-diugh e, a chruthachadh ann an sgìre a’ Mhisein ann an SF uaireigin anns na trì ficheadan.  Theirear gu bheil ceudan de taquerías a-nis air am breacadh mun chuairt bàgh SF, agus mòran dhiubh rin lorg anns a’ Mhisean fhèin.  ’S e cùis dheasbaid a th’ ann am measg muinntir SF, cò am burrito as fheàrr, ach chan eil amharas orm gu pearsanta, agus an dèidh mòran rannsachaidh, gu bheil am burrito a nithear ann an taquería beag salach, El Castillito aig 17mh agus Sràid a’ Mhisein, aig bàrr an liosta.

Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an SF | 5 beachd(an)

A’ chiad leabhar a leugh mi…

Nuair a bha mi òg, bha trioblaidean ionnsachaidh agus trioblaidean leughaidh uabhasach orm, agus cha do thòisich mi leughadh idir gus an robh anns a’ chòigeamh bliadhna anns an sgoil, mu dhusan bliadhna a dh’aois.  An uair sin, dh’ionnsaich mi leughadh uile ann an aon leum mhòr, agus chaidh mo leughadh bhon ìre kindergarten gu ìre na h-àrd-sgoile ann an aon bhliadhna acaidèamach.  Is iongantach mar a tha an eanchainn ag obair — cha tuig mi carson a dh’ionnsaich mi anns an dòigh neònaich sin — ach sin na thachair.

Gu h-obann, land mi anns a’ chlas leughaidh a b’ adhartaich, agus dè thug iad dhuinn ri leughadh ach Dune le Frank Herbert.  Mar sin, b’ e Dune a’ chiad leabhar a leugh mi nam bheatha, leabhar tomadach fada, còrr is 400 duilleag, le faclan doirbh agus cuspairean abaich, agus mar a bhite an dùil, thug e buaidh làidir orm agus greim air m’ inntinn nach do lagaich mòran rè nam bliadhnachan.  Fiù ’s, chuala mi gun robh Herbert a’ dol a bhruidhinn làmh ri taigh mo phàrantan a’ bhliadhna sin, agus chaidh mi gu èisteachd ris.  Bidh cuimhne agam air gu bràth, agus chun an latha an-diugh, ’s ann tric a bhios na h-ìomhaighean a chruthaich e anns an leabhar a’ ruith tro m’ eanchainn nuair a dhùisgeas mi anns an dorchadas.

Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 7 beachd(an)

Robot fèin-mhothachail neo duine innealta?

Nuair a thig an latha — agus thig an latha gun teagamh — a chruthaicheas sinn beatha shaibeirneatach fhèin-mhothachail, dè na còraichean a bhios aca?  An e tràillean a bhios annta neo co-ionnanaich?  Seo fiolm goirid drùidhteach a-mach air a’ cheist sin.

Via boingboing.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Dùisg!

Chuir Oi Polloi clàr ùr a-mach o chionn ghoirid, Dùisg, agus seo a’ chiad bhideo às.

Fhuair mi leth-bhreac dhen CD fhèin bho Roddy Atomgevitter seachdain sa chaidh agus tha mi air a bhith ag èisteachd ris sa chàr bhon uair sin.  ’S e clàr iomadach farsaing a th’ ann.  Cho math ris an Oi! as dual dhaibh, tha òrain air a’ chlàr a tha nas coltaich ri US hardcore, neo cuid eile a tha coltach ri Metalica tràth — rudeigin ann dha na h-uile.  Tha e craicte math agus a’ còrdadh rium nas fheàrr le gach èisteachd.  Chanainn gur e Dùisg an CD punc Gàidhlig as fheàrr a chuala mi a-riamh agus e na cheum mòr air adhart do cheòl nuadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.

Via Tosgaid.

Air a phostadh ann an ceòl | 1 bheachd